Search

Sùil a Sporan agus Sùil a Dia.

Date August 1970
Track ID 28382
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.214.A1

Original Tape ID

SA1970.214

Summary

Sùil a Sporan and Sùil a Dia - belief in money and belief in God

There were two men, Sùil a Sporan, who thought money would provide everything, and Sùil a Dia, who believed that God would. Sùil a Sporan put Sùil a Dia's eyes out in an argument, to see if God would replace them. Sùil a Dia followed the sound of cats to a house where the cats gathered at night, and hid inside.

The cats newsbearer Piseag Pheallach Odhar [shaggy dun kitten] told them of a nearby well which would cure any affliction. Sùil a Dia went off, rubbing his eyes with water from every puddle he came to, until he found the well and regained his sight.

When Sùil a Sporan saw him, he asked him to put his own eyes out, which Sùil a Dia did reluctantly, then Sùil a Sporan also went to the cats' house. That night Piseag Pheallach Odhar called for a house search because a man had hidden there and heard about the well. They found Sùil a Sporan and tore him to pieces. Sùil a Dia found him next day. He set fire to the house with the cats inside.

Item Subject/Person

Sùil a Sporan; Sùil a Dia

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT613

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson: Uill, innsidh mi dhut naidheachd bheag a chuala mi ann a sheothach air... air dithis a bh' ann, dithis fhear. Agus 's e Sùil a Dia a bh' air fear aca agus Sùil a Sporan air an fhear eile.

Agus bha a-nist am fear a bha... Sùil a Dia, bha e a' creidsinn ann an Dia, gun cuireadh e rud sam bith air. Agus bha Sùil a Sporan a' creidsinn... 's ann anns an sporan a bha e a' creidsinn, gum faigheadh e rud sam bith leis an sporan.

Ach cò-dhiù seothach bha iad latha air falbh, agus thòisich a' chòmhdach aca mu dheidhinn an rud. Agus thuirt Sùil a Sporan ri Sùil a Dia:

"Nan cuirinn-sa a-nist," ars esan, "an dà shùil asad fhèin," ars esan, "an-dràsta," ars esan, "a bheil thu a' smaointinn gun cuireadh Dia sùilean eile annad?"

"Cha rachainn an urras," arsa... arsa Sùil a Dia, "nach... nach cuireadh," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Chuir Sùil a Sporan chuir iad... chuir e an dà shùil às an fhear eile. Agus dh'fhàgadh ann a shin e.

Uill, bha e a-nist falbhach, dall ann a shiud 's cha robh e a' faicinn sìon. Agus thòisich e air falbh an seothach air a chràgan 's air a chrògan agus chuala e seothach miamhail cait, agus thòisich e ri leantail am miamhail a bha seothach. Agus sguir am miamhail an seothach, agus... agus ràinig esan an seothach balla taighe, agus thòisich e ri dol... feuchainn ris... timcheall a' bhalla le a làmhan gus an d' fhuair e an doras.

Agus fhuair e an doras, agus chaidh e a-staigh gu fàilidh. Agus bha durraghan aig na cait shuas anns a' cheann eile dhen... dhen taigh a bh' ann. Agus dh'fhalbh e agus thug e aghaidh sìos air an taobh eile, agus thòisich e ri feuchainn sìos ris a' bhalla sin, agus dè thachair ris ach seòrsa de thuba mòr de bhallan, agus dh'fhalbh e agus thog e am ballan agus chaidh e a-staigh foidhe.

Agus bha e ann a shin, agus bha e a-nist a' cluinntinn nan cat a' durraghanaich shuas. Agus bha... chuala e rìgh nan cat fhèin, agus 's e Gugtrabhad a theireadh iad ris, ri fear... an àrd-fhear a bh' air na càit a bh' ann, an ceannard a bh' orra.

Thuirt e ri Gu-... feareigin aca:

"Thalla," ars esan, "agus seall a-mach," ars esan, "feuch am faic thu a' phiseag pheallach mhòr a' tighinn."

Agus shealladh a-mach, 's thuirt... thàinig e a-staigh ge brith cò... agus thuirt e nach fhaca.

"Dè tha ga cumail a-nochd?" ars esan. "Feumaidh gu bheil rudeigin ceàrr," ars esan.

Agus an ceann greis an seothach dh'iarr e air seothach sealltainn a-mach a rithist. Agus shealladh a-mach, agus thuirteadh gun robh i a' tighinn.

Uill, thàinig an seothach a' phiseag pheallach odhar.

"Seadh," arsa Gugtrabhad, ars esan, "gu dè bha gad chumail," ars esan, "air falbh cho fada?"

"Ò cha robh mòran," ars ise, "ach bha dàil... bha... thàinig maille orm," ars ise, "air an rathad," ars ise.

Agus:

"Seadh, ma-thà," ars esan, "gu dè a-nist," ars esan, "a th' agad ri innse dhuinn a-nochd?" ars esan.

"Chan eil," ars ise, "mòran agamsa ri innse dhuibh," ars ise, "ach," ars ise, "gu bheil iad air àite ainmeil fhaighinn an siud faisg air a seo fhèin," ars ise. "Chan eil e fada sam bith air falbh às a seo," ars ise, "de thobar," ars ise. "Agus chan eil seòrsa anacair," ars ise, "a th' air duine, ma dh'òlas e an t-uisge, nach leighis i, agus chan eil seòrsa a th' air an taobh a-mach aige, ma... ma shuathas e an t-uisge ris, nach bi e mar a bha e reimhid."

Agus, uill, thòisich iad air bruidhinn air, bruidhinn air a sineach. Agus bha am fear a bha shìos fon tuba bha e ag èisteachd.

Ach co-dhiù seothach dh'fhan e ann a shineach gus an do ghabh iadsan mu thàmh, gu 'n cuala e nach robh durraghan thall no a-bhos. Agus nuair a chuala, dh'fhalbh e agus thàinig e a-mach bhon bhallan, agus lean e sìos an trag air an tàinig e gus an d' fhuair e an doras.

Agus fhuair e an doras co-dhiù, agus nuair a ràinig e an doras cha robh fhios aige a-nist cò an taobh a bheireadh e aghaidh. Ach bha ise ag innse air an rathad air an robh... às a seothach, air an robh an t-àite a bha siud, an tobar a bha siud. Agus bha e a' smaointinn aige fhèin a-nist mar a bha an taigh air a shuidheachadh gum feuchadh e air an trag a bha seo.

Uill, cha robh lòn no sìon anns an tigeadh e tarsainn air - cha robh e ach a' falbh air a chràgan 's air a ghlùinean co-dhiù; cha b' urrainn dha seasamh 's an dà shùil a dhìth air - cha robh lòn no sìon an t-saoghail nach bogadh e a chràg ann 's nach suathadh e ri a shùilean, agus cha robh e a' faighinn fradharc no fradharc.

Ach co-dhiù seothach air deireadh thall, thog e seothach... thàinig e gu àite, agus bha e a' smaointinn mar... bha e a' faireachdainn mar gum biodh an t-àite a bh' ann air a' chlachaireachd, agus bha e ag ràdh ris fhèin gum feumadh gur e tobar no rudeigin a bh' ann. Agus dh'fheuch e seothach agus fhuair e an t-uisge ann, agus bhog e a làmh ann agus shuath e ri a shùil e, agus bha fradharc aige mar a bh' aige reimhid.

Ach co-dhiù seothach bha e suas ri latha soilleireachadh co-dhiù, agus dh'fhalbh e dhachaigh. Agus an làrna-mhàireach co-dhiù thàinig Sùil a Sporan an rathad. Agus:

"Seadh," ars esan. "Tha... tha do shùilean annad air ais," ars esan.

"Ò tha," arsa Sùil a Dia, ars esan. "Nach robh mise ag ràdh riut," ars esan, "gum faodadh gun cuireadh Dia annamsa air ais iad," ars esan.

"Uill, ma-thà," ars esan, "feumaidh tusa falbh còmhla riumsa an-diugh, agus a cheart àite anns an do chuir mise na sùilean asad," ars esan, "cuiridh tusa asamsa iad," ars esan. "Agus," ars esan, "feuch am faic mi," ars esan, "an cuir an sporan annamsa iad."

Uill, cha tug e gabadh air gu dè an dòigh anns an d' fhuair e iad, no 's fhada a dh'innis e sìon mu dheidhinn.

Uill, dh'fhalbh iad co-dhiù. 'S cha bhiodh... cha robh Sùil a Dia airson an cur às idir, ach bhiodh Sùil a Sporan, cha bhiodh e beò ach dh'fheumadh e an cur às, oir 's gum faiceadh e gu dè dhèanadh an sporan ris.

'S e seo an rud a rinn iad. Chuir e às an dà shùil, 's dh'fhàg e ann a shiud e.

Nist, mar a thachair dha... do Shùil a Dia chuala... bha Sùil a Sporan a' falbh e fhèin agus chuala e an cat... na cait a' mialaich, agus thòisich e rin leantail. Agus thàinig e air a cheart taigh anns an tàinig Sùil... Sùil a Dia, agus chaidh e sìos ann agus fhuair e am ballan mar a fhuair esan, agus chaidh e foidhe.

