Search

Alasdair Fiadhaich agus am Bòcan.

Date 14 June 1958
Track ID 32286
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.27.B1;B2

Original Tape ID

SA1958.027

Summary

Wild Alasdair and the ghost.

At one time, at Christmas and New Year, people used to gather at the Brown Bridge for a dance. On one occasion, a fellow named Wild Alasdair was sent to fetch the whisky. On his way back, his horse stopped at the bridge. A man who was there gave him a hiding. This happened a second time, and Wild Alasdair decided to go to America to escape the apparition. It, however, followed him over. The apparition advised him to go back home. He was known as Alasdair of the Ghost ever after.

The contributor got many of his stories from Alasdair Mòr MacIntyre, who likewise gave many stories to Carmichael.

Item Subject/Person

Alasdair a' Bhòcain

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Frobost

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha a chleachdadh aca a-muigh aig an Drochaid Ruaidh an siud, bhiodh iad a' cruinneachadh airson bàl, a' cur airgead cruinn aig Bliadhn' Ùr 's aig Nollaig. Agus an triop a bh' ann an seo, chuir iad cruinn airgead airson bàl a dhèanamh. Agus bha duine mòr fiadhaich ann - cha chanadh iad guth ris ach Alasdair Fiadhaich, de dhuine curs dheth fhèin - agus cha robh duine ann bu fhreagarraiche falbh a dh'iarraidh an uisge-bheatha na Alasdair Fiadhaich.

Agus bha aige ri tighinn a-staigh seachad air an Drochaid Ruaidh, agus thug e leis pònaidh. Bhiodh e a chleachdadh aca an uair sin, a h-uile fear a dh'fhalbhadh air feadh na h-oidhche, bheireadh e leis lorg mhòr choille na làimh, no a' bhata.

Nuair a ràinig Alasdair Fiadhaich an taigh-seinnse, bha feadhainn an sin ag òl, 's bha e treis còmhla riutha, 's smaointich e an seo gum feumadh e uisge-beatha a' bhàil fhaighinn 's an t-àm aige falbh. Fhuair e sin 's cheangail e air muin a' phònaidh e, ann am poca. Chaidh e fhèin air muin a' phònaidh 's dh'fhalbh e, 's nuair a ràinig e an Drochaid Ruadh, sheas an t-each, 's cha rachadh e biod dheth a-null air an drochaid. Bha e a' stràcadh an eich 's a' speuradh dha, 's cha robh an t-each ach a' bacadh.

Sheall e an seo feuch gu dè an aon rud a bha an t-each a' faicinn o nach rachadh e a-null air an drochaid. Bha duine na shuidhe aig ceann na drochaid thall, agus dh'èigh e dhan duine clìoradh air falbh à siud air neo gun sgoilteadh e e far an robh e. Cha do charaich an duine. Dh'èigh e a-rithist dha e a chlìoradh air falbh no gun cuireadh e an t-eanchainn às leis an drochaid. Cha do charaich an duine. Dh'fhalbh e 's ghabh a-null leis an luirg, 's chuir e fairis an lorg air anns an druim, 's dh'fhalbh i, an lorg, nam fichead pìos far an droma aige. Cha robh ach mar gum buaileadh e air gàd iarainn i.

Dh'èirich am fear a bh' aig an drochaid 's ann am bad Alasdair a bha e. Ged a bha Alasdair na dhuine foghainteach, làidir, cha sheasadh e cas dhan fhear a bh' aig an drochaid an dèidh nam buillean, gus an do dh'fhàg e Alasdair na shìneadh nach b' urrainn dha cas a chur fodha, mu dheireadh.

Chaidh am pònaidh dhachaigh 's an t-uisge-beatha air a mhuin. Nuair a ràinig e, an t-each, an taigh, leig a bhean na creachan gun robh Alasdair marbh an àite air choreigin, gun robh an t-each an dèidh tighinn chun an taighe 's an t-uisge-beatha air a mhuin. Dh'fhalbh daoine an uair sin feuch am faigheadh iad sgeul air Alasdair. Choinnich e iad air an rathad, a' tighinn air a ghlùinean, 's nach b' urrainn dha seasamh. Thug iad leotha dhachaigh e, 's chuireadh dhan leabaidh e, 's cha do dh'innis e sìon dè thachair dha, ach... och, cha robh air ach an rud is minig a bh' air; cha robh air ach an deoch.

Thug e cola-deug air leabaidh, 's fhuair e an sin gu math 's bha e a-mach 's a-staigh. Bha iad an seo oidhche air a dhol a chadal, e fhèin 's a bhean, 's ò, chuala iad an aon ràn aig na beothaichean anns a' bhàthaich:

"Ah Dhia, Alasdair," ars a bhean, "'s fheàrr dhut èirigh. Tha tè dhen chrodh air fuasgladh, no marbhaidh i càch."

An Dia, smaointich Alasdair air rud eile. Cha robh e airson carachadh.

"Ò chan eagal dhaibh," ars esan. "Cha dèan iad sìon air a chèile."

Cha robh an crodh a' sgur a rànaich.

"Ah, ma-thà," ars ise, "'s fheàrr dhomh fhìn èirigh," ars ise, 's i a' tionndadh.

Nuair a chunnaic e gun robh ise a' dol a dh'èirigh, thuirt e ris fhèin nach rachadh ise a-mach co-dhiù.

"Ò ma-thà, fan far a bheil thu," ars esan, "thèid mi fhìn a-mach," ars esan.

Chuir e uime 's chaidh e a-mach, 's nuair a chaidh e a-mach, bha mo laochan roimhe aig doras na bàthcha. Ach ma fhuair e aig an Drochaid Ruaidh e, 's ann fhuair e an oidhche sin e, gus an do dh'fhàg e na shìneadh ann a shin e.

Nuair a bha a bhean a' gabhail fadachd nach robh Alasdair a' tighinn a-staigh, dh'èirich i fhèin 's chaidh i a-mach. Bha Alasdair na shìneadh ann a shin, 's cha b' urrainn dha carachadh. Fhuair i a shlaodadh dhachaigh 's chuireadh dhan leabaidh e, 's seo nuair a dh'innis e gu dè thachair, gur e siud a thachair ris aig an Drochaid Ruaidh, an oidhche a bha e ag iarraidh an uisge-bheatha. Cha leigeadh an t-eagal dha an uair sin a dhol a-mach air an doras, aon uair 's gun dorchnaicheadh i.

'S ann a smaointich e an seo gum b' fheàrr dha clìoradh air falbh às an àite air fad, gun dèanadh e rùp agus gum falbhadh e gu ruige Ameireaga. 'S e seo a rinn e. Dh'fhalbh e fhèin 's a bhean 's a chlann gu ruige Ameireaga. Nuair a ràinig e sin, cha robh an sin ach àite fiadhaich gun sìon ach coille. Fhuair e bothag a dhèanamh anns a' choillidh. Gheàrr e track a-mach on bhothaig, oir is gun dèanadh e rathad a dh'ionnsaigh na bothaig, uair sam bith a thigeadh e, moch no anmoch. Cha robh e a' toir a-staigh sgillinn ach a' cosg na bh' aige.

Bha e an sin oidhche a' tighinn a-staigh, anmoch, chun na bothaig a bha seo, agus gu dè a chunnaic e ach duine na sheasamh roimhe anns an tunail a bha seo. Agus sheas e, agus thug e treis a' coimhead air, agus choltaich e e ris an fhear a choinnich aig an Drochaid Ruaidh e.

"Seadh," ars esan, "tha thu a' smaointinn," ars esan, "gur e fear a choinnich aig an Drochaid Ruaidh thu a th' ann," ars esan.

"An-tà, tha," ars Alasdair.

"An-tà, 's e dìreach a th' ann a sheo, ma-thà," ars esan. "Agus tha e a cheart cho furasta dhòmhsa a thoir dhutsa nochd a leithid 's a thug mi dhut aig an Drochaid Ruaidh, ach cha bhean mi a-nochd dhut," ars esan. "Bha thu a' smaointinn nach tiginn-sa a dh'Ameireaga idir," ars esan, "on a thàinig tu fhèin ann, ach bha mise a' tighinn ann còmhla riut," ars esan. "Agus 's e an rud as fheàrr dhut a dhèanamh a-nist," ars esan, "fhad 's a bhios agad na bheir air ais thu," ars esan, "till air ais far an robh thu roimhe," ars esan, "'s cha chuir mise dragh tuilleadh ort," ars esan. "'S bha thu a' gabhail gnothach [?ri] mòran nach robh gnothach agad ris," ars esan, "'s cha mhotha na sin a gheibh thu a-mach cò mi," ars esan.

Rinn Alasdair airson tighinn a-nall, 's bha aige na phàigheadh fharadh a-nall air èiginn, 's cha robh an còrr. 'S nuair a thàinig e chun na Drochaid Ruaidh, cha robh aige ach tobhta lom an sin, agus leis an truas a bh' aig na daoine ris, a h-uile duine a cheannaich sìon air an rùp aige, thug iad dha air ais e gus a dhèanamh suas mar a bha e roimhe.

Agus cha chante guth ris an uair an sin ach Alasdair a' Bhòcain. 'S e Alasdair Fiadhaich a bh' aca air roimhe sin, agus sin agaibh mar a dh'èirich do dh'Alasdair.

Calum MacIllEathain (CM): Tha sin math.

[Briseadh sa chlàradh an seo.]
AM: Alasdair Mòr a chanadh iad ris.

CM: Alasdair Mòr, seadh. Anns a' Bheinn Mhòir a bha e a' fuireach?

AM: 'S ann. Bha e na chìobair anns a' Bheinn Mhòir. Bha fear ann an seo ris an canadh iad Carmichael. Bhiodh e a' cruinneachadh seann naidheachdan air fheadh na dùthcha. Agus bha esan an uair sin, cha robh e ach òg, agus cha robh oidhche nach biodh e còmhla ri Carmichael. Gin a chuala Carmichael riamh nach robh aig Alasdair Mòr. Agus sin far an robh mise gam faighinn.

CM: Seadh, dìreach. 'S dè an fhine a bh' aige?

AM: Mac an t-Saoir.

CM: Alasdair Mòr Mac an t-Saoir. Seadh, 's chan eil duine a bhuineas dha an-diugh ann?

AM: Tha gu leòr a bhuineas dha.

CM: A bheil?

AM: Tha. Tha clann leis... gille leis a-muigh an Loch Aoineart an sin, Dòmhnall mac Alasdair Mhòir.

CM: Ò aidh, aidh. Ò tha iad ann fhathast, a bheil? Daoine a bhuineas dha. An ann de Chlann an t-Saoir... an e aon Chlann an t-Saoir dham buin Aonghas Ruadh 's iad sin?

AM: 'S e, an aona Chlann an t-Saoir a bh' annta.

CM: Dìreach, dìreach. Agus a-niste, an ann air chèilidh air a bhiodh sibh a' dol air an oidhche, Aonghais, no?

AM: 'S ann. 'S ann. 'S bhiodh esan a' tighinn air chèilidh. Bhiodh e a' tadhal ann an Loch Aoineart gu math tric, agus 's ann a-staigh againne a bhiodh e a' fuireach.

CM: Dìreach, dìreach. Tha sin math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair