Breabadair an Staca
Track Information
Original Track ID
SA1971.186.B2
Original Tape ID
Summary
Breabadair an Staca.
Breabadair an Staca came to North Uist by boat. He walked to South Uist and spent the night in a house in Smerclete. A woman there was working on a loom. The man continued south to a small island south of Eriskay known as Stack Island. He built a castle there, and took the woman in Smerclete and her loom back with him. He too learned to weave.
The couple had three sons. He and his elder sons used to plunder boats until they were finally caught and killed. The youngest son grew up and went in search of the murderer. He found he was the master of a ship, and killed him.
When he stayed at an inn, the owner asked him to guard a tree. A man of low intelligence went with him. The son felt thirsty and his companion gave him an apple, causing him to fall asleep. A bird came and turned into a woman. She tried to wake him up, but couldn't. The same happened the next night. The woman wrote a message on his gun. When he read it, he killed his companion and went in search of this woman. [At this point the contributor omits a large part of the story.] The man found the woman and returned home, but his mother had died.
Item Notes
The contributor learned this story from his father.
Item Subject/Person
Breabadair an Staca
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Stack Islands
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Agus choisich e suas dhan cheann a de-... dhan cheann a deas agus bha e ann an taigh ann a... ann an Smeircleit. Chuir e seachad an oidhche ann an Smeircleit ann an taigh ann a shin. Agus bha di-... chan eil fhios a'm an robh dithis nighean ann, ach bha tè aca co-dhiù agus bha i na bainich, agus bha i ag obair air beairt. Agus bha a h-athair 's a màthair a-staigh còmhla rithe, agus chan eil fhios a'm an robh an còrr a dhaoine. Cha chuala mise.
Ach co-dhiù, an làrna-mhàireach nuair a fhuair e a bhiadh, dh'fhalbh e. Agus ràinig e Caolas Èirisgeigh. Agus fhuair e... ge brith gu dè seòrsa bàta a fhuair e an sin, geòla no blaigh de gheòla air choreigin, chaidh e tarsaing gu ruige Èirisgeigh. 'S chan urrainn dhomh a bhith cinnteach an robh daoine an Èirisgeigh an uair sin 's gus nach robh. Chan eil mi a' smaointinn gun robh.
Ach co-dhiù, chùm e air gu deas ann an Èirisgeigh gus an do ràinig e an ceann a deas dheth. Agus tha àite ann a shin ris an can iad an Stac, de chnap mòr cruinn, de... de... seòrsa de... de dh'eilean. Ach tha... dìreach, gheibh thu ann dhe d' chois, le seòrsa de chlachan a tha a' dol a-null thuige. Agus ràinig e an t-àite sin, agus chaidh e dhan Stac, agus bha e a' coimhead air a sin. Agus thòisich e ri togail caisteal ann a shin. 'S e an Caisteal a theireadh iad ris an uair sin, ge brith gu dè seòrsa... An-tà, cha chreid mi gun robh an caisteal mòr, a chionn tha e ri fhaicinn fhathast, an làrach aige ann. Agus tha aon slinntear ri fhaicinn, an slinntear a bhrist druim na làire bàine aige, a ghoid e à Uibhist an sin. Bhiodh e a' tarraing chlach leatha.
Agus thòisich e air togail a' chaisteil, agus thill e a-nall gu ruige Uibhist an seothach, agus thachair làir bhàn ris ann a shineach, agus cheangail e i às dèidh na geòla a bh' aige, agus thug e a-null... thug e a-null a dh'Èirisgeigh i. Agus bhiodh i aige a' tarraing chlach, agus bha slinntear an seo air choreigin, de dh'àrd-doras a bha e a' cur air uinneig no air doras ann, agus chaidh... bha i aige air muin na làire bàine, agus chaidh druim na làire bàine na dà leth. Agus tha an slinntear ann a shin fhathast ri fhaicinn. Ma thèid duine gu bràth ann ga choimhead, chì e fhathast e.