Agus dh'iarr an seo Gugtrabhad air fear dhe na càit sealltainn a-mach feuch am faiceadh iad a' phiseag pheallach odhar a' tighinn. Agus cha robh i a' tighinn idir. Sheall iad a-mach an seothach uair no dhà 's cha robh i a' tighinn. Ach thàinig i seothach air deireadh.

"Seadh," arsa Gugtrabhad, ars esan, "gu dè," ars esan, "bu sgialt dhut," ars esan, "nach robh thu seothach roimhe seo," ars esan, "gu bheil a' chuid as fheàrr," ars esan, "dhen oidhche seachad a-nist?" ars esan.

"Bha," ars ise, "bha mo mhaighstir," ars ise, "bha e air falbh," ars ise, "'s cha do thill e dhachaigh idir," ars ise. "Agus," ars ise, "bha mi a' feitheamh," ars ise, "feuch an tilleadh e."

Agus:

"Seadh ma-thà, glè cheart," arsa Gugtrabhad, ars esan. "Dè," ars esan, "a th' agad ri innse dhuinn a-nochd?"

"Chan eil mi," ars ise, "a' dol a dh'innse dhuibh," ars ise, "naidheachd no naidheachd," ars ise, "gus an rannsaich sibh an taigh," ars ise. "Bha an oidhche reimhid an seothach," ars ise, "bha mise ag innse na naidheachd," ars ise, "mu dheidhinn an tobair," ars ise, "a fhuaradh an sineach," ars ise, "agus a bha leigheas ann," ars ise, "agus bha òganach," ars ise, "shìos ann an ìochdar an taighe," ars ise, "ag èistea-... a' gabhail... ag èisteachd rinn ann a sheo," ars ise. "Agus," ars ise, "dh'fhalbh esan ann," ars ise, "'s chaidh a leigheas ri linn. Ach," ars ise, "chan eil mise a' dol a dh'innse a' chòrr dhut."

Ò, siud sìos a ghabh iad air feadh an taighe, a cheann shìos an taighe, 's timcheall, 's thòisich rùileach 's cha d' fhuaradh duine. Ò, cha robh duine shìos an siud co-dhiù 's cha ruig i leas, faodaidh i tòiseachadh tuilleadh.

"Ò, cha... cha tòisich," ars ise. "An do thog sibh," ars ise, "am ballan a tha shìos an sin?" ars ise.

Agus chaidh iad sìos. Chaidh iad an lùib a' bhallain co-dhiù 's a dh'olc no dh'èiginn gun d' fhuair iad, fhuair iad a thogail 's bha Sùil a Sporan ann a shin. Chaidh iad na lùib an seothach 's shlaodadh e a-nuas, suas mu choinneamh... mun coinneamh aig a... mura bi an robh teine aca gus nach robh. Agus:

"Siuthadaibh a-nist," arsa Gugtrabhad, ars esan, "slìobaibh," ars esan, "Mac Mharais."

Agus thòisich iad ri slìob-... ri slìob-... slìobadh a spògan mar seo, ga shlìobadh. Agus:

"Siuthadaibh," ars esan, "cùl na spòige ris a-nist," ars esan.

Thòisich iad air cùl na spòige ris [???].

"Siuthadaibh a-nist," ars esan, "a cùl 's a h-aghaidh."

Thòisich iad an sineach air a cùl 's a h-aghaidh, 's mun do stad iad, cha robh leud dubhain air... na rachadh air an dubhan air fhàgail de Mhac... de Shùil... Sùil a Sporan nach robh air a thoirt às a chèile.

Uill, cha robh air sineach ach sin fhèin. Làrna-mhàireach nuair a dh'èirich Sùil a Dia, 's nach do thionndaidh esan suas, dh'fhalbh e air a thòir 's cha d' fhuaradh trace sam bith air. Agus [?nòdach] rudeigin mun taigh, gur ann an seo a bha e. Agus dh'fhalbh e agus fhuair... rinn e an gnothach gu... a-mach, gur ann an seothach a chaidh crìoch air.

Agus thòisich e air cruinneachadh ghnothaichean agus ga chur a-staigh dhan taigh. Agus nuair a thàinig an oidhche an seothach agus nuair a ghabh na cait mu thàmh 's a h-uile sìon, bha gach doras 's gach sìon aige air a dhùnadh agus chàireadh teine ris an taigh. Agus cha tàinig cat beò a-mach às.

Agus chan eil fhios agamsa an do thòisich iad ri cruinneachadh a-rithist, no gu dè rud a rinn iad, ach sin mar a chuala mise mar a dh'èirich do Shùil a Dia 's Sùil a Sporan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good