fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1969.175.A2
Àireamh an Teip Thùsail
SA1969.175
Geàrr-chunntas
Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.
Sgeulachd mu iolaire air latha uabhasach fhèin fuar. Cha do dh'fhairich i latha cho fuar a-riamh roimhe. Chaidh i a dh'fhaicinn seann damh feuch am faigheadh i a-mach an do dh'fhairich esan latha cho fuar. Cha do dh'fhairich agus mar sin chaidh i a-null gus a' chomhachag fhaicinn. Chuir i an aon cheist oirre ach cha do dh'fhairich ise latha cho fuar na bu mhotha. Ach thuirt i gu bheil breac ann an Loch Ceanain a bha sean. Dh'fhalbh an iolaire a chur na ceist air a' bhreac. Thuirt esan gun robh latha ann a bha cho fuar 's gun robh e a' dèanamh roidean anns an loch gus e fhèin a chumail blàth. B' ann an uair sin a bhuail e a cheann ri creag, a dh'fhàg e leth-shùileach.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Sgeulachd
Cruinneachadh
SoSS
Seòrsachadh
AT221;