Ach co-dhiù, thog e an caisteal. Agus nuair a thog e an caisteal an seothach, thàinig e a-nall gu ruige Uibhist agus thug e leis am boireannach a bha ris a' bheairt. Agus thugadh a' bheairt 's a h-uile sìon a bh' ann 's thugadh gu ruige an caisteal e. Agus thòisich... bha i... ise a' figheadaireachd ann a shineach, agus bha e fhèin, thòisich e ri ionnsachadh na beairte 's dh'ionnsaich e a' bheairt, oir 's gur e a bha a' dèanamh an roinn bu mhotha dhen obair an uair sin.
Agus chan eil fhios a'm gu dearbh cà am biodh iad a' cur nan clòithntean no sìon. Ach co-dhiù, dh'fhàs a' bhean aige trom, agus bha triùir ghillean aige bhuaipe. Agus bha a-nist an dithis bu shine a bha seothach... 's e an cosnadh a thòisich esan air an uair sin, bhiodh bàtaichean an uair sin, 's e saothaichean-seòl a bh' ann co-dhiù, 's bhiodh iad ag acrachadh air an oitir mhòir an sin. Bhiodh e a' dol feadh na h-oidhche agus gan tolladh agus gan leigeil fodha agus a' faighinn a' bhìdh... a' toirt a' bhìdh asta 's a h-uile sìon, agus a' faighinn a h-uile h-iomasgal a bhiodh a dhìth air timcheall orra ann a shin, agus sin an cosnadh a bh' aige.
Agus chaidh a-nist an t-ainm seo fad 's farsaing, gun robh leithid seo a dh'obair a' dol anns an àite a bh' ann. Agus chuireadh am bàta a-mach on rìgh an seothach, an cutter an sineach, feuch am faighte e, an duine. Agus bha dithis... dithis dhe na... dhe na bu shine dhe na gillean aige, bha iad còmhla ris anns... anns a' gheòlaidh an latha a bh' ann a sheo. Agus bha iad... 's ann ag obair air dorghach a bha iad an latha sin. Agus chunnaic iad am bàta a bha seothach anns a... a' dol sìos pìos math a-mach bhuapa. Agus thuirt... dh'fhaighneachd... dh'fhaighneachd an gille:
"Cò... dè," ars esan, "am bàta a tha siud?" ars esan. "Chan eil mi a' faicinn innte ach aon duine," ars esan.
"Ò, chan eil fhios a'm," ars... ars am breabadair, ars esan, "chan eil ann ach bàta a' gabhail an rathad."
"Coma leat," ars am fear a b' òige, ars esan, "ged nach eil innte ach... ri fhaicinn ach aon duine. Tha gu leòr innte gu h-ìseal. Tha mise a' faicinn anail nan daoine," ars esan, "a' tighinn seachad air a bheul aice," ars esan.
"Ò, ma-thà," ars am breabadair, "bi sinn a' falbh às a seo," ars esan.
Dh'fhalbh e 's tharraing e an t-acaire, a' chruaidh a bh' air an sgothaidh co-dhiù, 's còmh luath 's a chunnaic iad esan a' falbh laom iad às a dhèidh, am bàta a bha seo. Agus dìreach a' dol tìr... air tìr ann an Caolas an Staca, thàinig gille, fear dhe na bh' anns a' bhàta, dìreach mu chuairt leis an tuaigh 's spliot e an ceann aige o thaobh gu taobh, dhen bhreabadair, agus mharbhadh an dithis ghillean.
Uill, bha iad... bha iad a-nis a' studaigeadh nach... nach biodh an còrr ann co-dhiù. Agus bha... bha a' bhean aige a' coimhead tron uinneig air a h-uile sìon, a' gabhail allamh. Agus bhathar a' studaigeadh a-nist nach... nach biodh an còrr ann 's nach b' fhiach dhaibh an t-saothair a dhol air tìr, 's cha deach iad air tìr idir, 's tharraing iad air falbh.
