Search

Mar a fhuair fear de Chlann 'ic Cruimein pìobaireachd bho na sìthichean.

Date June 1958
Track ID 32013
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.26.A5

Original Tape ID

SA1958.026

Summary

How one of the MacCrimmons received the gift of piping from the fairies.

A young MacCrimmon lad was passing a fairy-hill when he heard melodious piping. He saw an old man there who told him to place his fingers on top of his, and to put his tongue in his mouth. When he did this, he was given the gift of piping. He went home and performed before a group who had come especially to see how good the MacCrimmons were at piping.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Pàdraig MacCormaig: Bha Clann 'ic Cruimein, fhios agad, bha iad cho ainmeil co-dhiù, 's bha an t-ainm aca air feadh an t-saoghail air pìobaireachd. Agus chan eil fhios agamsa dè an t-ainm a bh' air an fheadhainn mhòr a thàinig gam feuchainn, ach thuig Clann 'ic Cruimein glè mhath an gnothach.

Agus bha gille aig fear dhen Chlann 'ic Cruimein agus bha e leth-oireach. Agus bha pìob bheag aige fhèin, air leth dha fhèin. Bhiodh i aige air an tobhtaidh, fhios agad. Chan fhaigheadh esan an lùib chàich ann.

Agus air a thàinig na daoine mòra a bha seo, 's ann a chuir Clann 'ic Cruimein a dh'iarraidh uisge-bheatha. Thug e iad dha... dhan ghille buideal airson a dhol a dh'iarraidh uisge-bheatha.

Chuir e air a mhuin seo. Agus bha e a' dol seachad air sìthean, agus chuala e pìobaireachd bhrèagha, bhrèagha. Agus bha bodach a-muigh. Agus thuirt e ris:

"Tha," ars esan, "daoine mòra," ars esan, "a' dol... a' tighinn a dh'fheuchainn d' athar an-diugh," ars esan. "Ach cha bhi a' bhuaidh idir aca ort ma ghabhas tusa mo chomhairle-sa," ars esan. Agus: "Thèid thusa a-nall far a bheil mise," ars esan, "agus cuir do mheuran," ars esan, "air muin mo mheuran-sa," ars esan, "agus cuir do theanga na mo bheul. Agus air a thèid thu dhachaigh," ars esan, "bidh buaidh na pìobaireachd agad."

Uill, dh'fhalbh an gille agus cha robh e fad air falbh agus thug e leis dhachaigh am buideal uisge-bheatha. Agus air a thàinig e, chaidh cuach a chur mun cuairt dheth, air na srainnsearan, agus 's ann a thòisich iad an uair sin air fhaighneachd cò sheinneadh an toiseach.

"Ò uill," chanadh Clann 'ic Cruimein, "nach seinn na srainnsearan an toiseach," ars esan. "'S iad a thàinig an seo airson seinn."

"Hod," ars an gille leth-oireach a bha seo, "seinnidh mi fhìn," ars esan.

"Ò preasan gun dòigh," thuirt athair, "feuch," ars esan, "nach cuir thu sgrath air na daoine," ars esan. "Fàg bhuat," ars esan, "a' phìob."

Ghabh e sìos chun na tobhta 's thug e a-mach a' phìob 's sheinn e. Agus cha do rinn an fheadhainn a thàinig ga iarraidh ach teicheadh air falbh.

"Uill," thuirt iadsan, "mas e siud am fear as miosa dhiubh, aig an fhortan a tha bràth gu dè cho math 's a tha càch. Bi sinn a' falbh."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair