Rannsaich

Gille an fheadain duibh.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 10527
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.43.A2+B

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.043

Geàrr-chunntas

Mac rìgh, a bha a' fulang dìmeas, a' pòsadh bana-phrionnsa agus a' faighinn lùchairt mhòr aig a' cheann thall.

Bha aon mhac aig rìgh ach bhàsaich a' bhanrigh. Chuir e a mhac air falbh agus phòs e a-rithist, agus bha triùir mhac eile aige. Chuala a' bhanrigh mun chiad mhac agus dh'iarr i air an rìgh a thoirt dhachaigh, ach bhiodh iad a' dèanamh dìmeas air. Rinneadh buachaille dheth ach cha d' fhuair e foghlam idir.

Chuidich tarbh e a thàinig a bhruidhinn ris ach nuair a fhuair a' bhanrigh a-mach mun tarbh bha i airson a mharbhadh. Le cuideachadh an tairbh chaidh a' bhanrigh a mharbhadh, agus dh'iarr an tarbh air a' ghille esan a mharbhadh ach gum faigheadh e feadan na chorp a bheireadh comas os-nàdarra dha an tarbh iarraidh air ais airson cuideachadh uair sam bith.

Fhuair an gille obair a' buachailleachd ghobhar còmhla ri cailleach ach dh'iarr i air gun a dhol faisg air dachaighean mòra nam fuamhairean a bha san sgìre. Chaidh esan do na gàrraidhean aca agus mharbh e fear mu seach dhen triùir aca le cuideachadh an fheadain a bha a' tionndadh na tharbh airson am marbhadh. Fhuair e fortan bho gach dachaigh agus chaidh e tron bhaile gach turas air muin làir bhrèagha agus aodach brèagha a bhuineadh do gach fuamhaire. Chunnaic a' bhana-phrionnsa e gach turas air an làir agus ghabh i gaol dheth.

Gach uair a bha e a' tilleadh dhachaigh chun na caillich cha robh e ag innse dhi ach gun robh e air cuid de na gobhair a bha i air a chall a lorg. An dèidh an treas fuamhaire a mharbhadh mharbh e màthair nam fuamhairean aig an robh trì fiaclan le comas os-nàdarra. An latha sin nuair a bha e a' marcachd tron bhaile air an làir bha a lèine fosgailte seach gun robh an t-sìde teth agus chunnaic a' bhana-phrionnsa ball-dòbhrain air uchd. Bha ise air a bhith a' lorg an duine a bha a' marcachd ach chùm e am falach. Nuair a chaidh i gu taigh na caillich chunnaic i am ball-dòbhrain air uchd nuair a thug e a lèine dheth. Phòs iad agus fhuair i a-mach gur e prionnsa a bh' ann. Thog e lùchairt mhòr dha a h-athair a fhuair iad air ais nuair a bhàsaich e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT300

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill chuala mise mar a bha siudach ann rìgh triop, agus bha e pòsta, agus bha aon ghille aige. Agus cha robh an gille fuathasach... air tighinn gu aois mhòr sam bith nuair a bhàsaich a mh-... a' bhan-righinn, agus cha robh aca a theaghlach ach e fhèin. Bha a-nist an rìgh air fhàgail leis fhèin, agus bha an gille... agus chuir e an gille gu ruige grianan àlainn an aona chraoibh far am faiceadh e a h-uile duine 's far nach fhaiceadh duine e.

Agus bhiodh e fhèin a' falbh dhan bheinn-sheilg daonnan, agus bhiodh e a' dol a choimhead a' ghille. Agus phòs e seothach a-rithist, an rìgh, agus bha dithis no thriùir ghillean aige bhon tè seo. Agus mar a bha ise, an dèidh a bhith air falbh co-dhiù, thàinig na gillean gu aois suas. Dh'fhàs iad nan cnapaich. Cha robh fhios aice gun robh an gi-... gun robh e pòsta reimhid idir. Thàinig an Eachlair Amhlair, an tè a bhios a' dèanamh na h-aimhreit daonnan anns na sgeulachdan, thàinig i mu chuairt, agus dh'fhaighneachd i dhith dè mar a bha iad a' faighinn air aghaidh. Agus thuirt a' bhan-righinn gun robh glè mhath, agus gun robh triùir ghillean aca fhèin a-nist.

"Seadh," ars ise, "chan eil fhios agad," ars ise, "gu bheil gille eile aigesan a bharrachd air a sin," ars ise.

"Chan eil," ars a' bhan-righinn, ars ise. "Ò uill, a bheil?" ars ise.

"Bha e pòsta reimhid," ars ise, "'s tha gille aige," ars ise, "'ga chumail ann an grianan àlainn an aona chraoibh," ars ise, "far am faic e a h-uile duine 's far nach fhaic duine e."

"Ò seadh," ars ise.

"Agus," ars ise, "ged a... ged a bhiodh an rìgh marbh a-màireach," ars ise, "cha bhiodh sìon agadsa no do chuid cloinne dheth," ars ise. "Bhiodh e aigesan. Agus nam bithinn nad àite," ars ise, "bheirinn... bheirinn air," ars ise, "an gille a thoirt dhachaigh."

'S e seo an rud a rinn a' bhan-righinn co-dhiù. Nuair a thàinig an rìgh seothach an oidhche sin dhachaigh às a' bheinn-sheilg dh'innis i mu dheidhinn. Agus thuirt e gun dèanadh e sin, gun toireadh esan dhachaigh an gille.

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Thugadh dhachaigh an gille, 's bha an gille a-nist a-staigh, agus cha robh e a' faighinn gu ruige sgoil idir, ach bhathar ga chlìoradh às dèidh bheathaichean a bhua-... a bhuachailleachd, agus a shealltainn às dèidh nam beothaichean air feadh na staid a bh' aca. Agus ò bha e a' faireachdainn na h-ùine uabhasach fada, fada agus ga fhaireachdainn neònach. Agus latha dhe na lathaichean an seothach a bha... chunnaic e an tarbh a bha siud a' tighinn air feadh nam beothaichean. Agus chuir e cuairt air na beothaichean agus dh'fhàg e bhuaithe e agus ghabh e a-nall agus thug e aghaidh air mac an rìgh. Agus thuirt an tarbh ris:

"Tha thu," ars esan, "a' buachailleachd."

"Tha," arsa mac an rìgh.

"Chan eil thu toilichte sam bith às," ars esan, "nach eil thu a' faighinn dhan sgoil."

"Ò chan eil," arsa mac an rìgh.

"An-tà, 's e an rud a nì thu a-màireach," ars esan, "bheir thusa leat do leabhraichean," ars esan, "agus," ars esan, "thig ann a sheo," ars esan, "agus fanaidh mise nad àite," ars esan, "agus chan èirich beud do chreutair," ars esan "gus... gus an tig thu air ais."

Uill, 's e seo an rud a rinn mac an rìgh, 's bha e gu math toilichte. Thug e leis na leabhraichean làrna-mhàireach, agus gun fhios... cha robh fhios aig duine gun tug e leis e ach thug e leis gun fhiosta e 's dh'fhalbh e. Thug e leis a dhinnear airson gum biodh... Bhiodh a dhinnear aige a' falbh co-dhiù nuair bhiodh e a' falbh a bhuachailleachd. Agus ràinig e far an robh na beothaichean, agus thàinig an tarbh.

"Thalla a-nist," ars esan, "agus seallaidh mise," ars esan, "às a dhèidh seo," ars esan, "gus an tig thusa."

Uill, dh'fhalbh mac an rìgh, 's bha e san sgoil. Ach cha robh e fada a' dol mar seothach co-dhiù nuair a chaidh am foirm... nuair a chaidh foirm mu chuairt gun robh seo a' tachairt. Agus chuireadh an uair sin geàrd a-mach a' far-cluais air feuch cò bha a' coimhead às dèidh nam beothaichean fhad 's a bha esan air falbh. Agus thug iad an aire gur e an tarbh a bh' ann.

Uill, thug a' bhan-righinn fa-near dhan rìgh gum feumadh e an tarbh a bha seo a mharbhadh. Uill, dh' aontaich an rìgh sin a dhèanamh. Coltach nach b' urrainn dha a dhol na h-aghaidh co-dhiù, ach...

An latha bh' ann a sheothach, thuirt an tarbh ris-san:

"Nist," ars esan, "tha iad," ars esan, "a' dol a dh'fheuchainn ri mise a mharbhadh a-màireach," ars esan. "Ach," ars esan, "cha mharbh iad idir mi," ars esan. "Cha dearg iad orm. Ach," ars esan, "feuch," ars esan, "am faigh thusa," ars esan, "faisg ormsa," ars esan, "agus nam faigheadh tu grèim air adhairc ormsa san dol seachad," ars esan, "chì... bheireadh iad a-mach... bheir iad a-mach a' bhan-righinn an uair sin," ars esan, "'s gum faic i," ars esan, "'s ma bheir iad a-mach i," ars esan, "'s gum faigh mise faisg oirre," ars esan, "cha tèid i a-staigh cho math."

'S ann mar seothach a bha. Làrna-mhàireach co-dhiù chruinnicheadh daoine 's chruinnicheadh coin, agus chaidheadh a dh'iarraidh an tairbh. Thogadh an tarbh 's bhathar a' feuchainn ri chur a-staigh dhan... gu ruige bàthach no stàball no àite air choreigin airson gum marbhte e. Agus bha e a' dol timcheall nan taighean agus na coin às a dhèidh 's na daoine. Agus bha e siud a' dol seachad air oisinn 's thug mac an rìgh cruinn-leum agus fhuair e grèim air adhairc air. Agus chaidh brath an seo a-staigh chun na ban-righinn i a thighinn a-mach agus gum faiceadh i cho sgoinneil 's a bha mac an rìgh, an gille. Agus thàinig i a-mach, agus anns an àm a bha ise a' tighinn far oisinn na pàileis bha an tarbh a' tighinn na h-aghaidh air an taobh eile. Cha do rinn e ach an adhairc a bha clìor a chàradh fòidhpe, 's chaith e os a chionn i, 's dh'fhalbh e. Thug e an aghaidh... thug e aghaidh an uair sin air a' mhonadh.

Uill, bha e a' falbh fada 's làn fhada anns a' mhonadh an sin, 's chaidh e pìos mòr air aghaidh anns an àite. Cha robh fhios aige o Dhia cà robh iad a' dol ach gun robh an tarbh còmhla ris. Agus thàinig an seo beul an latha agus stad an tarbh.

"Nist," ars esan, "marbhaidh tusa mise," ars esan.

"Ò cha mharbh," arsa mac an rìgh, "mise thu," ars esan.

"Ò marbhaidh," ars esan. "Chan eil mise gus an còrr feum a dhèanamh dhut tuilleadh," ars esan. "Ach ma mharbhas tu mi," ars esan, "bidh mi... nì mi feum dhut," ars esan, "'s nì mi... bidh mi nam chuideachadh agad," ars esan. Agus:

"Ò," arsa mac an rìgh, "chan eil mi airson ur marbhadh idir."

"Ò tha," ars esan. "Marbhaidh tu mi," ars esan. "Agus," ars esan, "nuair a mharbhas tu mise," ars esan, "feuch am broilean agam," ars esan, "agus gheibh thu feadan ann a shin," ars esan, "agus," ars esan, "bheir às am feadan 's glan 's cuir air dòigh e," ars esan, "agus rud sam bith a bhios a' cur dragh ort," ars esan "cha bhi agad ach am feadan," ars esan, "a chaitheamh air a bheulaibh," ars esan, "'s tha mise na àite."

Uill, a dh'olc no dh'èiginn dhan d' fhuair mac an rìgh, 's cha robh e toilichte, mharbh e an tarbh agus fhuair e, mar a bha an tarbh ag iarraidh, fhuair e am broilean aige, agus fhuair e am feadan anns a' bhroilean, agus thug e às am feadan.

Uill, dh'fhalbh e seothach agus dh'fhàg e an tarbh ann a shin, agus chùm e roimhe. Agus eadar sin 's feasgar thàinig e air baile. Agus thuirt e ris fhèin gum feuchadh e ri àite fhaighinn ann a sheo.

Agus chùm e sìos air a' bhaile agus bha taigh beag iomallach ann a shineach a-mach às a' bhaile, seadh, nach robh a-staigh am measg nan taighean mòra eile a bh' ann, agus thuirt e ris fhèin gun rachadh e chun an taighe a bh' ann a sheo feuch gu dè seòrsa àite a bh' ann.

Agus 's e seo an rud a rinn e. Chaidh e chun an taighe agus bhuail e aig an doras agus thàinig boireannach chun an dorais. Agus dh'fhaighneachd e am faigheadh e cuid na h-oidhche aice. Agus thuirt i gum faigheadh, e a thighinn e a-staigh; gun robh i ag aithneachadh gur e srainnsear a bh' ann. 'S thuirt e gura h-e, nach robh e riamh san àite seo reimhid. Agus chaidh e a-staigh, agus fhuair e biadh aig a' chaillich. Agus thòisicheadh bruidhinn. Agus dh'fhaighneachd i dheth an sin cà robh e a' dol. Agus thuirt e gun robh e a' dol feuch am faigheadh e obair.

"An-tà, gu dearbh," ars ise, "tha mi fhìn," ars ise, "agus tha gille a dhìth orm cuideachd," ars ise, "buachaille ghobhar," ars ise. "Agus dh'fhalbh am buachaille a bh' agam airson nan goibhrean," ars ise, "'s chan eil agam ach mi fhìn an seo," ars ise, "agus tha aon dà fhichead gobhar ann," ars ise. "Agus dh'fhalbh am buachaille orm," ars ise, "a bh' agam," ars ise, "agus chan eil teansa agam air gille fhaighinn mura faighinn... mura faigh mi an àite air choreigin e."

"An-tà," ars esan, "gabhaidh mi... fanaidh mise agaibh," ars esan, "air a shon sin," ars esan.

"An-tà, ma dh'fhanas, a Dhia," ars ise, "'s mise bhios toilichte," ars ise, "agus 's e làn dìth do bheatha," ars ise, "agus cha bhi dad a dhìth ort," ars ise, "còmhla riumsa an seo."

Agus dh'fhan e a-nist, dh'fhastaidh e aig a' chaillich co-dhiù na bhuachaille air na gobhair. Agus làrna-mhàireach an seothach, nuair a dh'èirich e 's a fhuair e bhracaist thug a' chailleach a-mach e 's gum faiceadh e far an robh na goibhrean, 's bha e a' falbh leotha dhan bheinn, gu ruige monadh a bh' ann. Agus thuirt a' chailleach ris:

"A-nist... nist," ars ise, "àite sam bith dhen mhonadh," ars ise, "faodaidh tu an leigeil," ars ise, "ach feuch," ars ise, "nach tèid thu ro fhada... fhada air aghaidh anns a' mhonadh," ars ise. "Tha fuamhairean," ars ise, "triùir fhuamhairean an sineach," ars ise, "air an trac a tha sin," ars ise, "anns a' mhonadh. Agus air na chunna tu riamh," ars ise, "na teirig faisg orrasan," ars ise, "no bidh thu fhèin 's na gobhair," ars ise, "a dhìth."

"Ò cha tèid gu dearbh," ars esan, "mise an comhair-san... comhair nam fuamhairean."

Dh'fhalbh e. Ghabh e air falbh leis na goibhrean 's bha... dhràibh e roimhe iad 's ràinig e am monadh. Bha e a' coimhead thuige 's bhuaithe, 's bha e a' leantail roimhe. Thug e an seo an aire dhan phàileis a bha seo pìos math bhuaithe, agus lean e air leis na gobhair.

Agus bha gàrradh snog ann a shineach an taobh a-bhos dhen phàileis a bh' ann, a h-uile seòrsa measan a' fàs ann. 'S dh'fhalbh e 's ghabh e chun a' ghàrraidh 's chuir e a dhruim ris a' ghàrradh 's leagadh beàrn ann 's chàireadh a-staigh na goibhrean. Bha craobh ann am meadhan a' ghàrraidh agus dh'fhalbh e 's shreap e a' chraobh 's chaidh e na mullach. Ach cha robh e fada shuas an sin co-dhiù nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhe d' fhuil, a mhic an rìgh. Agus bheir mise ort nuair a ruigeas mise thu," ars esan, "nach bi agad gigean air gach goigean dhìot, a' càradh do ghobhar a-staigh gu ruige mo ghàrradh-sa."

Agus ghabh e suas. Bha a h-uile ceum dhen talamh a' dol air chrith suas foidhe, agus gur gann gun robh mac an rìgh a' seasamh... ga sheasamh fhèin anns a' chraoibh.

"Siuthad," ars esan, nuair a ràinig e faisg air a' chraoibh, "thig a-nuas às a sin gu h-ealamh," ars esan, "agus bheir mise ort," ars esan, "nach cuir thu an còrr ghoibhrean a-staigh nam ghàrradh-sa ach na chuir."

"Seo," arsa mac an rìgh, ars esan, "beir air a' mhaide bheag a tha seo."

"Tilg orm e," ars esan.

Thilg e sìos am feadan thuige, 's bha an t-òganach a bha sin air a bheulaibh, 's am bad a chèile ghabh iad. Agus thòisich a' charachd agus thòisich an obair. Agus an seothach nuair a bha e sgìth ris an fhuamhaire, bhac e... leig e às am fuamhaire, bhac e bhuaithe 's leum e na tharbh, 's chuireadh adhairc ann an corp an fhuamhaire 's bhuaileadh ris an talamh e.