Uill, bha a-nist an gille eile a-staigh. Agus dh'fhàs a-nist an duine seo. Dh'fhan ise... dh'fhan... dh'fhan ise ann a shiud, agus bha i a' togail a' ghille 's dh'fhàs an gille a-nist cho mòr ann a... agus bha e air a dhol na dhuine suas. Agus cha robh sgoil ann an uair sin.
Ach co-dhiù seothach, bhiodh e daonnan a' faighneachd dhe a mhàthair gu dè mu dheidhinn chàich. Agus dh'innis i dha a h-uile sìon mun deidhinn, mar a chaidh athair a mharbhadh 's a dhithis bhràithrean a mharbhadh. Agus an latha... an latha a bh' ann a shiudach – bha e air... air fàs na dhuine an uair sin – thuirt e ri a mhàthair:
"Uill," ars esan, "tha mise a-nist a' falbh," ars esan, "agus cha stad chinn 's cha [???] mise," ars esan, "gus am faigh mi a-mach," ars esan, "cò chuir crìoch air m' athair," ars esan, "agus air mo bhràithrean."
Dh'fhalbh e, agus thadhail e an taigh a sheanar an sineach ann an Smeircleit, agus dh'innis e far an robh e a' dol. Agus an dèidh dhàsan falbh, chaidh an uair sin a mhàthair... thug iad a-null a mhàthair gu ruige Smeircleit, air ais a thaigh a h-athar.
Agus bha esan agus chaidh e dhan cheann a tuath. Dh'obraich e... choisich e gus an do ràinig e an ceann a tuath. Agus bha a' phacaid an uair sin a' ruith eadar Dùn Bheagain agus Loch nam Madadh. Agus chaidh e air bòrd anns a' phacaid. Agus chaidh... dh'fhalbh a' phacaid co-dhiù, agus chaidh i a Dhùn Bheagain anns a... bha i ann am beul an latha no uaireigin, agus dh'acraich i a-mach bhon chidhe.
Agus co-dhiù seothach... tha... cha robh tuar air a... orra a dhol gu tìr, 's bha na gillean air an cois, ach... ach an sgiobair. Agus cha robh tuar orra faighinn gu tìr. Dh'fhaighneachd esan dhe na gillean:
"Dè," ars esan, "is sgialt," ars esan, "dha leithid seo a dh'obair," ars esan, "nach eil daoine," ars esan, "air brath orra faighinn gu tìr idir? Nach eil," ars esan... "B' fheàrr dhomh a dhol sìos a dhùsgadh."
"Ò, ghràidhein," ars esan... ars iadsan, "chan eil math dhuinne a dhol na chomhair. Siud," ars esan, "am fear a mharbh," ars esan, "Breabadair an Staca," ars esan, "agus riamh on latha sin," ars esan, "fhuair e an obair a bha seothach," ars esan. "Riamh on latha ann," ars esan, "chan eil rathad aig duine a bheul fhosgladh ris," ars esan.
"Ò, seadh," ars esan. "An-tà, thèid mise sìos," ars esan, "agus chì mi gu dè an dòigh anns nach eil e a' dol gu tìr."
Dh'fhalbh e 's chaidh e sìos, 's dh'fhaighneachd e dhaibh cà an robh an t-àite anns an robh e, 's dh'innis iad, sheall iad dha. Ghabh e 's dh'fhosgail e an doras 's chaidh e a-staigh.
"A bheil brath," ars esan... "a bheil brath," ars esan, "èirigh às a sineach an-diugh idir," ars esan, "agus daoine," ars esan, "a leigeil gu tìr às a seo?" ars esan.
"Dè dhutsa," ars esan, "a mhic na tè seo," ars esan, "cuin a thèid mise gu tìr," ars esan.
