Search

Mar a thàinig ceòl an toiseach do na h-Eileanan Siar.

Fieldworkers
Date July 1953
Track ID 3266
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.152.1

Original Tape ID

SA1953.152

Summary

How music first came to the Western Isles.

A widow's only son found a musical instrument on the seashore but got very depressed because he was unable to play it. His mother went to a 'sgoil-dhubh' [a place of black magic] and gave her soul in exchange for the gift of music for her son. Her son was then able to play beautiful music but always sad music because of his mother's sacrifice.

Item Notes

See:
'An Gàidheal Òg' 10 (1958), pp. 3-4

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Ùisdean MacRath: Innsidh mi dhuibh eachdraidh, mar a chuala mi mar a thàinig ceòl an toiseach dha na h-Eileanan an Iar.

Bho chionn iomadh bliadhna air n-ais bha banntrach bochd ann am fear dhe na h-eileanan taobh an iar na Gàidhealtachd aig an robh aon mhac. Agus cha robh mòran feum anns a' ghille. Cha dèanadh e dad sam bith timcheall air a' chroit no obair timcheall an taighe no rud sam bith. Agus 's e a thoil-inntinn a bhith a' siubhal nan cladaichean. Agus bhiodh e a' falbh a' siubhal a' chladaich bho mhoch sa mhadainn gu anmoch a dh'oidhche.

Ach aon latha agus e a' dol a-null ri taobh cladach... an cladach a bha sìos bhon an taigh, chunnaic e rud ag èirigh eadar dà thonn, mu fhichead slat on a' chladach, agus chaidh e a-mach agus throg e a-mach às a' mhuir e. Agus nuair a throg e a-mach e, rinn an rud a bh' ann, rinn e crònan neònach nach cuala am balach riamh roimhe. Agus thug e air tìr e, 's bha e a' coimhead air 's ga làimhseachadh, 's cha robh e a' tuigsinn gu de seòrsa rud a bh' ann idir. Agus nuair a thionndadh e e air dòigh àraidh far am faigheadh a' ghaoth grèim air, bha e a' dèanamh fuaim neònach, fuaim nach cuala e riamh roimhe.

Agus thug e dhachaigh an rud a fhuair e ann a... eadar an dà thonn, agus bha e na shuidhe ri taobh an teine 's e ga làimhseachadh air n-ais 's air n-adhart agus ga bhualadh le mheòirean. Agus nuair a bhuaileadh e le mheòirean e, thigeadh am fuaim neònach a bha seo às. Agus ged a bha... thuig e an uair sin gur e ceòl a bha a' tighinn... gur e sin am fuaim a bha e a' faireachadh, fuaim ceòl. Agus ged a bha... ged a bha gaol a' cheòil na chridhe, cha robh sgil a' cheòil na mheòirean, agus bha e... dh'fhàs e cho duilich nach b' urrainn da ceòl ceart a thoir às an ionnsramaid a fhuair e agus nach d' rachadh e a chadal idir. 'S bha e na shuidhe ri taobh an teine latha às dèidh latha, agus e a' làimhseachadh an rud a fhuair e anns a' mhuir. Agus bha a mhàthair, bha i fo dhragh-inntinn mòr a thaobh a' bhalaich. Agus 's ann a chaidh i a choimhead air duine àraidh a bha san àite a bha na mhaighstir air an sgoil-dhuibh. Agus thuirt i ris gun robh... mar a bha am balach agus cho draghail 's a bha i air a thaobh. Agus thuirt e rithe:

"Gu dè," ars esan, "a tha thu am beachd mise a dhèanamh?"

"Uill," ars ise, "tha mi," ars ise, "airson gum marbh thu gaol a' chiùil na chridhe no cuir sgil ciùil na mheòirean."

"Uill," ars esan, "tha sin," ars esan, "soirbh gu leòr dhòmhsa a dhèanamh," ars esan. "An dà chuid. Ach," ars esan, "gu dè an duais tha thu a' toir dhòmhsa ma nì mi aon dhen an dà chuid a tha thu ag iarraidh orm?"

"Uill," ars ise, "dè," ars ise, "tha thu ag iarraidh? Chan eil annamsa," ars ise, "ach banntrach bhochd agus chan eil mòran agam, ach," ars ise, "am balach ud fhèin."

"Uill," ars esan, "chan eil mi ag iarraidh a' bhalaich idir. Ach," ars esan, "ma chuireas mise," ars esan, "ma mharbhas mi," ars esan, "gaol a' chiùil na chridhe, feumaidh tu," ars esan, "do chorp a thoir dhomh. Agus ma chuireas mi eòlas ciùil na mheòirean feumaidh tu d' anam a thoir dhomh. Cò," ars esan, "as fheàrr leat?"

"Uill," ars ise, "b' fheàrr leam," ars ise, "gu mòr," ars ise, "nan cuireadh sibh," ars ise, "eòlas a' chiùil na mheòirean."

"Ma-thà," arsa maighstir na sgoil-dhuibh, "falbh thusa," ars esan, "dhachaigh, agus," ars esan, "bidh sin dèanta."

Chaidh am boireannach bochd dhachaigh agus nuair a bha i a' tighinn faisg air an taigh, chuala i ceòl cho eireachdail 's cho brèagha 's a chuala i riamh. Agus sin a' chiad cheòl a chuala i, agus cha robh... chan eil... cha chuala i dad riamh anns an t-saoghal a thug leithid a thoil-inntinn dhi ris an fhuaim a bha a' tighinn às an ionnsramaid a bha am balach a' cluich.

Agus tha e coltach gur e cruit-chiùil a bha san ionnsramaid a throg e às a' chladach. Agus nuair a ràinig i 's chaidh i a-staigh dhan taigh bha am balach na shuidhe ri taobh an teine agus fiamh gàire agus... air aodann, agus aodann lasaichte suas le gràdh a thaobh a' ghibht a fhuair e, agus e ag èisteachd ris a' cheòl a bha e fhèin a' toir às a' chruit-chiùil.

Agus tha e air aithris nuair a chuala e an ìobairt a thug a mhàthair suas air a shon - gun tug i seachad a h-anam airson gun d' rachadh eòlas a' cheòil... a' chiùil a chur na mheòirean - gun do dh'fhàs e cho duilich, agus an ceòl a bha e a' toir às a' chruit-chiùil, bha e cho duilich agus gun robh na h-eòin a bha air itealaich timcheall an taighe, gun robh iad a' stad nan tàmh ag èisteachd ris.

Agus tha e air aithris cuideachd gun robh an t-iasg a bha sa mhuir, nuair a chuala iad an ceòl duilich a bha seo, gun robh iad nan tàmh cuideachd ag èisteachd. Agus tha e air aithris chun an latha an-diugh gur e sin an t-adhbhar gu bheil e eu-chomasach do dhuine sam bith ceòl aighearach a thoirt às a' chruit-chiùil, no às a' chlàrsaich, agus gur e sin an t-adhbhar air a sin, gun do... gun do... an ìobairt a thug am boireannach bochd o seo suas, airson gum faigheadh a mac eòlas a' chiùil.

Agus sin mar a chuala mise air aithris mar a thàinig an ceòl an toiseach dha na h-Eileanan an Iar.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good