"Am bàs os do chionn," ars esan, "a bhèist, gu dè d' èirig?"

"Ò 's iomadh rud sin," ars am fhuamhaire, ars esan, "a th' agam," ars esan. "Tha mòran de ghnothaichean agam," ars esan. "Tha òr 's airgead agam gu leòr," ars esan. "'S tha a h-uile seòrsa eile agam," ars esan. "Tha sgàthan agam," ars esan, "'s nuair a sheallas mi ann," ars esan, "chì mi," ars esan, "fiamh an òir far an dàrna taobh dhe m' aodann," ars esan, "agus fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus tha cì-... tha cìr agam," ars esan, "'s nuair a chìreas mi mo cheann," ars esan, "tha i air an aon dòigh," ars esan, "fiamh òir far an dàrna taobh agus fiamh airgid far an taoibh eile. Agus," ars esan, "tha fàlairidh agam," ars esan, "'s nach eil a leithid anns an rìoghachd," ars esan. "Agus tha aodach agam," ars esan, "nach do chuir duine eile riamh air na b' fheàrr. Agus gheibh thu," ars esan, "a h-uile sìon dhiubh sin, ach leig leam mo bheatha."

"Thalla," ars an tarbh, ars esan. "Bidh sin agam agus do bheatha... do bhàs," ars esan.

Agus thugadh fùcadh dha agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire.

"Seo a-nist," ars esan ri mac an rìgh, "thig a-nuas às a sin," ars esan. "Agus thalla agus gabh sìos a-nist agus gabh cùram dhen phàileis a tha sin," ars esan, "agus cuir thu fhèin air dòigh agus dreasaig thu fhèin suas agus gabh do chuid cuairtean agus chan èirich sìon dhan chreutair a tha seo gus an tig thu."

'S ann mar seothach a bha. Thàinig mac an rìgh a-nuas. Ghabh e sìos dhan phàileis 's thòisich air siubhal na pàileis, 's bha sin ann pàileis. Nigh 's ghlan e e fhèin 's... leis a' chìr 's leis an sgàthan a thug an duine dha, 's dhreasaig e e fhèin, 's chan fhaca e... cha robh... chan fhaca e e fhèin riamh cho snog 's a bha e, 's chuireadh air deise leis an fhuamhaire, agus [???] a fhuair e sineach co-dhiù, agus thairngeadh a-mach an fhàlairidh dhonn a bh' aige, agus bha sin innte beathach snog.

Agus dh'fhalbh e agus ghabh e cuairt. Leum e air a muin agus thug e a h-aghaidh air a' bhaile às an tàinig e, anns an robh a' chailleach. Agus mar a chaidh e seachad air gach àite, chaidh e seachad air taigh na caillich. Agus bha rìgh ann a shineach san àite, agus chuir e cuairt air a sineach. Agus bha nighean òg aig a... aig an rìgh, agus chunnaic i e, agus ò ghràidhein chridhe, nuair a chunnaic i e bhuail i na basan. Dh'fheumadh ise grèim fhaighinn air an duine a bha siud.

Agus dh'fhalbh mac an rìgh co-dhiù nuair a chuir e na cuairtean 's thill e air ais. Agus ghlas e suas a h-uile sìon anns a' phàileis, agus ghabh e gu gàrradh an fhuamhaire agus chuir e a-mach na gobhair. Agus bha fichead gobhar eile aige còmhla ris an fhich-... an fheadhainn a bh' aige a' falbh.

Agus ràinig e a' chailleach, agus cha robh sìon aig na goibhrean ach gun robh iad a' coiseachd dhachaigh leis cho buidheach 's a bha iad.

"A dhuine, dhuine," ars a' chailleach, ars ise, "tha mi an dòchas," ars ise, "nach robh thu rathad," ars ise.... "cò às a thug thu na gobhair?" ars ise.

"Ò thug," ars esan, "à sgallachan 's à creagan," ars esan, "air feadh a' mhonaidh," ars esan, "far an robh iad," ars esan. "Tha mi," ars esan, "a' toirt fairis an sàs annta o mhochthrath," ars esan. "Agus," ars esan "'s ann às a sin a thug mi iad," ars esan.

"Ò," ars ise, "tha mi 'n dòchas," ars ise, "nach robh thu an comhair," ars ise, "nam fuamhairean."

"Nam bitheadh," ars esan, "tha mi cinnteach nach bithinn an seo an-dràsta," ars esan.

Agus:

"Siuthad ma-thà," ars ise, "thig a-staigh 's gum faigheadh tu do bhiadh."

Rinn e seo. Chaidh e a-staigh 's fhuair iad am biadh. Chuireadh air dòigh... chaidh a' chailleach chun nan goibhrean, 's ò Dhia, bha de bhainne aig a' ch-... aig na goibhrean... a' chailleach cha robh fhios aice dè dhèanadh i riutha 's cha robh soithichean aice a chumadh e. 'S ann a dh'fheumadh i brath a chur a chùbair airson tuilleadh chuman a dhèanadh dhi airson bainne nan gobhar.

"Agus a-nist," ars ise, "nuair a gheibh thu do bhiadh," ars ise, "tha cruinneachadh mòr gus a bhith an seothach," ars ise. "Tha a h-uile duine," ars ise, "anns a' bhaile a tha seo," ars ise, "anns an àite seo gus a bhith cruinn a-nochd aig nighinn an rìgh," ars ise. "Chunnaic i," ars ise, - "chunnaic mise mi fhìn e," ars ise - "chunnaic i," ars ise, "òganach a' dol seachad an-diugh an seo," ars ise, "air fàlaire dhonn," ars ise, "'s tha i... thuit i ann an trom ghaol air," ars ise, "'s tha i a' cruinneachadh a h-uile duine anns an àite feuch an spot i am measg nan daoine e."

