Search

Boireannach a rinn corp-crèadha den uachdaran.

Date 12 February 1953
Track ID 2683
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.024.B8

Original Tape ID

SA1953.024

Summary

A woman made an effigy of the landowner.

The contributor explains that a clay effigy could only be made by women, and then only in the presence of a man. He recounts the story of some women who made an effigy of the landowner, the Laird of Corry. A crippled tailor was their chosen witness. The effigy was put in a stream and the Laird of Corry immediately became ill. When the effigy was eventually found, the Laird of Corry recovered. The women were sentenced to death, but a change in the law saved them.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Chuala sibh iomradh uair 's uair air a' chorp-crèadha a bhiodh na bana-bhuidsichean a' dèanamh. Ach tha mi a' creidsinn nach cuala sibh riamh ciamar a bha iad ga dhèanamh?

Calum MacIllEathain (CM): Cha chuala a-niste.

TD: Ò bha obair mhòr timcheall air dèanamh a' chorp-crèadha. Chan e a h-uile duine a dhèanadh e, agus nuair a thig e gu sin, cha robh duine idir comasach air a dhèanamh. Bidh sibh a' gabhail iongnadh gu dè tha mi a' ciallachadh le sin. 'S e tha mi a' ciallachadh le sin seo - cha robh fireannach comasach air corp-crèadha a dhèanamh. Dh'fhaodadh e a dhèanamh ceart gu leòr ach cha bhiodh corp-crèadha a dhèanadh fireannach, cha bhiodh sìon a dh'èifeachd no de chumhachd co-cheangailte ris. 'S e boireannach a dh'fheumadh a dhèanamh, na bana-bhuidsichean. Ach air an làimh eile, cha b' urrainn boireannaich fhèin a dhèanamh gun fireannach a bhith anns an fhianais, anns an làthair.

Tha sgeulachd air innse gun deachaidh corp-crèadha a dhèanamh do dh'Fhear a' Choire. Tha fhios agaibh cò bh' ann am Fear a' Choire. Rinn iad corp-crèadha do dh'Fhear a' Choire, ma-thà. Tha e coltach gun robh e caran cruaidh air an tuath aig an àm. Agus 's e a bh' ann ach gun do chruinnich na boireannaich co-dhiù agus dh'aontaich iad gun dèanadh iad corp crèadha dha. Agus chuir iad a-mach latha airson na h-obrach, agus chuir iad cuideachd a-mach an taigh - taigh aon dhiubh fhèin anns an dèanadh iad an obair. Agus nuair a thàinig an latha, choinnich na boireannach anns an taigh a chuir iad a-mach airson a' ghnìomh, ach ge be air bith gu dè bu choireach, thàinig air a h-uile fear a bh' air grunnd a' bhaile, thàinig orra falbh bhon taigh. Chan eil fhios a'm gu dè a b' adhbhar dha - bha rud air choreigin ri dhèanamh an dàrna cuid anns a' mhonadh no aig muir, agus cha robh fireannach air grunnd taighe a gheibheadh na boireannaich airson a bhith an làthair, 's cha b' urrainn daibhsan an corp-crèadha a dhèanamh gun aon fhireannach a bhith san fhianais.

Ach ann an sin, chuimhnich tè gun robh tàillear crùbach anns a' bhaile fhathast, nach do dh'fhalbh, nach b' urrainn falbh cuide ris na fir eile. Agus thuirt i seo ri càch. Och, 's ann a dh'fhalbh iad, triùir no cheathrar dhiubh, agus sguab iad leotha an tàillear, agus thug iad e cuide riutha gu ruige an taigh anns an robh iad a' dèanamh a' chorp-crèadha.

Chuir iad an tàillear na shuidhe ann an àiteigineach airson a bhith làthair, 's thòisich iad air a' chorp-crèadha a dhèanamh cho math agus a b' urrainn an corp. 'S rinn iad e, 's rinn iad e dha-rìribh, agus ann an sin, chuir iad e gu ruige an sruthan anns am bite a' cur a leithid airson gum biodh an t-uisge a' sìor chnàmh a' chuirp-chrèadha agus cha robh iad sìon ach air sin a dhèanamh nuair a thòisich Fear a' Choire air fàs tinn. Agus chaidh e gu lighiche thall 's chaidh e gu lighiche a-bhos, ach dh'fhailich air a h-uile h-aon diubh a thuigsinn gu diod a bha ceàrr. Agus bha Fear a' Choire a' sìor chnàmh 's a' sìor fhàs lapach agus lag, 's cha robh fhios bhon an talamh gu diod a bha ceàrr. Cha b' urrainn daibh fhaicinn gu diod a thàinig ris. Agus mu dheireadh, 's ann a bha ainm anns a h-uile h-àite air an tubaist a bh' ann an seo, mar a bha tinneas Fear a' Choire a' dol air adhart agus e a' sìor chnàmh às, agus gun nì ann a ghabhadh dèanamh air a shon. Agus mu dheireadh thall, 's ann a dh'innis an tàillear gu dè bu choireach - dè a b' adhbhar dhan an tinneas.

Co-dhiù, 's ann a chaidh am fios seo a thoirt gu cluasan Fear a' Choire, agus anns a' mhionaid dh'fhalbh iad agus fhuair iad an corp-crèadha, thoradh bha fios aig an tàillear glè mhath far an do chuir na mnathan an corp-crèadha. Fhuaradh an corp-crèadha agus thugadh às an allt e, agus chuir iad... thiodhlaic iad e anns a' mhòintich far nach cnàmhadh e gu sìorraidh. Agus cha bu luaithe a rinn iad sin na bha Fear a' Choire a' sìor fhàs na b' fheàrr, a' sìor fhàs na b' fheàrr 's a' faotainn an uachdair air a' bhochdainn.

'S e bh' ann co-dhiù ach gun tug e na boireannaich, thug e suas iad - agus bha cumhachd anns an latha ud aig uachdaran rud sam bith a dhèanamh, air neach sam bith a rachadh na aghaidh - thugadh na boireannaich suas airson a' ghnìomh. Agus bha iad gu bhith ann an droch cuid dheth, thoradh bha an lagh anns an àm a bh' ann an sin anabarrach fada ann an aghaidh buidseachd dhen an t-seòrsa. Agus dìreach nuair a thàinig an t-seachdain anns an robh a' bhinn ga thoirt a-mach air na boireannaich, gu fortanach, nach ann a chuir a' Phàrlamaid às dhan an lagh an-iochdmhor a bha a' cur nam bana-bhuidsichean gu bàs ann an dòigh cho uabhasach. Agus fhuair na boireannaich, fhuair iad ma sgaoil agus fhuair iad an saorsa, agus fhuair Fear a' Choire a shlàinte air ais.

Sin agaibh sgeulachd a' chuirp-chrèadha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good