Cailleach Beinn a' Bhric, hó ró
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
13238
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1963.024.B1
Original Tape ID
Summary
Cailleach Beinn a' Bhric and the hunter.
A hunter was trying to shoot a hind. It turned into a woman whenever he aimed, but turned back to a deer when he lowered his gun. She was Cailleach Beinn a' Bhric, and said he was taking too many hinds. The contributor recites a rhyme concerning her.
Item Notes
A version of the song can be heard on track 86118 (SA1973.175.A7).
Item Subject/Person
Cailleach Beinn a' Bhric
Language
Gaelic
Collection
Transcription
Iain Mac a' Mhaoilein (IMM): Cailleach Beinn a' Bhric.
Dr Iain MacAonghuis (IMA): Fuirichibh sibhse, ma-thà. Innsibh... innsibh mun a' chailleach an toiseach. Cailleach... Cailleach Beinn a' Bhric.
IMM: Ò, uill, chan eil mòran as urrainn dhomh a ràdh mu a deidhinn ach... Bha fear, sealgair, chunnaic e fèidh air cliathach na beinne, teann air a' mhullach. [?Stalcaich] e na fèidh, agus 's e aighean a bh' ann.
IMA: Seadh.
IMM: 'S fhuair e... fhuair e teann orra, 's dar a thog e an gunna, a' dol a thilgeil fear dhiubh, 's e tè a bh' ann.
IMA: Dìreach.
IMM: Agus, chuir e a-bhàn an gunna, 's e fiadh a bh' ann.
IMA: Sheadh.
IMM: Thog e an gunna a-rithist, 's e tè a bh' ann. Chaidh e air adhart. Cò bha seo ach Cailleach Beinn a' Bhric.
IMA: Dìreach.
IMM: Thuirt i ris:
"Tha thu tuillidh 's trom air na h-aighean."
IMA: Seadh.
IMM: "Feumaidh tu gabhail air do shocair. Dar a bha thusa aig bun na beinne, bha mise aig Fèith Chiarain."
Bha sin fad air ais. 'S cha robh i fad gus an robh i air mullach Beinn a' Bhric air thoiseach air.
IMA: Sheadh, sheadh. Agus, dè an rann a bh' agaibh mu a deidhinn a-nise?
IMA: Ach, chan eil cuimhne a'm:
Cailleach Beinn a' Bhric, hó ró ó,
Cailleach mhòr an fhuarain àrd,
Cailleach nam moganan glasa,
B' astarach i air na cladaichean garbha.
Cha leiginn-sa mo bhuidheann fhiadh,
Mo bhuidheann fhiadh,
Cha leiginn-sa mo bhuidheann fhiadh,
A thrusadh sligean dubh na tràigh.
B' annsa leam a' bhiolar-uain',
A' bhiolair-uain',
B' annsa leam a' bhiolar-uain'
A bhios a' fàs mu bhruachan an fhuarain àrd.
IMA: Seadh.
IMM: 'S e sin na th' agamsa [?dhen an rann].
IMA: Seadh, seadh. Agus bha an rann sin aca ann am [???]?
IMM: Bha, bha. Tha cuimhne agamsa e a bhith aig na h-... 's ann aig m' athair a chuala mise e.
IMA: Seadh, seadh.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good