Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 14465
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 05.05.1998

Summary

Dr Martin MacIntyre talks about the different countries he visited while travelling with his wife.

Dr Martin MacIntyre talks about the different countries he visited during the year-and-a-half that he was travelling with his wife. He also talks about his work as a doctor for a few months in both Australia and New Zealand.

Item Subject/Person

Mac an t-Saoir, Màrtainn

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha còrr agus bliadhna gu leth bho bha mi a' bruidhinn ris an Dotair Màrtainn Mac an t-Saoir air a' phrògram. Bha a chèile Annmarie air a' phrògram cuideachd. Bha iad a' falbh air turas timcheall an t-saoghail. Uill, tha iad air ais, le barrachd 's dòcha na bh' aca a' falbh. Tha sin a' ciallachadh gur e dìreach Màrtainn fhèin a tha a-staigh san stiùidio ann an Dùn Èideann còmhla rium. Ciamar a tha thu, a Mhàrtainn?

An Dotair Màrtainn Mac an t-Saoir (MM): Tha mi gu dòigheil, a Choinnich. Dè mar a tha sibh fhèin?

CM: Chan eil dona idir. A-nise, tha e cho math dhut fhèin innse dhuinn carson a thuirt mi an rud a thuirt mi, carson nach eil Annmarie còmhla riut an-diugh.

MM: Och, tha i car sgìth sa mhadainn an-diugh, ma-thà, fhios agad. Bha e car... bha e car tràth dhi a bhith a' tighinn a-mach. No. Tha dùil aice ri pàiste an ceann deich latha.

CM: Sin agad e. Adhbhar mhath tilleadh a-rèiste.

MM: Bha gu... bha, bha. Bha e uabhasach fhèin math tilleadh. Bha e math faighinn... faighinn dhachaigh sàbhailte, agus gun robh ise a' cumail gu math 's gun robh an dithis againn an seo còmhla mar sin.

CM: Ceart, ma-thà. Càit an deach thu bho nuair a bha mi a' bruidhinn riut bho dheireadh?

MM: Uill, on a bha mi a' bruidhinn riut mu dheireadh, dh'fhalbh sinn aig dìreach deireadh an Dàmhair ann an nineteen ninety-six, agus chuir sinn trì mìosan seachad ann an Asia a' siubhal an sin, eadar na h-Innsibh, Nepal, Thailand agus Laos. 'S an uair sin chaidh sinn a-null a dh'Astràilia 's chuir sinn mu mhìos seachad ann an taobh siar Astràilia mun do thòisich mise ag obair ann am Melbourne fad sia mìosan air an taobh sear, taobh an ear-dheas Astràilia. An uair sin rinn sinn beagan siubhail on cheann a deas gu ceann a tuath Astràilia. Agus an uair sin chaidh sinn gu New Zealand. Bha mi ag obair an sin fad dà mhìos ann an Christchurch anns a' cheann a deas. Rinn sinn beagan siubhail ann a shin cuideachd sìos gu Milford Sound sìos gu Invercargill fada... cho fada deas 's a thèid agad air a dhol. 'S an uair sin air an rathad dhachaigh, bha dùil againn an toiseach gum biodh ùine againn airson a bhith a' dol tarsainn Chanada, ach 's ann a ruith sinn a-mach à ùine. Bha sinn mu ceithir mìosan no mar sineach na b' fhaide na bha dùil againn, a chionn dh'fhuirich sinn na b' fhaide ann am Melbourne. Mar sin, chuir sinn beagan lathaichean seachad còmhla ann an New York, còmhla ri caraid agam ann an Greenwich Village an sin, agus thill Annmarie dhachaigh. Bha, fhios agad, bha ise a' faireachdainn gun robh an t-àm aicese tilleadh dhachaigh. 'S chaidh mise sìos airson sia seachdainean gu Nicaragua, àite anns an robh mi o chionn ochd bliadhna 's chaidh mi ann a-rithist airson beagan rannsachadh a dhèanamh. 'S thill mise o chionn mìos a-nist, tha mi a' smaointinn. Mìos a-màireach, tha mi a' smaointinn.

CM: Uill, ceart ma-thà. Faodaidh sinn a dhol air ais gu Àisia. Ciamar a chòrd sin ribh?

MM: Chòrd uabhasach fhèin math. Gu math annasach, fhios agad, na ceithir dùthchannan car eadar-dhealaichte o chèile. Fhios agad, air a ruigeas tu na h-Innsibh an toiseach, tha e dìreach a' cur iongantas ort na leithid a dhaoine 's tha a h-uile sìon dìreach... am boil a tha a' dol an sin 's tha... dìreach na diofar chultaran a tha sin, agus dìreach gu bheil... gu bheil a leithid a' tachairt fad an t-siubhail, 's tha, mar gum b' eadh, tha leithid a dhaoine mun cuairt ort fad an t-siubhail 's chan eil, mar gum b' eadh, mionaid tàmh ri fhaighinn. An uair sin, can Nepal, fhios agad, nuair a ràinig tu sin 's ann a bha thu a' toirt an aire dìreach cho... cho frionasach... frionasach 's a bha, mar gum b' eadh, coimhearsnachd na h-Innsibh, a chionn bha Nepal cho sèimh socair sàmhach an taca ris, agus brèagha brèagha. 'S e coiseachd bu mhotha a bha sinn a' dèanamh ann an Nepal. Bha sinn a' coiseachd fad còig lathaichean deug am measg nam beanntan, am measg na Himalayas, dìreach mar gum b' eadh ag èirigh 's a' coiseachd 's a' dol innte, 's an uair sin ag èirigh an ath latha 's a' dèanamh an ath... an ath rud.

'S an uair sin, fhios agad, bha mise air a bhith ann an Thailand roimhe sin. Saoilidh mise gu bheil Thailand nas leasaichte, tha mi cinnteach, ann an iomadach dòigh an taca ri Nepal agus na h-Innsibh. Ach 's e Laos, math dh'fhaodte, fhios agad... cha robh dùil againn a dhol an sin, ach 's ann a bha sinn dìreach a' bruidhinn ri daoine ann an Thailand agus bha iad ag ràdh gun robh e a-nis fosgailte. Tha cuimhne a'm nuair a bha mi fhìn ann roimhe seo, cha robh e fosgailte, agus tha mi a' smaointinn dìreach o chionn dà bhliadhna dh'fhosgail iad, mar gum b' eadh, na dorsan gu daoine a' siubhal gu neo-eisimeileach, agus cha toireadh iad dhut ach còig latha deug de visa ann, agus bha iad fhathast, mar gum b' eadh, a' cur seòrsa de bacaidhean ort. Dh'fheumadh tu stamps fhaighinn dhen a h-uile baile dhan rachadh tu. Tha... 's e riaghaltas coimiunach a th' aca fhathast, ach abair thusa àite brèagha, agus daoine cho socair laghach. Fhios agad, chan eil iad a' faighinn mòran de luchd-turais mar sin. Tha iad... fhios agad, tha iad... tha iad fhathast gu math ùr 's gu math... gu math fosgailte. Mar sin, chòrd e glan rinn.

CM: Uill, gu dearbha, 's tu a dh'fheumadh a dhol a dh'obair às dèidh na bha sin a dh'ùine a chaitheamh ann an Àisia. Ciamar a chaidh sibh... an ann gu Peairt ann an Astràilia a chaidh sibh, no càit?

MM: 'S ann, an toiseach. Fios agad, bha tiogaid againn, mar gum b' eadh, gar toirt à Delhi... gu Delhi an toiseach, 's an uair sin à Delhi gu Bangkok, 's an uair sin à Bangkok gu Peairt, so chuir sinn seachad mu thrì seachdainean a' siubhal ann an ceann a deas taobh siar Astràilia, mar gum b' eadh, deas o Pheairt, agus ò, àite socair ann an dòigh, fhios agad. Bha mise, uill, bha mi air cur romham gun gabhainn obair ann am Melbourne, ach bha cothrom agam ann am Peairt nach robh fhios agam air mun deach mi ann, 's bha mi a' gabhail aithreachas ann an dòigh a chionn tha Peairt cho... fhios agad, cho brèagha 's cho glan a' coimhead, gu h-àraid an taca ri bailtean mòra Àisia. Fhios agad, bha thu mar gum b' eadh a' tighinn a-staigh gu baile beag. Bha e cho mar gum b' eadh ùr 's cho glan an taca ris.

CM: Cha bhi sinn a' cluinntinn mòran mu dheidhinn an taobh sin de dh'Astràilia ann an seo idir, ach tha thu ag ràdh gun d' fhuair sibh cothrom a bhith a' siubhal timcheall deas air Peairt. Cò ris a tha sin coltach?

MM: Gu math brèagha. Tha tòrr de... de choilltean ann, nàdarra. Fìor sheann chraobhan ann. Tràigheannan brèagha ann. Sin a' chiad triop, agus tha mi a' smaointinn an aon triop, a dh'fheuch sinn surfadh sìos ann am Margaret River ann an sin. Mar sin, tràigheannan ann a tha eireachdail 's deagh, deagh surf orra. Beagan dhaoine a' fuireach anns an àite. Chan eil cuimhne a'm, dìreach... tha mi a' smaointinn gu bheil mu... tha mu mhillean anns an staid uile-gu-lèir, mas math mo chuimhne, agus mar sin... 's tha a' chuid as motha dhiubh sineach ann am Peairt. Aon uair 's gun tig thu a-mach à Peairt, fìor bheagan dhaoine ri fhaicinn, agus nàdar, mar gum b' eadh, nach eil idir air a thruailleadh.

CM: Uill, gu dearbha, bha mi a' faicinn sin, tha mi a' smaoineachadh, dìreach bho chionn ghoirid. Tha sinn am beachd an-diugh gur e àite a th' ann an Astràilia mar a tha Breatainn fhèin, leis an t-uabhas dhaoine ann, 's tha sin ann an corra àite dheth, ach 's ann ann am fìor chorra àite. Bha iad ag ràdh gun robh còrr agus, ò, ceithir fichead 's a deich anns a' cheud de dh'Astràilia 's nach robh duine faisg air.

MM: Tha sinn ceart, agus chì thu siud, fhios agad, air a thig thu a-staigh dhan dùthaich, fhios agad. Uill, 's dòcha beagan mhìosan às a dhèidh sin, air a rinn sinn siubhal eadar Adelaide agus... agus Darwin, 's ann a bha thu dìreach a' siubhal tro fhàsach fad latha às dèidh latha gun a bhith a' faicinn duine, agus na bailtean anns an robh daoine a' fuireach, bha dìreach fìor bheagan dhaoine, ceithir fichead duine a' fuireach annta. Tha thu ceart an sin. Fhios agad, a' chuid as motha de dhaoine, a tha iad mu... tha iad mu Sydney's mu Melbourne, agus mu na bailtean air an taobh sear, ach seadh, ceithir fichead per cent, creididh mi sin, nach eil... nach eil duine a' fuireach ann. Agus sin a... sin a tha a' toirt, tha mi a' smaointinn, annas dhut mu dheidhinn Astràilia, dìreach cho mòr 's a tha e, cho farsaing 's a tha e, agus dìreach gun... gun duine a' fuireach ann a' chuid as motha dheth.

CM: 'S an robh sibh a' faighinn cothrom a bhith a' coinneachadh ri na daoine a bh' ann bho thùs?

MM: Bha, beagan. Feumaidh mi aideachadh, cha robh... cha robh cus ann am Peairt air a bha sinn a' siubhal. Agus Melbourne, fhios agad, 's e rud a tha iongantach mu dheidhinn Melbourne, tha mi cinnteach gu bheil e cliùiteach air feadh an t-saoghail airson a bhith cho... cho multi-cultural, gu bheil daoine ann às a h-uile h-àite, fhios agad, fon ghrèin, ach 's e glè bheag de dh'Aboriginich a tha a' fuireach ann. Uill, glè bheag dhiubh a chì thu a' fuireach ann. Ach air a chaidh sinn na b' fhaide tuath, cho luath 's a ràinig sinn Alice Springs, 's ann an uair sin a bhiodh tu ga... a bhiodh tu gam faicinn, ach 's ann, mar gum b' eadh, anns a... uill, anns a' bhaile a bha iad sin, agus, uill, an ìomhaigh a th' againn air... air Aborigines anns a' bhaile, mar gum b' eadh, agus an fheadhainn... an fheadhainn as fhollaisiche, mar gum b' eadh, bha iad nan suidhe a-muigh ag òl 's mar sin. Bha e na bu duilghe, mar gum b' eadh, faighinn faisg orra, feumaidh mi aideachadh, agus chuir e iongnadh orm ann an dòigh, a chionn, fhios agad, bhiodh ùidh agam ann a bhith a' tachairt riutha, ach bha e na bu duilghe na bha mi a' smaointinn. Tha mi a' smaointinn gu bheil... tha duilgheadasan ann a bhith a' tachairt riutha gu h-onarach, mar gum b' eadh. Fhios agad, tha iad... tha iad air a leithid fhulang, agus tha an dòigh-beatha aca cho doirbh 's gu bheil e, fhios agad, tha... tha gu leòr, mar gum b' eadh, nad rathad mum biodh tu a' coinneachadh riutha. Nam obair ann am Melbourne, bha corra phatient agam a bha na Aboirigineach, 's mar sin fhuair mi cothrom an sin.

CM: Uill, cò ris a bha e coltach a bhith ag obair ann an Astràilia na do dhotair? An e an aon seòrsa suidheachadh a th' aca 's a th' aca an seo?

MM: Chan e. 'S e siostam slàinte uile-gu-lèir eadar-dhealaichte a th' ann, agus ann an dòigh 's ann a bha mi taingeil gu bheil an NHS fhathast beò, ged a tha e air èiginn ann a sheo. Fhios agad, tha an gnothach an sin uile-gu-lèir... uill, chan eil e uile-gu-lèir prìobhaideach, ach tha e... tha mar gum b' eadh... tha siostam nàiseanta ann a' toirt taic dha, ach tha tòrr dheth prìobhaideach agus an dòigh anns am bi na dotairean ag obair, tha e, mar gum b' eadh, uile-gu-lèir prìobhaide. Tha thu air do phàigheadh a rèir gach nì... gach rud a nì thu, fhios agad, 's gach... gach patient a chì thu. Mar sin, fhios agad, cha chreid mise gur e dòigh cheart a th' ann co-dhiù, gu bheil... tha mi a' smaointinn gu bheil sinne gu math nas fheàrr ann a sheo. Fhios agad, bheir thu, mar gum b' eadh... tha thu... bheir thu an ùine dhan phatient a tha a dhìth air a' phatient gun a bhith a' smaointinn idir dè tha e a' dol a chosg. Ann an sin, ge-tà, fhios agad, tha iad gar pàigheadh diofraichte. Ma chuireas tu seachad còig mionaidean còmhla ris a' phatient no deich no, fhios agad, cairteal na h-uarach, no ge bith dè nì thu. 'S mar sin, tha mi a' smaointinn gu bheil... gu bheil buaireadh uabhasach fhèin mòr ann a bhith a' gabhail brath air an t-siostam sin.

Co-dhiù, fhios agad, ach an obair a bha mi a' dèanamh ann an sin, bha e gu math eadar-dhealaichte on an rud a bhios mi a' dèanamh ann a sheo. Bha mi ag obair fad an t-siubhail o chàr. Bha mi a' dol mun cuairt a' dèanamh tadhal air daoine nan dachannan, mar gum b' eadh, agus chan e calls èiginneach a bh' annta idir, ach dìreach dh'fhaodadh iad siud fònadh suas agus ag ràdh, uill, tha mi airson gun tig dotair chun an taighe, agus chuireadh an agency aig an robh mise ag obair, chuir iad mise chun an taighe, agus... agus, fhios agad, bha mi a' siubhal air feadh Mhelbourne. Bha e inntinneach, fhios agad. Gu h-àraid, chanainn-sa, trì cairteal dhe na h-euslaintich agam, gur ann o dùthaich eadar-dhea-... chan ann às Astràilia a bha iad o thùs, fhios agad. Tha an t-uabhas de Ghreugaich 's Eadailtich 's Libianaich ann 's mar sin. Bha sin inntinneach, a chionn bha thu a' faighinn a-staigh am broinn nan taighean aca, a' faicinn, fhios agad, cò ris a bha an dòigh-beatha aca coltach, 's trì ginealaich aca a' fuireach anns an aon taigh, 's faicinn dìreach dè mar a bha iad a' gabhail ri beatha Astràilianach. Mar sin, bha e inntinneach, ach bha mi ag obair air feadh na h-oidhche fad an t-siubhail, fhios agad, o cheithir uairean feasgar gu ceithir sa mhadainn, no sheachd gu seachd, agus a h-uile... 's a h-uile deireadh-sheachdain. Mar sin, an ceann sia mìosan, bha mi rudeigin sgìth dheth. Fhios agad, chan e... uairean mì-nà-... caran mì-nàdarrach a bh' annta.

CM: Chaidh thu an uair sin a New Zealand, agus, uill, ma bhios tu ag ràdh an rud a tha a h-uile duine eile a thèid a New Zealand ag ràdh, chòrd e riut, tha mi cinnteach?

MM: Ò, chòrd glan fhèin, agus gu h-àraid seach gun deach sinn dhan Eilean mu Dheas. Tha e cho àlainn an sin. Chuir e iongnadh ormsa. Cha robh mi idir... bha mi air dealbhannan fhaicinn, ach cha robh, fhios agad, cha robh mi an dùil gum biodh e dìreach cho brèagha 's a bha e. Agus cuideachd, an taca ri Astràilia, an diofar a tha a' tighinn anns a' chruinn-eòlas ann am beagan mhìltean, coltach ri Alba. Fhios agad, thèid thu ceud mìle no leth-cheud mìle agus tha diofar mòr ann a... ann a... mar gum b' eadh, coltas... coltas na tìre. Bha, chòrd e glan rinn. Bha sinn... bha Christchurch, tha e na bhaile beag neo-chiontach, tha mi cinnteach, fhios agad. Chan eil... cha chanainn gu bheil cus a' dol ann an Christchurch, ach tha e laghach, fhios agad, socair 's mar sin, ach na b' fhaide deas nuair a bha mise a' siubhal sìos gu Milford agus na h-àiteachan sin, bha iad air leth brèagha, 's chaidh againn air... tha ceumannan ainmeil ann 's chaidh againn air feadhainn aca sin a dhèanamh.

CM: Chaidh sibh gu New York, ceart gu leòr, ach 's e... tha mi airson facal no dhà fhaighinn leat mu dheidhinn Nicaragua. Tha cuimhne agamsa a bhith a' bruidhinn riut a' chiad turas a bha thu thall ann an Nicaragua. Dè an suidheachadh a tha an sin an-dràsta?

