Clann 'ic Dhùghaill agus Cù Glas Mheobail: fiosrachadh agus...
Date May 1954
Track ID 31755
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1954.44.2

Original Tape ID

SA1954.044

Summary

Clan MacDougall and the Grey Dog of Meoble: information and story.

A MacDougall was killed by the Grey Dog of Meoble, which is why it is seen on the death of a member of the clan. The victim was the bitch's owner. He was away for a time and when he returned there was no sign of her. They thought she may be on an island in Loch Morar. She had a litter of pups. He went out to the island, but she didn't recognise him and she killed him. This is why the grey dog appears before the funeral of a MacDougall.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Arisaig

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Meoble

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Donald MacDonald (DM): Agus bha an ceann-suidhe acasan shuas mu thuath Loch Mòrair, eadar Meobail agus àite ris an can iad Reit... Reitealan.

Calum MacIllEathain (CM): Dìreach.

DM: Agus 's ann air sàillibh sin a theireadh iad gun robh an cù glas, gum biodh e air lorg duine sam bith a gheibh... duine a gheibh... a bhàsaicheadh, gum biodh an cù glas ri fhaicinn, a chionn 's e fear de Chloinn 'ic Dhùghaill a chaidh a mharbhadh leis a' chù ghlas.

CM: Ò seadh, seadh. Seadh.

DM: B' ann leis fhèin a bha an cù, tha e coltach rium, agus bha e air falbh treis dheth fhèin bhon taigh agus dar a thàinig e dhachaigh 's e galla-choin... galla a bh' ann.

CM: Galla, seadh.

DM: Agus cha robh a' ghalla ri fhaighinn. Dh'fhorfhais iad càit an robh i agus smaoinich iad an sin gur ann ann am fear de dh'eileanan Mhòrair. Tha eileanan bòidheach a-mach ann an Loch Mòrair - tha iad ainmeil - agus smaoinich iad gur ann sin a bha a' ghalla. Agus cha b' e duine gun mhisneachd a dh'fheumadh a dhol air fhaotainn galla ann an eilean agus cuileanan aice. Ach co-dhiù... agus bha fhios aca air an sin. Ach bha fear seo, thuirt e:

"Ò faithnichidh a' ghalla mise. Chan eil eagal idir orm."

Agus chaidh e a-mach dhan eilean bheag a bha seo ach tha e coltach ris nach d' fhaithnich i e. Agus mharbh i ann an sin e. Agus 's e sin as coireach gu bheil iad ag ràdhainn gu bheil an cù glas ri fhaicinn uaireigineach fad 's a tha fear de Chloinn 'ic Dhùghaill air uachdar talmhainne. 'S ann tha mi a' minigeadh an dèidh a' bhàis. Fad 's...

CM: Dìreach, dìreach. Ò seadh, seadh. Mun tèid an corp aige a thiodhlacadh.

DM: Mun tèid a thiodhlacadh.

CM: Seadh, dìreach. Tha sin math.