Search

Chuir Iain Casan Ùr air Dhomh

Contributors
Date September 1969
Track ID 50579
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.87.A7

Original Tape ID

SA1969.087

Summary

Humorous verses composed by the contributor for the new supports the interviewer has put under the microphone of his recorder. He did not have these the previous year.

Item Notes

This song seems to be composed to the melody of 'Nuair a Chaidh na Ceithir Ùr Oirre'.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Genre

Verse

Collection

SoSS

Transcription

Ceit Dix (CD):

Chuir Iain casan ùr air dhomh
Dhen ghiuthas làidir dhùbailte
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Thog e am bogsa air mo bheulaibh
Feuch an lìonainn e le breugan
Cha robh sin cho doirbh a dhèanamh
Bha Catrìona dlùth orm.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Dh'èirich Beasag 's i cho dòigheil
'S chuir i biadh is deoch an òrdan
'S nuair a dh'òl mi fhìn mo leòr dheth
Cha robh an còrr a lùths annam.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Ach ma chluinneas iad 'n Dùn Èideann
Mar a bhios Wally falbh air chèilidh
'G òl an fhìon air a co-chreutair
Bidh iad fhèin an diombadh rium.
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Cha ruig mi leas an còrr a ràdha
On tha fhios agam mar-thà air
Gum bi mac-na-braiche làmh rium
A h-uile ceàrn a shiùbhlas mi.
Chuir Iain casan ùr air dhomh
Dhen ghiuthas làidir dhùbailte
Chuir Iain casan ùr air dhomh.

Iain Peatarsan (IP): Ò glè mhath. Agus 's e na casan a tha fon a' mhaicreafòn a tha am-bliadhna agam, nach robh agam an-uiridh, a rinn sibh an duan a bha seo.

CD: 'S e, 's e. 'S ann.

IP: Ò uill, tha sin glè mhath. Ceud taing.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good