"Ò, seadh," ars esan. "Chuala mi," ars esan, "gura tusa," ars esan, "a mharbh Breabadair an Staca," ars esan.
"'S gu dè dhutsa," ars esan, "a mhic na... na tè seo," ars esan, "gu dè... cò... cò mharbh mise," ars esan.
"A mhic an fhir ud," ars esan, 's leum e thuige 's thachdadh e.
Agus thuirt e ris na gillean an uair sin:
"Seo," ars esan. "Cha chuir e dragh oirbh tuilleadh," ars esan. "Tha a' chlosnach ghrànda aige an sin," ars esan, "agus theirig," ars esan, "faigheadh fear... feareigin agaibhse," ars esan, "am bàta gu tìr," ars esan.
Uill, i chaidh am meit 's thogadh an t-acaire 's chaidheadh gu tìr gu cidhe Dhùn Bheagain. Chaidh an report air feadh an àite gun robh fear an seothach a bha... a thachd an sgiobair air sàillibh Breabadair an Staca 's gun robh teansa gur e mac Breabadair an Staca a bh' ann.
Chaidh e suas dhan hotel. Agus bha an gno-... an naidheachd air a sgaoileadh an sin. Agus thuirt fear na hotel ris gum b' fheàrr leis gum fanadh e an oidhche a bh' ann a shethoach a' caithris craoibhe a bh' aige ann a shiud, agus gun robhar ga mi-... ga milleadh air, a' toirt leis na measan a bh' oirre. Thuirt e gum mair-... gu... gum fanadh.
"Agus thoir thusa dhòmhsa gunna," ars esan.
Agus thugadh dha gunna 's ammunition. Agus dh'fhalbh cnapach de... car de leth-ghlaoic a bha sineach às a dhèidh.
"Cà 'il thusa a' dol?" ars esan.
"Ò, chan eil mi," ars esan... "Tha... tha mi," ars esan, "a' dol gad leantail fhèin," ars esan. "Tha a cheart cho math dhomh," ars esan, "a bhith còmhla riut," ars esan, "agus a bhith... an dìol a th' aca orm," ars esan, "a-staigh an siud," ars esan. "Chan eil fois agam aca ach," ars esan, "ag obair orm," ars esan.
Uill, nuair a chuala e seothach leig e leis.
"Glè cheart," ars esan.
Agus dh'fhalbh iad, 's ràinig iad a' chraobh, agus shuidh iad aig bonn na craoibhe.
Gu dè rinn seothach ach am pathadh esan a bhualadh. Agus tha...
"A Dhia," ars esan, "ach mar a tha mi leis a' phathadh," ars esan.
"An-tà," ars am fear a bh' aige, a bha còmhla ris, "tha ubhal agamsa ann a sheothach," ars esan, "agus bheir mi dhut an dàrna leth dhith," ars esan, "'s bidh i math air a' phathadh."
Uill, dh'fhalbh e 's thugadh dha an ubhal. Agus dh'ith e an ubhal. Agus cha robh e fad sam bith air an ubhal ithe nuair a thuit e na chadal. Agus cha robh esan fada air tuiteam na chadal nuair a thàinig an t-eun a bha seothach, agus thàinig e a-nuas, agus leum e na bhoireannach.
"Siuthad," ars ise, "dùisg do mhaighstir," ars ise.
"Cha dùisg mise e," ars esan. "Cha dearg mi air," ars esan. "Cha leig an t-eagal leam a dhùsgadh," ars esan.
Thòisich i fhèin air a shlaodadh 's air a tharraing 's air a chrathadh 's air a shlaodadh an siud 's an seo, 's cha dùisgeadh. Agus co-dhiù seothach, thuirt i ris a' ghille:
"Uill," ars ise, "cha ghabh e dùsgadh ann," ars ise, "ach canaidh tu ris," ars ise, "gum faic e mise an ath oidhche an seo air ais."
Uill, cha robh ise sìon an t-saoghal ach air falbh nuair a dhùisg esan. Agus dh'fhaighneachd e dhith... dh'fhaighneachd e dhethsan an do dh'fhairich e dad, no am faca e sìon. 'S dh'innis e, an gille dha, gum faca, gun tàinig an t-eun a bh' ann a sheothach 's gun do... gun do laigh e 's gun do leum e na bhoireannach 's gun... thuirt e ris gun do dh'fhaillich i... gun a dh'fhaillich e oirre a dhùsgadh, gun robh i ga shlaodadh thall 's a-bhos agus nach gabhadh e dùsgadh, agus gun tuirt i ris-san a chantail ris gum faiceadh e an ath oidhche ann a sheo i.
Agus 's ann mar seothach a bha.
"Ò, ma-thà," ars esan, "faodaidh sinn falbh dhachaigh, a-nist," ars esan.
Dh'fhalbh iad. Chaidh iad dhan hotel, 's chaidh esan a leabaidh, ge brith cà an deach an gille co-dhiù. Ach an làrna-mhàireach co-dhiù, cheasnaich iad an gille, gu dè chunnaic e, 's dh'innis an gille dhaibh facal air an fhacal mar a bha. Agus an ath oidhche an seothach nuair a thàinig an t-àm, thuirt fear na hotel ris e a dhol... e fhalbh a-nochd fhathast a dh'fhaire na craoibhe.
Uill, dh'fhalbh e, agus cha robh... bha an gille airson falbh, ach cha robh e airson a leigeil air falbh, ach co-dhiù, leig e air falbh air deireadh e, 's dh'fhalbh e còmhla ris. Agus mar a thachair a-raoir dha, thachair a-nochd. Cha robh e fad sam bith aig a' chraoibh nuair a thàinig am pathadh air. Agus thuirt an gille ris:
"An-tà," ars esan, "tha... tha leth," ars esan, "dhen ubhal," ars esan, "a ghabh thu... a dh'ith thu a-raoir," ars esan, "tha i agamsa fhathast," ars esan, "agus ma thogras tu," ars esan, "bheir mise dhut i."
Agus thug e dha i, agus dh'ith e i. Agus cha robh e sìon ach air a h-ithe nuair a thuit e seachad na chadal air ais.
Agus b' shuarach an ùine a bha e na chadal nuair a thàinig ise.
"Seadh," ars ise, "tha do mhaighstir," ars ise, "na chadal a-nochd a-rithist," ars ise.
"Ò, tha teansa gu bheil," ars esan.
Agus:
"Siuthad," ars ise, "dùisg e."
"Ò, cha dùisg mise e," ars esan. "Cha dearg mi."
"Ò, deargaidh tusa air a dhùsgadh," ars ise, "ach cha dearg mise air a dhùsgadh," ars ise.
"Ò, cha dearg mise cuideachd air," ars a... ars an gille, ars esan, "air a dhùsgadh."
Agus thòisich i fhèin air a tharraing air ais 's air aghaidh, agus cha robh... cha dùisgeadh. Dh'fhalbh i seo 's fhuair i an gunna aige, agus thòisich i air sgrìobhadh air... air stoc a' ghunna, agus sgrìobh i seo rudeigin. Ge brith gu dè a sgrìobh i air stoc a chunna, sgrìobh i e, agus leig i às an gunna far an robh e reimhid. Agus dh'fhalbh i. Agus cha robh i sìon ach air falbh nuair a dhùisg esan.
"Seadh," ars esan, "am faca thu sìon?" ars esan.
