Search

Iasgairean a' teicheadh bho bhodach mòr.

Contributors
Date 30 March 1953
Track ID 20104
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.37.B3

Original Tape ID

SA1953.037

Summary

Fishermen escape from a very large old man.

Men who were fishing off Eriskay went ashore to eat. They were joined by a very large old man. The skipper sent one of his crew for more food, but he did not return. The next two he sent did not return either. He went to look for them and found them in a boat, ready to go. He got in and they left. When the old man discovered they had escaped he started chanting a verse.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Eriskay

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Bha sibh ag innse dhomh mu dheidhinn daoine, nuair a bha iad ag iasgach an Èirisgeigh.

Ceit Mhoireasdan: An tòisich mi oirre, ma-thà? Bha daoine siud air falbh le sgothaidh ag iasgach thall ann an Èirisgeigh, agus chuir iad na lìn, agus an dèidh dhaibh na lìn a chur, chaidh iad air tìr anns an eilean a bha seo, Eilean Èirisgeigh, a dhèanamh biadh. Agus thòisich iad air dèanamh a' bhìdh 's an t-iasg 's a h-uile [?sgrìob]. Sgaoil iad tubhailt air an làr, 's chuir iad... sgaoil iad am biadh ann a shin, 's thòisich iad a' gabhail am bìdh.

Agus thàinig bodach mòr a-nuas às a' bheinn agus shuidh e còmhla riutha 's thòisich e air ithe a' bhìdh còmhla riutha. Bha am biadh a' sìor theirigeachdainn, ach sgiobair a' bhàta seo, dh'iarr e air fear dhe na gillean falbh sìos agus tuilleadh bìdh a thoirt a-nuas às a' bhàta, mun teirigeadh na bh' aca. Dh'fhalbh an gille a bha sin, 's cha robh cabhag tighinn air. Cha robh e tighinn, 's bha an duine a' gabhail fadachd dheth 's dh'iarr e sin air an ath fhear falbh. Agus am fear eile, ghreas iad a-nuas e, a' toirt a-nuas leotha tuilleadh dhen bhiadh. Cha robh iad seo a' tighinn, an dithis sin a chuireadh air falbh, 's cha robh cabhag tighinn orra. Ach co-dhiù, dh'iarr e air an treas fear falbh, agus thuirt e greasad a-nuas leis a' bhiadh, mun teirigeadh am biadh dhaibh uile.

Dh'fhalbh an triùir, agus cha robh tuar air tighinn, 's bha esan a' gabhail fadachd mu dheireadh thall. Dh'èirich e fhèin on bhòrd 's on àite a bh' ann a shin 's dh'fhalbh e sìos gan greasad a-nuas co-dhiù, 's bha am bàta deiseil aig an triùir ghillean eile mun d' ràinig e fhèin, 's cha robh aige sìon ach gabhail am broinn a' bhàta, 's cha do rinn iad ach falbh on charraig nuair a bha am bodach às an dèidh. Bha e fhèin a' dol... a' dol a dhèanamh cron orra, math dh'fhaodte, ach co-dhiù thòisich e air èigheachd:

"A phiuthar sin ann an Gleann [?nan Gò], coinnich iad; a phiuthar sin ann an Gleann [?nan Gò], coinnich iad; a phiuthar sin ann an Gleann [?nan Gò], coinnich iad."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good