Eòlas an t-snìomh
Track Information
Original Track ID
SA1968.228.A5
Original Tape ID
Summary
Eòlas an t-snìomh.
If someone injured an ankle, a thread, such as a fishing line, was put on the affected part. The charm used was passed down from a man to a woman and vice versa. No money was needed, and a pin would suffice. The following Gaelic invocation was recited:
"Chaidh Crìosda a-mach air latha fliuch
Chunnaic e cnàmhan nan each air am bristeadh mu seach
Chuir e gach cnàimh ri cnàimh
Agus chuir e gach alt ri alt
Agus chuir e gach craiceann ri craiceann
Agus ma shlànaich Crìosda na h-uilt a bha sin
Gun slànaich e thusa an-diugh."
Item Notes
The contributor learned this from his brother, who used it for healing.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Benbecula
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Pàdraig MacCormaig (PM): Ma chuireas tusa snìomh nad chois, a bheil thu a' tuigsinn, bhiodh iad a' dèanamh eòlas dha.
AI: Seadh.
PM: Eòlas an t-snìomh, 's e a theireadh iad ris. Agus, uill, chan eil fhios agamsa a bheil e complete agam. Tha mi air fàs cho dìochuimhneach. Ach bha ann co-dhiù:
Bha Crìosda a-mach air latha fliuch
Chunnaic e cnàmhan nan each
Air am bristeadh mu seach
Chuir e gach cnàimh ri cnàimh
Agus chuir e gach alt ri alt
Chuir e gach craiceann ri craiceann
Agus ma... ma shlànaich Crìosda... tha... na h-uilt a bha sin
Gun slànaich e thusa an-diugh.
Chan eil fhios agamsa o Dhia a bheil mi ceart, ach tha pàirt dheth agam co-dhiù.
AI: Agus, a-nist, 's ann aig ur màthair a chuala sibh e, an ann?
PM: Chan ann, ach mo bhràthair.
AI: Aig ur bràthair. 'S e. Agus an obraicheadh e dhàsan? Am biodh esan a' leigheas leis?
PM: Bha. Fhuar es-... Fhuair esan ceart gu leòr e.
AI: Aidh. Agus an e cnèipeilte no dè? No am biodh iad a' cur rudeigin...?
PM: Bha iad a' cur... cha iad a' cur air snàith-... snàithle cainbe. Chan e snàithle sam bith eile ach pìos de dhorgh no rud air choreigin.
AI: Ò, uill, uill.
PM: Air an lot.
AI: Air an lot. Aidh. Agus dh'fheumadh esan ionnsachadh do bhoireannach a-rithist, an e?
PM: Dh'fheumadh.
AI: Airson an aon rud ris an t-snàithle eile a bh' aice, a dhol o boireannach gu fireannach, no fireannach gu boireannach.
PM: Chan eil fhios agamsa a bheil e agam complete, tha fhios agad. A bheil thu a' tuigsinn? Tha mi air mo dhìochuimhn-... an gnothach a dhìochuimhneachadh, ach chuala mi e ga ràdh o chionn fada. Cha dèanadh e diofar sam bith ga innse dhòmhsa.
AI: Aidh. Cha dèanadh.
PM: Tha fhios agad, cha robh feum...
AI: Cha robh e a' dol a dh'obair dhuibh ann.
PM: Cha robh, fhios agad... cha dèanadh... dèanainn-sa feum dheth o nach do dh'innis boireannach dhomh e.
AI: Agus, a-nist, am biodh daoine a' tighinn far an robh a leithid sin a dhuine airson...?
PM: Bhitheadh, bhitheadh.
AI: Aidh.
PM: Ah, 's iomadh fear a leighis e. Uill, tha fhios agad, man tuirt am fear eile, tha... tha daoine cho superstitious, bhiodh iad leighiste co-dhiù.
AI: Aidh. Uill, uill. Agus an fheumadh iad... A-nist, nach robh rudeigin anns an dà rud sin? Dh'fheumadh tu bonn airgead no rudeigin a bhith agad, an fheumadh?
PM: Chan fheumadh ach... Chan fheumadh tu sìon ach... ach frìne no rudeigin a bhith agad.
AI: An e, gu dearbh?
PM: No airgead.
AI: Aidh.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good