MM: Ann an dòigh, tha an t-àite gu math nas sìtheile na bha e. Chan eil cogadh air a bhith ann o nineteen ninety, tha mi cinnteach, on a thàinig an riaghaltas ùr a-staigh. Ach a dh'aindeoin sin, tha trioblaidean mòra sòisealta ann. 'S e a-nise an dùthaich as buichde ann an ceann a deas Ameireagaidh, ann an Ameireagaidh Laidinn. Tha e air a dhol fo Bholivia. Dìreach cion obrach uabhasach àrd ann. Tha mi a' smaointinn gu bheil trì fichead 's a deich percent de chion obrach ann, agus an riaghaltas a th' ann an-dràsta, tha iad gu mòr chun na... chun na làimhe deise, agus mar sin, fhios agad, tha mu leth-cheud, tha mi a' smaointinn, per cent dhe na daoine, tha iad, mar gum b' eadh, aig an ìre bhochdainne. Mar sin, tha trioblaidean mòra ann. Taing do Dhia nach eil... nach eil an cogadh ann, 's tha mi a' smaointinn gu bheil a' chuid as motha dhe na daoine toilichte a thaobh sin. Chaill iad tuilleadh 's a' chòir anns a' chogadh, agus cogadh nach robh iad a' dol a bhuannachadh gu bràth, seach gun robh iad an aghaidh nan Stàitean Aonaichte. Ach fhathast, fhios agad, daoine laghach, fhios agad, aoibhneach, dìreach cho blàth, fhios agad. Fhuair mise gabhail agam an sin a bha dìreach sònraichte, a' fuireach còmhla ri teaghlach fad mìos. Dìreach chòrd e glan rium. Bha mi a' dèanamh... bha mi air dealbh-chluich a sgrìobhadh mu dheidhinn suidheachadh nan taghaidhean ann an nineteen ninety, 's bha mi airson barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a sin, 's bha e... bha e gu math furasta a dhèanamh, rud a chuir iongnadh orm.

CM: Cò ris a tha e coltach a bhith air ais an Dùn Èideann?

MM: Tha e math fhèin. Fhios agad, tha sinn... tha mi air ais mìos a-nist. Mar a thuirt mi, thàinig Annmarie dhachaigh na bu tràithe, 's mar sin bha mi gu math taingeil gun d' fhuair mise air ais agus nach robh, fhios agad, nach robh sìon air tachairt, agus gun robh ise gu math. Agus tha... ann an dòigh, fhios agad, tha thu dìreach, tha thu... tha thu air ais na do bheatha àbhaisteach, 's tha e mar gum b' eadh, tha an gnothach eile a' dol car na aisling, 's tha thu a' bruidhinn ri daoine mu dheidhinn rudan a tha a' tachairt ann a sheo 's tha e... ò, tha e math. 'S toigh leam, fhios agad, 's toigh leam Dùn Èideann.

CM: A bheil thu toilichte gun deach thu air an turas a bha seo?

MM: Tha.

CM: A bheil Annmarie toilichte gun deach i air?

MM: Uabhasach toilichte. Tha mi a' smaointinn gur e... uill, 's e àm airson sònraichte a bh' ann nar beatha, mar a... mar a dh'obraich a-mach, mar gum b' eadh, a' bhliadhna mu dheireadh mum biodh... mum biodh pàiste againn no sin, agus... tha mi... 's d' fhiach dhut ùine a chur seachad còmhla, agus sin an rud a bha mi ag ràdh riut mun do dh'fhalbh sinn, fhios agad, gun toireadh e an cothrom sin dhuinn, agus thug. Barrachd ùine a bhith còmhla, fhios agad, na th' agad ann a sheo, tha mi cinnteach, 's tu ag obair mar sin. Agus dìreach a' faicinn a leithid de dhiofar dhùthchannan agus a' faicinn dòigh-beatha eile. Fhios agad, mar a tha dòigh-beatha, gu h-àraid Astràilia 's New Zealand, feumaidh mi aideachadh gun robh sinn air ar tarraing gu mòr thuige agus, fhios agad, smaointinn an e sin an seòrsa àite anns am bu thoigh leinn a bhith a' fuireach.

CM: An do rinn thu an-àirde d' inntinn? An do rinn sibh an àirde ur n-inntinn?

MM: Och, tha sinn ann a sheo an-dràsta, agus bidh airson beagan bhliadhnachan, tha mi cinnteach, ach cò aige... cò aige a tha fios, anns na còig bliadhna air thoiseach no mar sin, nan nochdadh cothrom a-rithist nach... nach rachamaid a-null an sin.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach dhan an stiùidio an-diugh a bhruidhinn riumsa. Ceud mìle taing dhut.

MM: 'S e ur beatha.

CM: An Dotair Màrtainn Mac an t-Saoir. 'S tha sinn an dòchas gu dearbha gun tèid a h-uile càil gu math do dh'Annmarie anns na deich latha a tha romhainn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good