Na daoine nach b' urrainn stad a dhannsa

Date
Track ID 106076
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.057.A15

Original Tape ID

SA1954.057

Summary

The people who could not stop dancing.

A Lochaber farmer called MacGregor was suspected of having skill in the black arts. On his way back from a journey he felt hungry and decided to go in to a farmer's house. The farmer's wife was busy making bread for the men working outside. She said she was too busy to give him anything. MacGregor went away. No sooner had he gone than the woman began to dance and sing a song. A servant was sent to see if the bread was ready. When she went in, she too began to dance and sing. Another girl was sent, and the same happened. Eventually the farmer went and looked through the window. He saw what was happening but did not go in. He went to a nearby house and was told about the visitor. He set off on his horse in pursuit of MacGregor, who told him how to break the spell. The farmer did as he had been told, and all the people collapsed on the floor. They were there for three days and three nights before they recovered.

The contributor speaks about storytellers in the area.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

William MacDonald (WM): Bha tuathanach air neo fear-fearainn ann am Bràigh Loch Abar uair agus 's e MacGriogair a bh' air, 's bha iad a' cur air gun robh sgoil-dubh aige, gun robh buidsichean aige. Ach co-dhiù, bha e air falbh an turas a bha seo, falbh bhon taigh air turas sònraichte air choreigin, agus dar a fhuair e a h-uile dad a bh' aige ri dhèanamh a chur ceart bha e a' tilleadh dhachaigh, agus bha e a' tighinn seachad air taigh tuathanaich a bha sin, agus bha e mu mheadhan-latha 's e gu math fann, acrach. Thuirt e ris fhèin gun rachadh e a-staigh a dh'iarraidh... feuch am faigheadh e grèim de bhiadh a dh'itheadh e, a chuidicheadh e air a rathad a' dol dhachaigh.

Chaidh e a-staigh 's cha robh duine beò a-staigh san taigh ach bean an tuathanaich agus i... gaoirdeanan truiste 's i cho trang 's a bha na... b' urrainn di ag obair air deasachadh arain a dhèanadh. Dh'innis e gun robh an t-acras air, 's gun robh e fuar fann, 's gun robh grèim de bhiadh a dh'itheadh e... a dhìth air a dh'itheadh e.

"Ò, chan urrainn dòmhsa biadh a thoirt dhut an-dràsta," thuirt ise ris. "Tha mi cho trang," ars ise, "'s na buan-... na buanaichean a-mach anns an achadh," ars ise, "ag obair air buain coirce an sin," ars ise, "'s an latha cho math 's bidh iad dhachaigh an-ceartuair a dh'ionnsaigh na dinneir," ars ise, "'s mura bi... feumaidh mi an t-aran a bhith agam air a dheasachadh mun tig iad, 's chan urrainn domh seud a thoirt dut."

"Glè cheart," thuirt e.

Chuir e mu chuairt dith a-mach an iar, 's a-mach a ghabh e, agus dar a fhuair esan a-mach an doras leum bean an taighe air an ùrlar agus thòisich i air dannsa, agus 's e am port a bh' aice:

Am fear mòr liath a thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Am fear mòr liath a thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Am fear mòr a liath thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Ach co-dhiù, aig àm dinnearach... dar a bha àm na dinnearach an seo ann bha iad, an fheadhainn a bha a' buain san achadh, a' toirt [?cinnt] nach robh... fios a' tighinn thuca a dhol dhachaigh gu an dinnear agus thuirt an tuathanach ris an t-searbhanta - bha i ag obair air a' choirce còmhla riutha - dhol suas feuch dè bha a' cumail na dinnearach air ais, nach robh iad ga faighinn.

Chaidh i a-suas agus bha bean an taighe a' dannsa air an ùrlar ann an sin agus port aice, agus chaidh ise a-staigh agus leum i fhèin còmhla ri bean an taighe, agus bha a cheart phort aice fhèin:

Am fear mòr liath a thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Bha iad... Thug iad an seo [?cinnt] nach do thill an tè a chaidh suas, an teachdaire a chaidh suas, agus chaidh tè eile a chur suas. Chaidh i sin a-staigh. Leum i fhèin air an ùrlar 's bha a cheart phort aice:

Am fear mòr liath a thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Bha duine 's duine a' dol suas 's bho dheireadh cha robh aig an tuathanach ach e fhèin a-mach a' buain air an achadh. Chaidh e suas agus bha e a' gabhail iongantas a-rithist dè bha ceàrr agus cha deach e a-staigh idir. Thòisich e ri gòradh orra tron uinneig mar sin. Bha a h-uile... a bhean 's a... na searbhantan 's na gillean 's a h-uile duine ann an sin 's iad air an ùrlar 's iad a' dannsa:

Am fear mòr liath a thàinig bhon iar
Dh'iarr e biadh 's cha d' fhuair e mìr

Bha iad a' dol mu chuairt a' ruidhleadh ann an sin nach coltach leithid de dhannsa riamh.

"Dhia," thuirt e ris fhèin, "tha rudeigin ceàrr an seo an-diugh," ars esan. "Cha tèid mi a-staigh idir," thuirt e.

Thog e air an seo agus chaidh e a-nunn gu taigh a bha goirid bhuapa, agus dh'fhaighneachd e do bhean an taighe a bha sin am faca i duine sam bith an-diugh no an deachaidh duine sam bith a-suas an rathad an-diugh no dad 's bha...

"Chaidh a leithid seo a dh'fhear seachad," thuirt a' bhean chòir a bha sin ris, "agus chunna mise a' dol seachad e."

"Ò, uill, ma chunnaic," ars esan, "'s e rinn a' bhochdainn orm," ars esan, "agus feumaidh mi falbh às a dhèidh."

Ghabh e a-staigh don stàball 's thug e a-mach an t-each a b' fheàrr a bh' aige 's leum e air a mhuin 's chuir e dìollaid air 's a-mach a ghabh e an dèidh MhicGriogair. Ò, rug e an seo air MacGriogair 's thuirt... ghrìos e air fuasgladh air an fheadhainn a bha a' dannsa air an ùrlar.

"Uill," thuirt MacGriogair ris, "dar a thilleas tu air d' ais," ars esan, "coimheadaidh tu," ars esan, "anns an ursainn os cionn an dorais mar siud," thuirt e. "Gheibh thu dealg dharaich," ars esan, "a' stobadh ann an sin - slatan-draodhachd mar a their iad ris," ars esan, "agus spìonaidh tu às mar siud i," ars esan, "agus dh'fhaodte gum fuasgail sin orra."

Thill e air ais. Chuir e an t-each a-staigh dhan stàball 's ghabh e a-staigh, 's fhuair e... fhuair e an slatan-draodhachd ceart gu leòr a bha san ursainn os cionn an dorais 's thug e spìonadh oirre, agus dar a thug thuit a h-uile gin riamh a bh' air dannsa air an ùrlar. Thuit iad marbh glan air an ùrlar ann an sin. Thug iad trì latha 's trì oidhche nan sìneadh an sin mum b' urrainn daibh car a dhèanamh.

Sin agad naidheachd a...

Calum MacIllEathain (CM): Agus 's ann aig bràthair bhur seanar a chluinneadh sibh an naidheachd sin, an ann?

WM: Uill, chan ann.

CM: Nach ann?

WM: Chan ann, ach aig tè a bh' ann san dùthaich ann an seo. Seann bhoireannach a bh' ann agus bha i uabhasach math. 'S e Clan a bh' oirre leis cho math 's a bha i air na sgeulachdan 's air na naidheachdan agus air rud... air... agus 's ann aice sin a chuala mi an naidheachd.

CM: Dè an fhine a bh' aice? Ban-Chaimbeulach?

WM: Chan e ach Màiri Dhòmhnallach.

CM: Màiri Dhòmhnallach.

WM: 'S e.

CM: 'S a bheil fad o bha i ann, o dh'eug i?

WM: Ò, dh'eug i, tha...

CM: Deich bliadhna fichead?

WM: Tha trì fichead bliadhna bhon a dh'eug i.

CM: A bheil cuimhn' agaibhse oirre?

WM: Tha.

CM: Bhiodh i sean nuair a dh'eug i?

WM: Ò, cha robh i fuathasach sean idir.

CM: Leth-cheud? Trì fichead?

WM: Ò, bhiodh i trì fichead, tha mi a' creidsinn.

