Dòmhnall mac Thormoid agus sìthichean Dùn Chuilinn

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 107284
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.112.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.112

Geàrr-chunntas

Dòmhnall mac Thormoid agus sìthichean Dùn Chuilinn.

Ghoid sìthichean pàiste nuair a bha a phàrantan a-muigh ag obair agus dh'fhàg iad tàcharan na àite. Fhuair Dòmhnall mac Thormoid, athair a' phàiste, comhairle an tàcharan fhàgail aig an t-sìthean. Bha droch aimsir ann an oidhche sin agus chuir a bhean Dòmhnall a-mach gus a thoirt air ais.

Thàinig tàillear gus briogais Dhòmhnaill a chàradh fhad 's a bha a' chàraid a-muigh ag obair. Thàinig nigheanan [sìthichean] dhan taigh. Thòisich an tàcharan air feadan a sheinn agus thòisich an dannsa. Chaidh an tàillear a dhannsa còmhla riutha. Bhuail tè dhe na nigheanan sgleog air agus leag i e. Cha robh anns an taigh ach e fhèin agus an tàcharan nuair a dhùisg e.

Thuirt seann duine ri Dòmhnall gum bu chòir dha innse dhan tàcharan gun robh an sìthean na theine. Rinn e seo agus chaidh an tàcharan à sealladh. Thill am pàiste aca fhèin dhan chreathail.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, bha siud fear ann a chuala mise, ma-thà, mu dheidhinn, agus 's e Dòmhnall mac Thormoid a bha... a theireadh... a chanadh... theireadh iad ris, an sloinneadh a bh' air an duine, agus Màiri a bh' air a' bhean aige, agus cha robh iad ach air ùr... seadh, bha iad air pòsadh.

Ach gu seo, co-dhiù, 's e an obair a bh' aca, 's ann... 's ann car de... de thuathanachas a bha iad. Bhiodh iad ag obair mun talamh a-muigh, a' dèanamh arbhar 's buntàta 's rudan dhen t-seòrsa sin.

Agus rugadh an seo pàiste dhaibh, pàiste gille, agus neo-ar-thaing nach robh meas air, agus 's e... 's e creathail... creathail a theireadh iad ris an rud a bh' ann an uair sin, chan e prams a bh' ann ach creathail, agus bhiodh an gille aca anns a' chreathail, agus... aig an teine.

Agus dh'fhàs e seothach na spuacach mòr, 's bhiodh e ann a shin anns a' chreathail, 's bhiodh iad fhèin a' dol a-mach a dh'obair agus a' fàgail a' ghille a-staigh nuair a chaidleadh e, 's nuair a bheireadh iad dha botal no rud dhen t-seòrsa sin.

Ach an latha a bha seothach co-dhiù, bha iad a-muigh, agus nuair a thàinig iad dhachaigh, cha robh sgeul air a' ghille anns a' chreathail, ach bodach grànda eile air fhàgail anns a' chreathail na àite.

Ò, cha robh fhios aca o Dhia, 's thòisich air tuiream ann a shineach, gu dè a dh'èirich dhan ghille. Cha robh fhios aca o Dhia gu dè rud a dhèanadh iad.

Ach co-dhiù, chaidh an naidheachd mu chuairt air feadh an àite, agus bha seann daoine anns an àite, 's daoine a bhiodh a' bruidhinn mu shìthich agus mu ghnothaichean, 's bha àite faisg air an taigh aca fhèin anns an robh iad ag ràdh a bhite a' faicinn solas, gur e sìthean a bh' ann.

Agus thuirt fear, seann duine a bha sineach, thuirt e ri Dòmhnall mac Thormoid:

"Nam bithinn-sa nad àite-sa," ars esan, "an rud a dhèanainn," ars esan, "phaisginn suas e," ars esan, "agus dh'fhalbhainn leis," ars esan, "agus dh'fhàgainn aig... aig bonn sgalla mòire e," ars esan, "aig an t-sìthean," ars esan, "feuch an gabhadh iad cùram. Math dh'fhaodte," ars esan, "gun toireadh iad a-staigh e," ars esan, "'s gun cuireadh iad thugad am pàiste," ars esan, "do ghille fhèin," ars esan, "na àite."

Uill, 's e seo an rud a rinn Dòmhnall mac Thormoid nuair a chaidh e dhachaigh. Dh'innis e do Mhàiri mar a bha an gnothach. 'S e seo an rud a rinn e. Phaisg e suas am bodach na achlais 's dh'fhalbh e leis, agus dh'fhàg e ann a shineach aig bonn na sgalla e, agus thàinig e dhachaigh.

Ach gu dè rinn an oidhche ach tighinn uabhasach dona, le uisge 's le gaoith, agus thuirt Màiri ris, a' bhean, thuirt i ris:

"Ah, dhuine," ars ise, "saoil thusa," ars ise, "an tug iad a-staigh am bodach bochd?" ars ise.

"Ah, tha mi coma co-aca," arsa Dòmhnall mac Thormoid, "co-dhiù thug 's no nach tug," ars esan.

Agus:

"Ah," ars ise, "'s ann as fheàrr dhut cur ort," ars ise, "agus thalla," ars ise, "agus seall a-null," ars ise. "Agus ma tha e ann," ars ise, "bheir leat dhachaigh e," ars ise.

'S e seo an rud a rinn e. Co-dhiù, dh'fhalbh e. Agus ràinig e, agus nuair a ràinig e bha am bodach anns a' cheart eag anns an do dh'fhàg e e. Agus cha do rinn e ach am bodach a sgioblachadh leis, agus thug e dhachaigh e.

Uill, bha e a-nist ann a shin, am bodach a-staigh, 's cha robh tuar air sìon. Ach dè thàinig mu chuairt ach tàillear a bha a' dol mu chuairt nan taighean airson... a' dèanamh aodaichean, agus bha aodach aig Dòmhnall mac Thormoid, briogaisean no rudeigin ri dhèanamh, agus bha an tàillear a' dol a dhèanamh nam briogaisean dha.

Agus bha e a-staigh an latha a bha seothach, an tàillear, 's bha iadsan a-muigh ag obair, an dithis aca, agus bha an tàillear ag obair air fuaghal, agus chunnaic e an seothach an tòrr mhaighdeannan a bha seothach a' tighinn a-staigh tron doras agus a' gabhail suas chun an ùrlair agus... far an robh am bodach. Agus chunnaic e am bodach a' toirt gisleachadh air fhèin anns a... anns a' chreathail, agus chuir e a làmh air a chùlaibh a-staigh, agus thug e a-mach feadan às, agus thòisich e air seinn an fheadain, agus thòisich an dannsa. Agus bha an dannsa a' dol air aghaidh, agus bha... bha an tàillear, bha an dannsa a' còrdadh ris, agus 's ann a dh'èirich e fhèin còmhla riutha.

Ach ann am meadhan nan gnothaichean co-dhiù, bha... rug... dh'fhalbh e a' dol a bhreith air tè dhe na... na maighdeannan a bha seothach, a' dol a thoirt car mu chuairt anns na ruidhlichean a bh' ann, agus thug i dha sgailc ann an toll na cluaise, agus chuir i sradagan teine anns na sùilean aige, agus nuair a dh'fhosgail e a shùilean ceart 's a chunnaic e, cha robh duine air fhàgail aige ach e fhèin 's am bodach.

Cha robh air seothach ach seo fhèin. Co-dhiù, nuair a thàinig Dòmhnall mac Thormoid 's a bhean, dh'innis an tàillear dhaibh mar a chunnaic e, a h-uile rud a chunnaic e.

Agus cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù. Bha... bhiodh Dòmhnall mac Thormoid, bhiodh e air falbh 's bhiodh e a' bruidhinn ri feadhainn, 's bha seann duine ann a shineach, agus thachair e ris, agus thuirt e ri... ris:

"Am bi e," ars esan, "a' faighneachd dhìot," ars esan, "uair sam bith," ars esan, "am bi thu a' faicinn sìon, no a bheil e a' bruidhinn riut?"

"Chan eil latha a thèid mi dhachaigh," arsa Dòmhnall mac Thormoid, "a thig mi a dh'àite sam bith," ars esan, "a thèid mi dhachaigh," ars esan, "nach faighneachd e dhìom gu dè a chuala mi, no an cuala mi sìon sam bith às ùr."

"An-tà," ars am bodach, ars esan, "nuair a thèid thusa dhachaigh an-diugh," ars esan, "ma dh'fhaighneachdas e dhìot," ars esan, "gu dè a chuala no a chunna tu," ars esan, "can," ars esan, "gun deach Ceàrdach Dhùn Chuilinn," ars esan, "agus Tulm Chuilinn na teine," ars esan, "eadar bhalg 's innean."

"Glè cheart," arsa Dòmhnall mac Thormoid.

'S ann mar seo a bha, co-dhiù. Dh'fhalbh Dòmhnall mac Thormoid dhachaigh. Agus nuair a ràinig e an taigh, 's a chaidh e a-staigh, 's a shuidh e suas, dh'fhaighneachd am bodach dheth dè chuala e an-diugh.

"Ò, cha chuala," arsa Dòmhnall mac Thormoid, "ach rud bochd."

"Dè seo?" ars esan.

"Chaidh... chaidh Ceàrdach Dhùn Chuilinn," ars esan, "Cnoc a' Chuilinn na teine," ars esan, "eadar bhalg agus innean," ars esan.

"Och, och, mo chreach," ars am bodach, ars esan.

Agus dh'èirich e 's ghislich e e fhèin, 's dh'fhalbh e a-mach às a' chreathail agus thugadh a-mach am feadan agus thòisicheadh ri seinn, Cha Till MacCruimein.

"An-tà, gum bu tig an latha sin," arsa Dòmhnall mac Thormoid, "a thilleas esan," ars esan, "ma dh'fhalbhas e," ars esan.

Agus dh'fhalbh am bodach agus ghabh e air falbh. Agus ann an ceann greise, ge brith gu dè bha iad a' dèanamh co-dhiù, thugadh sùil agus bha an leanabh aca fhèin, an gille aca fhèin, air a chàradh anns a' chreathail. Agus cha do chuir am bodach-sìthe dragh orra tuilleadh, 's cha mhotha na chuir gin dhe na sìthich. Agus sin mar a chuala mise mu dheidhinn leanabh-sìthe Cnoc a' Chuilinn.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Ò, uill, tha sin math. Agus an e na sìthichean a ghoid am pàiste?

DA: 'S e na sìthichean a ghoid am pàiste agus a chuir am bodach na àite.

AI: Ò, seadh.

DA: Agus 's e na sìthichean a bha a' dannsa còmhla ris a' bhodach. Bha fhios aca gun robh am bodach ri ceòl, agus thàinig iad far an robh am bodach. Thàinig.

AI: Agus an cuala sibh iomradh riamh mu dheidhinn duine sam bith comas ciùil fhaighinn o... o na sìthichean?

DA: Ò, tha iad ag ràdh gur ann anns... gur ann anns an... gur ann anns an t-sìthean a thug Clann MhicCruimein an ceòl.

AI: Seadh.

DA: Bha sin air fhàgail air Clann MhicCruimein, gur ann anns an t-sìthean.

AI: Sheadh. 'S cha chuala sibh ciamar a thàinig seo gu bhith?

DA: Ò, cha chuala.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math