Search

'S e Rathad an Rìgh an Uibhist a Deas an rathad a lean am Pr...

Date November 1965
Track ID 44726
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.115.B5

Original Tape ID

SA1965.115

Summary

King's Road is an expression in South Uist for the road Prince Charlie followed north after landing in Eriskay.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacRath: Tha rathad shuas anns a' cheann a deas an seo an Uibhist as aithnte dhomh fhìn. Tha e a' tighinn a-staigh eadar dà bhaile, agus bha iad ag ràdh a-riamh ris, 'Rathad an Rìgh'. Uill, bha e a' cur iongnadh orm fhìn riamh carson a bha an t-ainm a bha seo air, 'Rathad an Rìgh', agus chuala mi... ò 's suarach an ùine o chuala mi gu dè bu reusan da. Tha a h-uile coltas, nuair a bha Prionnsa Teàrlach Stiùbhart [?air a' run], nuair a thàinig e a dh'Èirisgeigh, bha e supposed flùraichean a chur an sin, agus tha iad a' fàs ann fhathast, àite ris an can iad Coilleag a' Phrionnsa. Uill nuair a thàinig e a dh'Uibhist, tha teansa gur e seo an rathad a ghabh e eadar an dà bhaile seo tro na croitean agus sìos am machaire gu 'n deach e gu tuath, ge brith cà 'n do stad e. Seo a-nist.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good