Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a' buain chnothan

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 43062
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.136.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.136

Geàrr-chunntas

Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a' buain chnothan.

Chaidh Biorachan Beag agus Biorachan Mòr latha a bhuain chnothan. Mar a bhuaineadh Biorachan Mòr, dh'itheadh Biorachan Beag. Dh'fhalbh Biorachan Mòr a dh'fhaighinn slat a ghabhadh air Biorachan Beag airson 's nach itheadh e ach beagan dhe na cnothan. "Chan fhaigh thu mise," ars an t-slat, "gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi." Chaidh e far an robh an tuagh. Bha an tuagh ag iarraidh clach a gheuradh e. Bha a' chlach ag iarraidh uisge a fhliuchadh i. Bha an t-uisge ag iarraidh soitheach a sheòladh e. Nuair a ràinig e Biorachan Beag bha e air na cnothan ithe.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Biorachan Beag; Biorachan Mòr

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird Chatain is Mucàrna

Baile/Àite - A' Chonghail

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT2030

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): An robh... an robh i sin agaibh?

Peigi Dhòmhnallach (PD): Mar a bhuaineadh Biorachan Mòr dh'itheadh Biorachan Beag.

DE: Shin agaibh e. Ciamar a bha i a' dol?

PD: Ò, Dhia, cha robh ach iad a dh'fhalbh a bhuain chnothan, ach bhiodh [???]. Nam biodh an naidheachd cheart agam dh'innsinn i.

DE: Ò, tha i glè mhath. Innsibh i.

PD: Biorachan Beag 's Biorachan Mòr latha a bhuain chnothan. Mar a bhuaineadh Biorachan Mòr dh'itheadh Biorachan Beag. Dh'fhalbh Biorachan Mòr a dh'iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag airson 's nach itheadh e ach beagan dhe na cnòithtean.

Ràinig e an t-slat.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-slat.

"Thàinig mi a dh'iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag airson 's nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-slat, "gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi."

Ràinig e an tuagh.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an tuagh.

"Tha mi ag iarraidh tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag airson 's nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an tuagh, "gus am faigh thu clach a dh'fhaobhraicheas mi."

Ràinig e a' chlach.

"Cà 'il thu a' dol?" ars a' chlach.

"Thàinig mi a dh'iarraidh clach a mheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an tuagh, "gus am faigh thu uisge a fhliuchas mi."

Ràinig e an t-uisge.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-uisge.

"Thàinig mi a dh'iarraidh uisge a fhliuchas clach, clach a mheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-uisge, "gus am faigh thu soitheach a thàirngeas mi."

"Cà 'il thu a' dol?"

Ràinig e an soitheach.

"Cà 'il thu a' dol?"

"Thàinig mi a dh'iarraidh soitheach a thàirngeas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a mheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-uisge, "gus am faigh thu soitheach a thàirngeas mi."

Ràinig e an t-uisge... an soitheach.

"Cà 'il thu a' dol?" ars an soitheach.

"Thàinig mi a dh'iarraidh soitheach a thàirngeas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a mheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag nach ith e ach beagan dhe na cnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars a... ars a... "gus am faigh thu duine a thàirngeas mi."

"Tàirngidh mi fhìn thu," ars esan.

Sin nuair a fhuair e an t-uisge, 's nuair a ràinig e Biorachan Beag bha e air a dhol leis a' chreig. Bha e air an t-eanchainn [???] le na cnòithtean.

DE: Seadh, seadh.

PD: An ann mar sin i?

DE: Glè mhath. Glè mhath.

PD: Biorachan Beag. Bhiodh iad... bhiodh iad againn aig an teine...

DE: Bhitheadh.

PD: Nuair a bha sinn beag.

DE: Bhitheadh aig a' chloinn.

PD: Ò, bha.

DE: Bhitheadh, dìreach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math