Dh'ith am madadh-ruadh minn na Goibhre Glaise

Fiosraichean
Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 43063
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.136.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.136

Geàrr-chunntas

Dh'ith am madadh-ruadh minn na Goibhre Glaise.

Chaidh a' Ghobhar Ghlas dhan tràigh agus dh'fhàg i na minn a-staigh. Thàinig am madadh-ruadh chun an dorais ag ràdh gur e am màthair a bh' ann. Cha do leig iad a-steach e a chionn 's nach robh snàthainn dearg agus snàthainn gorm ma chois. Fhuair e snàithnean dearga agus gorma agus thill e. Leig iad a-steach e an turas seo. Dh'ith e feadhainn dhiubh agus chaidh aon air falach. Chaidh a' Ghobhar Ghlas gu taigh a' mhadaidh-ruaidh, ach mhionnaich e nach fhaca e na minn.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird Chatain is Mucàrna

Baile/Àite - A' Chonghail

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT123

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ciamar a bha i sin a' dol?

Peigi Dhòmhnallach (PD): Chaidh a' ghobhar ghlas dhan tràigh Bhrist an sràbh a cas. Dh'fhàg i na trì minidh-minidhean 's am bocan tàrr-gheal 's an gille-buic a-staigh. Agus thill i dhachaigh. Agus thàinig am madadh-ruadh chun an dorais.

"Fosgail, fosgail, mise do mhàthair," ars esan.

"Dè an comharra a bh' aga-... Dè... Agus..."

"Cuir thusa a-staigh," ars a... ars an gille-buic, "spòg bheag chriùslaich 's aithnichidh mi fhìn mas tu mo mhàthair."

"Dè an comharradh a bh' agad air do mhàthair?"

"Bha snàithle gorm 's snàithle dearg mu a cois."

Dh'fhalbh am madadh-ruadh dhachaigh agus fhuair e brèid agus chuir e snàithle gorm 's snàithle dearg mu a chois. Agus ràinig e an taigh.

"Fosgail, fosgail, mise do mhàthair."

"Cuir thusa staigh do spòg bheag chriùslaich 's aithnichidh mi fhìn mas tu mo mhàthair."

Dh'fhalbh am madadh-ruadh 's chuir e a-staigh a spòg, 's dh'fhosgail iad seo an doras. Agus dh'ith e na trì minidh-minidhean 's dh'ith... Chaidh am bocan tàrr-gheal am falach.

DE: Seadh. Seadh.

PD: Sin agad na naidheachdan a bhiodh againn an oir an teine.

DE: 'S robh an còrr air an naidheachd a bha sin?

PD: Cha robh na còrr.

DE: Seadh, seadh, seadh. Cha robh... cha robh a' ghobhar ghlas a' falbh a' coimhead airson na... feuch am faigheadh i a-mach dè thachair dhaibh, an robh?

PD: Cha robh. Nach robh iad air an ithe a-staigh aice. Bha... bha. Chaidh i a choi-... chaidh i a choimhead [???]. Ràinig i taigh a' mhadaidh-ruaidh. Chaidh.

"An talamh a tha fodham," ars esan, "'s an t-adhar a tha os mo chionn, a' ghrian a' dol sìos san àird an iar, chan fhaca mi riamh do chuid meann."

Nach e sin e?

DE: Seadh, seadh, seadh. Seadh.

Boireannach: Chaidh i... chaidh i a thaigh na corra-ghrithich, an deach?

PD: Bha e a' toir mionnachadh. An talamh a tha fodham 's an t-adhar a tha os mo chionn.

Ò, tha mise air an dìochuimhneachadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math