"An-tà," ars esan, "tha mise seachd sgìth," ars esan, "mar a tha mi gun a dhol gu cruinneachadh nighean an rìgh," ars esan, "a' dìreadh chreag agus a' cromadh chreag o mhochthrath," ars esan, "ag iarraidh nan gobhar... ag iarraidh ghobhar 's a' toirt ghobhar à chreagan," ars esan. "Agus chan eil mise a' dol ann," ars esan, "air a [?h-aonach]."

Uill, cha robh air seo ach seo fhèin co-dhiù. Thug e an leaba air nuair a fhuair e a shuipear. Làrna-mhàireach dh'èirich e. Fhuair... fhuair e a bhracaist 's fhuair e deiseil, 's dh'fhalbh e leis na gobhair. Agus dh'fhalbh e na bu tràithe an-diugh leotha, agus lean e roimhe. Agus nuair a ràinig e gàrradh an fhuamhaire a bha an-dè... anns an robh e an-dè chaidh e seachad air agus chùm e air gus an do ràinig e an dàrna fear.

Agus nuair a ràinig e an darna pàileis dhe... dhe na fuamhairean ghabh e chun a' ghàrraidh, agus, mar a rinn e air an fhear an-dè, chuir e a dhruim ris a' ghàrradh 's leagadh beàrn ann, agus chuireadh a-staigh na gobhair. Agus chaidh e fhèin gu ruige mullach na craoibhe a bh' ann... a bh' anns... a bh' anns a' ghàrradh aige. Cha robh e fad an sin nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhe d' fhuil, a mhic an rìgh, ach bheir mise ort nuair a ruigeas mise thu nach bi agadsa ach gigean air gach goigean dhìot, a chuir do... a chàirich do chuid ghobhar agus a leag mo ghàrradh-sa agus a chàirich do chuid ghobhar a staigh... a-staigh ann."

Agus ghabh e suas agus ceum trom aige. Agus nuair a ràinig e suas an seothach faisg air a' chraoibh bha an talamh a' dol air chrith 's bha a' chraobh air chrith aigesan 's e... e na mullach. Agus:

"Siuthad," ars esan, "thig a-nuas à sin gu h-ealamh," ars esan, "agus bheir mise ort," ars esan, "nach cuir thu a-staigh gobhair a-màireach nam ghàrradh-sa."

Agus:

"Seo," ars esan, "beir air a' mhaide bheag seo agam," ars esan.

"Tilg orm e," ars esan.

Thilg mac an rìgh sìos am feadan, 's bha an t-òganach air a bheulaibh. Am bad a chèile a ghabh iad. Agus thòisich agus thòisich a' chath aca sin. Agus bha iad ag obair ann a shineach agus... gus an do... gus an robh... gus am faca an tarbh iomchaidh air bacadh bhuaithe agus e a' leum na tharbh agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire mar a chuireadh an-dè. Bhuail e ris an talamh e, agus thuirt e ris:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ò 's iomadh rud sin."

Uill, cha robh sìon a bh' aig an fhuamhaire an-dè nach robh aig an fhear seo a cheart cho math. Agus co-dhiù gheibheadh e a h-uile sìon dheth sineach a bh' aig an fhuamhaire ach a bhàs... ach a bheatha a leigeil leis. Agus:

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam agus do bhàs còmhla ris," ars esan.

Agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire, agus dh'fhàgadh ann a shin e, agus thuirt e ris - mac an rìgh:

"Nist," ars esan, "thig a-nuas às a sin," ars esan, "agus theirig sìos a-nist agus gabh charge às a siud," ars esan, "agus glas suas a' phàileis 's dèan rud sam bith a thogras tu fhèin rithe."

Dh'fhalbh e. Chaidh e sìos, mac an rìgh. Co-dhiù seothach, chaidh... shiubhail e a' phàileis 's fhuaradh a h-uile sìon, 's chuir e e fhèin air dòigh, 's ghlan 's dhreasaig e e fhèin suas dìreach cho math 's a b' urrainn dha, 's thugadh a-mach an fhàlairidh, agus dh'fhalbh e leatha cuairt an-diugh a-rithist.

Agus a' cheart rathad a ghabh e an-dè, ghabh e an-diugh ann nuair a chaidh e a-staigh dhan bhaile. Agus chunnaic nighean an rìgh e. Bha i air an uinneig, agus ma bha an duine brèagha an-dè bha am fear an-diugh a cheart cho brèagha ris. Agus thuit i ann an trom ghaol, 's och, dh'fheumadh ise fhaighinn co-dhiù, 's dh'fheumadh i fhaighinn.

Agus thill mac an rìgh co-dhiù 's thill e chun na pàileis 's ghlasadh suas i, 's ghabh e chun nan gobhar 's thug e leis iad, agus ràinig e a' chailleach. Agus bha fichead eile aige de ghobhair eile a-nochd.

"Ò dhuine, dhuine," ars a' chailleach, ars ise, "tha eagal orm," ars ise, "nach eil thu a' dol a dh'àite dòigheil leis na gobhair."

"Uill," arsa mac an rìgh, ars esan, "tha sibh a' faighinn nan gobhar math gu leòr."

"Ò tha," ars ise, "ach tha mi a' faighinn gobhair nach eil turas agam riutha."

"Chan eil fhios a'm," arsa mac an rìgh, ars esan, "nach do chaill... nach sibh fhèin a chaill iad," ars esan.

"Ò chaill mi," ars ise, "gu leòr," ars ise. "'S mi a chaill," ars ise. "An seirbhiseach a bh' agam," ars ise, "cha robh e faiceallach sam bith mun deidhinn. 'S e oidhche ainneamh," ars ise, "nach biodh feadhainn... tè no dhà a dhìth orm," ars ise.

"Ò ma tha sin mar sin," arsa mac an rìgh, "sin an fheadhainn a tha mise a' faighinn air feadh chreagan thall 's a-bhos," ars esan.

Agus cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù.

"Siuthad, ma-thà," ars ise, "thig a-staigh," ars ise, "'s gum faigheadh tu do bhiadh, 's tha thu glè fheumach air," ars ise.

Agus chaidh e a-staigh 's fhuair iad am biadh. Agus:

"An-tà," ars ise, "nist," ars ise, "tha... tha an ath chruinneachadh gus a bhith seothach a-nochd," ars ise.

"A bheil?" arsa mac an rìgh.

"Tha," ars ise.

"Dè an cruinneachadh a-nist?"

"Tha, aig nighean an rìgh a-rithist," ars ise. "Chunnaic i an-diugh," ars ise, "a leithid eile a dhuine," ars ise, "a' dol timcheall an àite."

"A dhuine, dhuine," ars esan, "nach neònach nach eil i a' faighinn grèim air."

Agus:

"Ò chan eil," ars ise. "Chan fhaigh e... chan fhaigh i grèim air," ars ise. "Tha e a' dol," ars ise, "cho luath seachad," ars ise, "agus nach fhaigh i grèim air."

Agus:

"Ò ma-thà," arsa mac an rìgh, ars esan, "chan eil mise a' dol ann, gu cruinneachadh sam bith," ars esan, "Tha mise sgìth gu leòr mar a tha mi," ars esan, "ged nach rachainn gu cruinneachadh," ars esan, "airson nighean an rìgh, agus tha mi cinnteach," ars esan, "nach... nach e mise a bh' ann co-dhiù," ars esan, "ach... ach [?sealladh], 's cha ruig i leas a dhol... coimhead a-mach air mo shon-sa."

Agus cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Nuair a fhuair iad an suipear chaidh iad a chadal. Dh'èirich esan gu math tràth an làrna-mhàireach, agus fhuair e a bhracaist agus thuirt e ris a' chaillich gun robh e a' falbh a-nist an-diugh leis na beoth-... leis na gobhair, agus gun robh e a' falbh na bu tràithe feuch am faigheadh e treiseag de shiubhal a dhèanamh air feadh a' mhonaidh feuch am faiceadh e... am faigheadh e gin eile dhe na gobhair a bha i a' call.

Dh'fhalbh e 's ràinig e an dà phàileis a bha e air rui-... ruith orra, agus chaidh e seachad orra sineach, agus ràinig e an treas tè. Agus ghabh e chun a' ghàrraidh aige agus rinn e mar a rinneadh air càch; leagadh beàrn anns a' ghàrradh agus chuireadh a-staigh na gobhair.

Uill, cha robh air seothach ach seo fhèin. Cha robh e fad sam bith - dh'fhalbh e 's dhìrich e suas dhan chraoibh mar a bha e a' dèanamh anns na gàrraidhean eile, agus thòisich e air cluich an fheadain a bha seo. Agus cha b' fhada seothach gus an cualas esan a' tighinn.

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil, a mhic an rìgh. Ach bheir mise ort nach bi agadsa ach gigean air gach goigean dhìotsa nuair a gheibh mise grèim ort, agus nach bi thu a' gabhail gu m' ghàrradh-sa agus a' leigeil a-staigh do chuid gobhair ann idir."

Agus a-nuas a bha e, agus nuair a ràinig e a' chraobh a tha seothach dh'iarr e air mac an rìgh:

"Thig a-nuas às a sineach," ars esan.

Uill, bha am fear seo gu math, gu math na bu treasa na... na càch, am fuamhaire. Agus dh'fhalbh mac an rìgh agus thill e... thilg e sìos am feadan, agus leum... bha an tarbh a bha seo air a bheulaibh, agus am bad a chèile a ghabh iad, e fhèin 's an tarbh. Agus an Dia, ged a bha e na tharbh fhèin, bha am fear seo a' toirt cleasachd dha, ach mu dheireadh co-dhiù fhuair e adhairc fo ìochdar a' chuirp aige agus bhuail e ris an talamh e, agus thug i an ath bhrogadh dha ann a shin dhen adhairc. Agus:

"Ò," ars esan, "am bàs os do chionn, a bhèist," ars an tarbh, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò," ars esan, "'s iomadh... 's iomadh èirig sin," ars esan, "a th' agam. Tha h-uile seòrsa a dh'iarradh duine agam," ars esan, "agus seòrsachan nach eil aig duine idir," ars esan. "Ach," ars esan, "bheir mi dhut a h-uile seòrsa dheth," ars esan, "ach leig leam mo bheatha."

"Ò," ars esan, "bidh a h-uile seòrsa a th' agad agam," ars an tarbh, "agus... agus do bhàs còmhla ris."

Agus mharbhadh am fuamhaire.

Uill, nuair a mharbhadh am fuamhaire a tha seothach thuirt e ri mac an rìgh:

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh charge às a siud," ars esan, "às a' phàileis," ars esan, "agus faiceam fhìn," ars esan, "gun gabh thu cùram dhiubh."

Agus 's ann mar seothach a bha. Thàinig e a-nuas. Sgioblaich e am feadan 's ribigeadh 's chuireadh air dòigh e 's thug e leis e, 's ghabh e sìos dhan phàileis. Agus sheall e air a feadh 's chunnaic e a h-uile sìon a bh' air a feadh, eadar òr 's airgead 's a h-uile h-ionntas a bh' innte. Agus dhreasaig 's ghlan e e fhèin 's chuir e air dòigh e fhèin, 's cha b' e an duine ceunda a bh' ann. 'S gann gum faithnicheadh e e fhèin leis cho math 's a bha e. Agus thugadh a-mach... bha fàlairidh aig an fhear seo mar a bh' aig càch agus thugadh a-mach an fhàlairidh agus chaidh e dhan dìollaid agus dh'fhalbh e leatha.

Agus dh'fhalbh e mar a dh'fhalbh e gach àite. Chaidh e timcheall a' bhaile anns an robh... a b' àbhaist dha. Agus chunnaic ise an-diugh a-rithist e, agus ò, ma chunnaic i e 's ann an-diugh a chunnaic i ceart e. Agus co-dhiù seothach dh'fhalbh esan, 's nuair a bha e air a chuairtean a ghabhail thill e air ais gu pàileis an fhuamhaire, agus ghlas e suas a h-uile sìon.

Agus thug e leis an uair sin na gobhair agus dh'fhalbh e dhachaigh chun na caillich leotha. Agus nuair a ràinig e, ò cha robh fhios aig a' chaillich gu dè chanadh i ris. Dh'fheumadh i a dhol far an robh an cùbair a-rithist a-nochd airson tuilleadh chuman a dhèanamh airson bainne nan gobhar. Bha mòran aice a-nist. Bha i air trì fichead gobhar eile fhaighinn a bharrachd air na bh' aice reimhid, agus cha robh fhios aice dè bha i a' dol a dhèanamh riutha, no cò às a bha e gan toirt. Agus ò, bha e gan toirt à creagan 's às a h-uile h-àite anns an robh... nam faiceadh e tè aca bha e ga toirt às.

Ach dh'innis i co-dhiù seothach dha an naidheachd a bha a' dol gun robh an ath chruinneachadh gus a bhith seothach a-nochd a-rithist anns a' bhaile a bha seothach aig nighean an rìgh, agus gum feumadh e dhol ann a-nochd.

"An-tà, 's ise bhios treis mar sin," ars esan. "Tha mise sgìth gu leòr mar a tha mi," ars esan, "agus cha ruig i leas," ars esan, "mise a dhol ann gam choimhead," ars mise... ars esan. "Cha mhise a bh' ann co-dhiù," ars esan, "ge brith cò chunnaic i," ars esan, "no cò an duine," ars esan, "a tha a' feuchainn rithe mar sin," ars esan.

Ach co-dhiù seothach thàinig àm cadail, 's ghabh iad an suipear 's chaidh iad a chadal. Agus an làrna-mhàireach an seothach dh'èirich esan gu math tràth a-rithist, agus thuirt e ris a' chaillich gun robh e a' falbh, agus nuair a fhuair e a bhracaist, agus dh'fhalbh e 's thug e leis na gobhair.

Ghabh e air falbh 's bha e a' falbh 's ràinig e a' chiad phàileis 's ràinig e seo an dàrna tè, 's ràinig e an treas tè 's chaidh e seachad oirre. Ach chunnaic e seo tè eile bhuaithe, agus thuirt e ris na inntinn fhèin:

"Uill, seo an tè mu dheireadh dhiubh, ge brith gu dè tha seo."

Agus dh'fhalbh e agus ràinig e. Bha gàrradh an seothach mar a bha ann an càch agus measan 's a h-uile seòrsa ann. Agus bha craobh anns a' ghàrradh, agus dh'fhalbh e agus chaidh e chun a' ghàrraidh agus leag e beàrn ann agus chuireadh a-staigh na gobhair.

Agus cha robh e fada sa... chaidh e suas dhan chraoibh a bha seothach agus thòisich e ri seinn an fheadain. Agus cha robh e fada seothach anns a' chraoibh nuair a chunnaic e a' chailleach a bha seo a' nochdadh a-mach. Agus b' e sin a' chailleach. Bha fi-... bha trì fiaclan innte, a- mach roimhpe, agus bha tè aca a' dèanamh bata dhi, agus an tè eile a' dèanamh an rathaid dhi agus tè a' dèanamh solas dhi. Agus ghabh i a-nuas.

"'S fhurasta aithneachadh," ars ise, "gur ann a' suirghe 's a' [?seiceineach]," ars ise, "a tha mo chuid mac-sa," ars ise, "nuair a thàinig thusa seachad orra," ars ise, "far an robh mise," ars esan... ars ise. "Ach bheir mise ort," ars ise, "nach bi agadsa," ars ise, "ach na... gus... nach bi agadsa ach gigean air gach goigean dhìot nuair a ruigeas mise thu."

Agus ghabh i suas agus i a' cur an talmhainn air chrith fo casan, agus ràinig i a' chraobh.

"Nuas à sin gu h-ealamh," ars ise.

"Seo," ars esan, "beir," ars esan, "air... air an fheadan seo agam."

"Tilg orm e," ars a' chailleach.

Thilgeadh sìos e, 's bha an tarbh air a beulaibh, 's am bad a chèilea chaidh a' chailleach agus an tarbh. Thòisich a' ghlaic a bha sineach. Agus an Dia, ged a bha e na tharbh fhèin bha a' chailleach a' toirt a dhùbhlan dha. Ach uair dhe na h-uairean bhrist e tè dhe na fiaclan.

"Thalla," ars ise, "tha a' chiad chuid dhem neart a tha siud," ars ise, "air falbh."

Agus laigh an tarbh oirre a-rithist agus... gus an d' fhuair e an tè eile, agus mu dheireadh chuir e an treas tè aiste, agus thuit a' chailleach.

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ò," ars ise, "tha a h-uile seòrsa agam," ars ise, "a dh'fheumadh boireannaich," ars ise, "agus tha fàlairidh agam cuideachd," ars ise. "Agus," ars ise, "chan eil... agus tha òr 's airgead agam," ars ise. "Ach," ars ise, "tha mi ag aithneachadh," ars ise, "gun deach crìoch air mo chuid mac-sa," ars ise, "mun do... mun do ràinig thu mise," ars ise. "Agus gheibh thu," ars ise, a h-uile sìon dheth sin," ars ise, "ach leig mo bheatha leam," ars ise.

"Thalla," ars esan, "bidh sin agam agus do bhàs," ars esan.

Agus mharbhadh a' chailleach, na fuamhairean.