CM: 'S ann a-muigh an siud air Chùl na Ceapaich a bha i?

WM: 'S ann, 's ann. Ò, fìor, fìor, fìor bhan-Dhòmhnallach. Ò, Clann 'ic Dhùghaill.

CM: De Chlann 'ic Dhùghaill?

WM: Clann 'ic Dhùghaill a bh' innte...

CM: 'S am biodh iad... am biodh iad a' cruinneachadh a-staigh...

WM: Bha i... bha i cho math air na naidheachdan agus air na sgeulachdan agus air na h-òrain agus air a h-uile rud a bha san dùthaich seo agus, 's e manaidsear a bh' ann an seo, 's e an Clan a thug e oirre leis cho math 's a bha i air na h-òrain agus air na naidheachdan agus air na sgeulachdan. 'S ann aice a chuala mi...

CM: Cò dha a bhuineadh i? Bheil duine ann a sheo beò a bhuineas dhi?

WM: Tha.

CM: A bheil? [???]

WM: Mise. Mise fear dhiubh.

CM: Buinidh sibh fhèin dhi?

WM: Buinidh, buinidh. Ach 's ann a thaobh... 's ann a thaobh Cloinn 'ic Leòid a bhuineas i dhòmhsa. Chan ann a thaobh nan Dòmhnallach, ged as e Dòmhnallach a bh' inntese chan ann a thaobh nan Dòmhnallach a bhuineas i dhòmhsa idir ach a thaobh Cloinn 'ic Leòid, ach tha mi a' creidsinn gum buin i dhomh a thaobh Cloinn 'ic Dhùghaill Mheòbail aig a' cheart àm, agus tha feadhainn...

CM: A-niste, an robh sibh a' dol a dh'innse dhomh... chuala mi iomradh mu tè a bha na bean... na bean-ghlùine, bha i uabhasach math aig na naidheachdan, an e bana-Chaimbeulach a bh' innte?

WM: Bha.

CM: A bheil beachd agaibh... rud sam bith agaibh oirre sin?

WM: Ò, bha mise glè òg dar a chaochail i.

CM: Ò, bha, bha. Thuirt sibh nuair a bha seann Dòmhnall Bàn na ghille òg gum faca esan i?

WM: Cò am fear?

CM: Nuair a bha MacEachainn a tha shuas an seo, nuair a bha esan na dhuine bha esan...

WM: Bha e a' fuireach làmh rithe. Bha e a' fuireach làmh rithe, coimhearsnaich a bh' annta.

CM: Bha ise math air na naidheachdan cuideachd?

WM: Bha i math air na naidheachdan

CM: Ach cha robh... mar bu trice 's e na fireannaich a bhiodh ag obair air na naidheachdan 's air na sgeulachdan sin san dùthaich seo, nach iad?

WM: 'S iad.

CM: 'S dh'fhaodte na h-òrain... bha na boireannaich air na h-òrain.

WM: Bha.

CM: Ach bha an dà bhan-sgeulaiche sin ann co-dhiù, feumaidh.

WM: Bha. Agus chuala mise de dh'òrain aig an tè ud, Clan ud, agus nan do chùm mi cuimhn' orra tha mi a' creidsinn gun do rinn mi... nach leiginn a leas car a dhèanadh gu bràth ach dìreach leabhar a sgrìobhadh orra, ach co-dhiù cha robh mise a' cur mòran ùidh ann san àm, cha robh mi ach òg.

CM: Ach bha òrain luaidh aice 's a h-uile sìon?

WM: Bha. Ò, bha.

CM: A bheil sìon a chuimhn' agaibhse air luadh fhaicinn?

WM: Luadh?

CM: Am faca sibh na mnathan ag obair air luadh?

WM: Chunnaic.

CM: An robh òrain aca?

WM: Chunnaic mi iad ag atharrais air anns an hall shuas ann an seo.

CM: Ò, seadh, dìreach.

WM: Cha robh ann ach atharrais, mar gun abradh tu.

CM: Ach chunna sibh an rud ceart nur n-òige, ge-tà?

WM: Ah, chan fhaca, chan fhaca. Ach bha e ann rim linn gun teagamh sam bith.

CM: Dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good