"Ò, chunnaic," ars an gille. "A cheart bhoireannach," ars esan, "a thàinig a-raoir," ars esan, "thàinig i a-nochd," ars esan. "Agus," ars esan, "chan eil fhios agamsa," ars esan, "dè rud a bha i a' dèanamh," ars esan, "ach dh'fhaillich... dh'fhaillich oirre... dh'fhaillich oirre do dhùsgadh. Bha i gad tharraing air ais 's air aghaidh an sin," ars esan, "agus thug i sin thuice an gu-... thuige an gunna... thuice an gunna," ars esan, "agus bha i ag obair air sgrìobhadh rudeigin air... air stoc a' ghunna agad," ars esan, "ge brith gu dè rud a bh' ann."
Agus dh'fhalbh esan 's rug e air a' ghunna 's sheall e. Agus bha e treis a' leughadh. Agus thionn-... thàinig e... thog e an gunna agus thàinig e mu chuairt, agus chuir e an gunna ris an fhear bheag.
"Nam bithinn air siud a dhèanamh ortsa a' chiad oidhche," ars esan, "cha bhiodh an tàireannan nam cheann," ars esan, "a th' ann a-nist ann," ars esan. "Ach," ars esan, "cha dèan thu a-rithist e."
Agus sin a-nist... chan eil fhios a'm a-nist cà an deach esan. Ach tha pìos mòr fhathast oirre. Agus... ach co-dhiù, thill e dhachaigh nuair a fhuair e seachad a h-uile [?rogh] anns a... anns an deachaidh e, 's a h-uile sìon a thachair dha. Ach 's e am boireannach a bha seothach, bha i às a dhèidh, agus 's ann air a tòir seo a-nist a dh'fhalbh e anns an tràth sa, agus chan eil fhios a'm gu dè mar a dh'fhalbh e no gu dè... cò an tè a bh' ann no sìon an t-saoghal. Ach nuair a fhuair e h-uile sìon dhachaigh thill e agus bha a mhàthair an uair sin, bha iad air a toirt a-nall, thug iad a-nall às an eilean i an dèidh dhàsan falbh, agus bha i air bàsachadh. Agus cha chuala mi an uair sin cuin a... an do thill e air falbh a-rithist, no gu dè rud a rinn e. Tha mi a' smaointinn gun do thill.
Sin mar a chuala mise Breabadair an Staca, ach bha pìos mòr eile oirre.
Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Agus an dèidh dha am fear sin a bha còmhla ris a mharbhadh, tha... an tàinig e dhachaigh an uair sin?
DA: Cha tàinig.
AI: Dh'fhuirich e air falbh.
DA: Cha tàinig. Tharraing e an uair sin air a tòir-se,
AI: Air tòir na nighinn?
DA: Seadh, air tòir na boireannaich a bha a' tighinn chun na craoibhe.
AI: Agus an d' fhuair e i?
DA: Fhuair. Fhuair e i, ceart gu leòr. Fhuair e i.
AI: Agus cò an tè a bh' ann?
DA: Sin rud nach eil fhios a'm a-nist, gu dè an tè bh' innte, ach fhuair e i. Agus 's ann nuair a fhuair e i fhìn 's phòs e... chan eil fhios a'm an do phòs e am boireannach sin gus nach do phòs, ach 's ann a thill e dhachaigh an uair sin a choimhead a mhàthar.
AI: 'S bha ise air bàsachadh?
DA: Agus bha a mhàthair... bha, 's thug iad a-nall à... gu ruige Uibhist an sineach i an dèidh dhàsan falbh, agus bha a mhàthair air bàsachadh. Agus cha chreid mi gun do rinn an uair sin ach tilleadh air falbh a-rithist. Chan eil fhios a'm a-nist dè an ceann-crìche a chaidh oirre.
AI: 'S cò aige a bhiodh sibh a' cluinnteil mu dheidhinn?
DA: Chaill mi i sin. Ò, 's ann aig m' athair a chuala mi i siud. Chaill mi a' chuid mu dheireadh dhith.
AI: 'S chan eil fhios am biodh i sin aig duine eile?
DA: Ò, ghràidh, chan eil mi a' smaointinn gun robh.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good