"Siuthad a-nist," ars esan, "thig a-nuas," ars esan, "agus gabh sìos," ars esan, "agus glas suas a' phàileis sin," ars esan, "agus faiceam fhìn," ars esan, "gun toir thu feum asta... math asta a-nist," ars esan. "Agus," ars esan, "bidh... tha mise a' falbh a-nist," ars esan, "agus ma bhios èiginn sam bith ort a-rithist," ars esan, "gheibh thu a cheart cho math mi."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Co-dhiù seothach... agus bha latha uabhasach fhèin teth ann. Chaidh esan sìos agus ghlas e a' phàileis, agus nuair a ghlas e sineach dh'fhalbh e agus chaidh e gu pàileis fear eile dhe na fuamhairean agus dhreasaig e e fhèin suas le aodach an fhir sin, agus thug e leis an fhàlairidh aige, agus dh'fhalbh e air chuairt.

Agus bha latha sgràthail teth ann, agus bha e... bha e a' gabhail roimhe seothach, agus bha i cho teth agus gun do dh'fhosgail e seothach a' bhroilleach sìos mar seo, agus an [???] gaoithe a bh' ann bha i a' cumail na lèine aige fosgailte mar seothach, agus gu dè bh' air ach ball-dòbhrain fon chìch ann a sheothach thoisgeil aige.

Agus chaidh e... mar a chaidh e timcheall gach àite, chaidh e timcheall taigh an rìgh. Agus chunnaic ise tron uinneig e. Agus ghabh i stoc air agus chunnaic i e... chunnaic i a bhroilleach fosgailte, agus thug i an aire dhan bhall-dòbhrain a bh' ann a sheothach air a... air an rud aige. Agus bha i air droch bharail a ghabhail air co-dhiù o thoiseach mar a bha e a' fuireach a-mach às an rud, gille na caillich man tuirt iad.

Agus cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Chùm esan roimhe agus chaidh e air ais gu taigh... chun a' ghàrraidh anns an robh... gàrradh na caillich agus thug e leis na gobhair.

Chuir e a-staigh an fhàlairidh dha h-àite fhèin, agus ghlas e suas a' phàileis a bha sin, agus chuir e... chaidh e chun nan gobhar agus thug e leis iad. Agus bha tuilleadh ghobhar aige a-nochd còmhla ris an t-seat a bh' aige a' tighinn.

Ach co-dhiù seothach, ràinig e taigh na caillich leis na goibhrean. Ò chan eil... cha robh fhios aig a' chaillich. Cha robh reusan dhi bhith a' bruidhinn ris. Cha robh fhios aice o Dhia gu dè rud [???] no cò às a bha e a' toirt nan gobhar no cò... no... agus cho buidheach 's a bha na gobhair a' tighinn dachaigh a h-uile latha.

Ach an oidhche a bha seothach, dè bh' ann ach oidhche... agus bha esan a' dol a shioftadh aodach. Agus dh'fhalbh nighean an rìgh agus chaidh i gu ruige taigh na caillich a bha seo. Agus dh'innis i dhan chaillich agus chaidh i am falach ann. Agus chaidh esan, chaidh e suas. Bha i ag èisteachd far an robh i am falach. Bha i ga chluinntinn, e fhèin 's a' chailleach, 's thuirt e gum feumadh e a dhol a shioftadh, gun robh e a' dol [?air sioft a-nochd].

Agus chaidh e suas gu ruige rùm co-dhiubh, agus nuair a chaidh esan dhan rùm chaidh ise a dhìdearachd air. Agus ge brith gu dè mar a dh'fhàg e an doras - tha mi cinnteach nach robh dùil aige rithese - dh'fhàg e an doras air a leth-bhalla. Bha ise, bha i far an robh i. Bha i ga fhaicinn, agus thug i an aire dìreach dha nuair a chuir a dheth a lèine, thug i an aire dhan bhall-dòbhrain a bh' air ann a shiud, mar a bh' air a cheart... a cheart fhear a chunnaic i an-diugh. Agus cha do rinn i ach an doras fhosgladh 's gabhail a-staigh.

"Seadh, òganaich chòir," ars ise. "'S tusa," ars ise, "a bha gam mhealladh-sa," ars ise, "o chionn ùine an seo," ars ise.

"An e mise?" ars esan.

"Do bhodhaig," ars ise. "Agus," ars ise, "feumaidh tu mise a phòsadh," ars ise.

"Cha phòs thu mise co-dhiù," ars esan, "buachaille ghobhar sam bith," ars esan.

"Pòsaidh," ars ise. "Chan eil thu am freastal air a bhith nad bhuachaille-ghobhar idir. Tha rudeigin eile ort a bharrachd... a bharrachd air a sin," ars ise.

Agus 's e seo an rud a bh' ann an uair sin. Cha robh aige ri tighinn às a siud. Dh'fheumadh e nighean an rìgh a phòsadh.

Uill phòs iad, e fhèin agus nighean an rìgh. Agus thuirt... nuair a phòs iad a-nist:

"Nist," ars esan, "togaidh sinn pàileis," ars esan. "'S faodaidh sinn a togail," ars esan, "nach bi a leithid," ars esan, "ri fhaicinn," ars esan.

Thòisicheadh ri tarraing an òir 's an airgid 's a h-uile sìon a bh' aig... a bh' aig na fuamhairean. Thog e an uair sin àite... pàileis a bha sin, agus 's ann... dh'innis e an uair sin gur e mac rìgh a bh' ann fhèin 's cò às a thàinig e 's a h-uile sìon 's bha e an uair sin ceart gu leòr.

Ach co-dhiù bha e na rìgh no na cheàrd leathase, bha e math gu leòr leathase co-dhiù. Agus thog e pàileis an uair sin dhan rìgh, agus nuair a thogadh a' phàileis seothach agus a bhàsaich an rìgh, 's esan a fhuair na àite an uair sin.

Agus fhuair mise cead. Bha a' chailleach gam chumail aig na gobhair, ach cha do dh'fhan mi idir aca. Fhuair mise cead a dhol dhachaigh.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Glè mhath.

DA: Sin agad a-nist.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math