A' leigheas bò le snàithle
Track Information
Original Track ID
SA1968.228.A4
Original Tape ID
Summary
Healing a cow with a thread.
The contributor was collecting seaweed with his horse and cart. A cow fell nearby and he helped to take it to its owner's house. The cow then collapsed in its stall. The wife of the man who owned the cow went to get a thread. After a while, the cow began to eat. When they looked out they saw the woman coming back with the thread. She said that the cow was cursed by the evil eye, and the woman who had made the thread had been sick all day and was expecting her. The cow got up when the thread was put on. If the first thread had not worked, she would have gone back for another. The woman described the person responsible. If the evil eye affected the animal for too long a second thread would probably have been necessary.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Benbecula
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Chuir mi fhìn co-dhiù... leig mi às an làir anns a' chairt 's cheangail mi ris a' chairt i. Ach chaidh mi gan cuideachadh mun bhoin. Agus thog sinn a' bhò. Bha i air tuiteam anns a' chladach. Agus, uill, dh'fhàg mise an làir sa chairt shìos co-dhiù. Thàinig mi a-nuas còmhla ris an duine chun an taighe a bha seo agus... leis a' bhoin.
Chunna mi na cnàmhan aice a' bragadaich. Chuir sinn a-staigh dhan bhàthaich i, agus dh'fhalbh mise a dh'iarraidh na cartach an uair sin agus thug mi a-nuas a' chairt ann a sheo chun an taighe. Bha a' bhò cho bochd agus thuit i anns an stàl nuair a thàinig sinn a-nuas.
Agus leig mi às a' chairt ann an seo. Agus bha a' bhean a bh' aig an duine a bha seo, tha fhios agad, bha i uabhasach fhèin mun t-snàithle a bha seo. Dh'fhalbh i agus chuir i oirre beannag gheal agus thuirt i ris an duine:
"Tha mi," ars ise, "a' falbh."
"Cà 'il thu a' dol?" ars esan.
"Ò," ars ise, "dèan thusa air do shocair," ars ise.
"Chan eil sìon air a' bhoin," ars esan, "ach grèim a tha na mionach," ars an duine.
Agus 's e teine a bh' ann an uair sin, tha fhios agad, open grate san rùm. Agus bha e a' cumail teine ris a' bhroinn aig a' bhoin, a' smaointinn gur e cràdh a bh' oirre.
Bha raoid arbhair air a beulaibh, corca-mòr, oa-... oats. Agus bha a' bhò na sìneadh anns an stàl, mi fhìn 's e fhèin timcheall oirre. Agus dh'fhalbh ise a dhèanamh an t-snàithle co-dhiù. Agus thòisich a' bhò, an ceann treise, air togail an arbhair agus thòisich i air ithe.
"Seall a-mach," ars esan, "feuch am faic thu a' bhean a' tighinn."
Sheall mi a-mach. Sheall mise a-mach. Bha a' bhean a-nuas os cionn a' chnuic ann an seo. Agus:
"Uill," ars ise, "'s e gonadh a bh' air a' bhoin, ceart gu leòr," ars ise, "agus," ars ise, "bha feum agam gun do dh'fhalbh mi," ars ise. "Bha an tè a rinn an snàithle," ars ise, "bha i uabhasach bochd fad an latha. Agus thuirt i rium gun robh dùil aice rium."
"Seadh," ars esan.
Cha robh esan a' creidsinn mòran [???].
Agus, uill, chuireadh an snàithle air a' bhoin. Dh'èirich a' bhò.
"Agus thuirt i rium," ars ise, "mura dèan an snàithle a tha seo an gnothach, till air n-ais," ars ise, "'s cuiridh mi fear eile oirre. Agus," ars ise, "chaidh dithis bhoireannach seachad" ars ise, "air a' bhoin, far an robh sibh ag obair an-diugh anns a' bhàgh," ars ise, "agus bha tè dhiubh," ars ise, "aparan glas oirre," ars ise, "no," ars ise, "overall glas. Agus sin an tè," ars ise, "an tè a bh' air an aparan glas, 's i a rinn an gnothach air a' bhoin."
Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Uill, uill. Agus, a-nis, bhiodh... bhiodh am boireannach a bhiodh a' dèanamh an t-snàithle, bhiodh ise meadhanach, am bitheadh, nuair a bha i...
PM: Bhitheadh, bhitheadh.
AI: 'S am biodh i uabhasach meadhanach?
PM: Bhiodh i bochd, bochd.
AI: Uill, uill. Agus, a-nis, tha... an fheumadh iad uaireannan...
PM: A bheil thu a' record-adh siud?
AI: An fheumadh iad an uair sin... tha...uaireannan dà shnàithle a dhèanamh, an fheumadh, nam biodh fìor dhroch-shùil air, no dè?
PM: Uill, tha fhios agad, air a bha an snàithle seachad bha ise all right.
AI: Ach dè thuirt an tè eile mu dheidhinn dà shnàithle, mura dèanadh an aon snàithle an gnothach?
PM: Mura dèanadh an aon snàithle an gnothach gun cuireadh iad fear eile oirre.
AI: Uill, uill. 'S am biodh iad a' dèanamh seo aig amannan?
PM: Bhitheadh.
AI: Uill, uill.
PM: 'S dòcha gum biodh i cho fad... fada air n-adhart.
AI: Aidh. Ò, uill, tha sin math.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good