Prògram Choinnich

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 25.05.1995

Geàrr-chunntas

Pìos mu phìobaireachd.

Tha Màiri NicDhòmhnaill a' bruidhinn air a bhith ag ionnsachadh pìobaireachd san sgoil. Tha Rona Lightfoot ag innse air mar a ruigeas duine àrd ìre agus tha Iain Murchadh Moireasdan ag innse mu bhith a' tionndadh proifeasanta. Tha Rona ag innse mar a bha pìobaireachd a' leantainn san teaghlach aice agus mar a dh'ionnsaich i fhèin. Tha i a' canntaireachd 'John MacDonald's Welcome to South Uist'.

Tha Iain Murchadh a' bruidhinn air Geamannan Pìobaireachd agus farpaisean a tha a' toirt cuireadh do phìobairean a tha air cliù a chosnadh dhaibh fhèin. Cluinnear pìobairean neo-phroifeasanta a tha a' cluich ann an Talla Chàrlabhaigh a' gabhail beachd air dè th' ann an sàr phìobaire. Tha Rona a' bruidhinn air dè tha britheamh a' lorg.

Notaichean a' Chlàir

This was a pre-recorded item.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat