Prògram Choinnich
Fiosraichean
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a' chlàir
5139
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Màrtainn Dòmhnallach ann an Cathair Freagairt nan Ceistean Pearsanta.
Tha Màrtainn Dòmhnallach a' freagairt cheistean mu dheidhinn fhèin. Tha e a' freagairt tòrr cheistean aotrom air a leithid de chuspair: na bhios a' toirt air gàire a dhèanamh, na bhios ga fhàgail feargach, mar a tha a' bheatha aige air atharrachadh anns na deich bliadhna a chaidh seachad, agus an t-àm bu dòigheile a bha e a-riamh.
Neach/Cuspair a' Chlàir
MacDonald, Martin
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Paraiste - Steòrnabhagh
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Coinneach MacÌomhair (CM): Ann an cathair freagairt nan ceist phearsanta an-diugh, tha an sgrìobhadair 's an craobh-sgaoileadair, Màrtainn Dòmhnallach. Tha sibh gu math eòlach air a bhith a' cluinntinn Mhàrtainn a' toirt beachdan air a h-uile duine 's a h-uile càil eile a tha a' tachairt anns an t-saoghal, ach an-diugh, 's ann mu dheidhinn fhèin a tha e gu bhith a' bruidhinn. Madainn mhath, a Mhàrtainn.
Màrtainn Dòmhnallach (MD): Madainn mhath, a Choinnich.
CM: Chan eil seo cho furasta, 's dòcha, nuair a thòisicheas duine a' smaoineachadh air.
MD: Chan eil. Chan eil e furasta idir. Cha do rinn mi mòran smaoineachaidh air. 'S dòcha gun tèid agam air faighinn troimhe mar sin.
CM: Nas fheàrr, 's dòcha.
MD: Aidh. Tha mi... tha mi a' feuchainn ri obrachadh a-mach cò meud breug as urrainn dhomh innse ann an deich mionaidean.
CM: Uill, gheibh sinn sin a-mach 's cunntaidh sinn iad. Dè bhios a' dèanamh dragh dhut?
MD: Dè bhios a' dèanamh dragh dhomh? Gu pearsanta, uill, och, aig iomadach ìre, tha mi cinnteach gu bheil mo bhrù an-dràsta. Tha mi a' feuchainn ri cuideam a chall. Ach a bharrachd air sin, anns an fharsaingeachd, tha mi cinnteach an seòrsa rudan a bhios a' dèanamh dragh do mhòran dhaoine, a bheil fhios a'd, dìreach a' coimhead air an t-saoghal 's a' faicinn an seòrsa saoghal anns a bheil sinn beò, eadar bochdainn 's cogaidhean 's murt 's marbhadh. Chan urrainn do dhuine coimhead air sin ro fhada, gun dragh a ghabhail dheth. Corra uair a' smaoineachadh air ais, tha mi cinnteach peacannan m' òige, mar gun canadh tu, rudan gòrach a rinn mi fhìn, a bheil fhios a'd, nach robh gu mòran feum do dhaoine eile. Tha mi a' smaoineachadh, no tha mi an dòchas co-dhiù, gur ann le aineolas os cionn tuigsinn agus nach b' ann le droch rud. Rudan beaga dhen t-seòrsa sin. Ach a bharrachd air sin, chan eil mi a' gabhail cus dragh de rudan.
CM: Dè bhios ga do chur dha-rìribh feargach, fiadhaich?
MD: Ò, rudan beaga gòrach. Uaireannan, nuair a chì mi droch dhràibheadh. Chan e nach do rinn mi fhìn droch dhràibheadh uaireannan cuideachd. Ach uaireannan chì mi daoine a' dèanamh rudan gòrach air na rathaidean 's gabhaidh mi fhìn an cuthach, agus chan e sin an rud as fheàrr a nì thu nuair a tha thu a' dràibheadh. A bharrachd air sin, chan eil fhios a'm a bheil am fasan agadsa a bhith a' sèibheadh uaireannan aig deich uairean sa mhadainn? Tha agamsa. 'S dòcha gun tig mi a-mach a dh'obair 's bheir mi boiseag orm fhìn mus tèid mi a-mach, ach canaidh mi gum fàs an fheusag nas fheàrr, a bheil fhios a'd, le dà uair a thìde a bharrachd a thoirt dhi, agus gum bi mi a' faireachdainn nas fheàrr nuair a leughas mi na pàipearan. Agus faodaidh tu a bhith cinnteach gur ann nuair a tha mi am meadhan sèibhidh, agus m' aodann, an dàrna leth dheth làn siabainn, agus an leth eile glan, falbhaidh an doras. A bheil fhios a'd, cluinnidh mi an glag aig an doras, 's cha bhi duine eile a-staigh ach mi fhìn. Ruithidh mi sìos an staidhre na mo y-fronts a' feuchainn ri luideag de dhressing gown a tharraing mu chuairt orm, agus fosglaidh mi an doras, agus faodaidh tu a bhith cinnteach gur e dà Mhormon a tha sin, no trì Jehovah's, agus an uair sin...
CM: 'S iad a ghabhas an t-eagal.
MD: Lasaidh mi beagan agus cluinnidh iad cainnt air nach eil iad eòlach, agus nach eil uabhasach tlachdmhor uaireannan.
CM: Ò, uill, chuireadh an sealladh fhèin leis fhèin dheth iad, tha mi cinnteach.
MD: Uill, tha mi a' smaoineachadh gur e seo a tha gan toirt air ais, a bheil fhios a'd, gu h-àraid na Jehovah's. Bidh iad a' dol air ais agus bidh iad a' smaoineachadh... bidh iad a' toirt a' chlann air ais 's ag ràdh, seall an rud a thachras ribhse mura bi sibh modhail, a bheil fhios a'd.
CM: 'S fheàrr dhomh a dhol gu ceist... ceistean eile.
MD: Tha mi a' dol a dhol... tha mi a' dol a dh'fhaighinn mapa. 'S e am freagairt a tha gu bhith agam, mapa de dh'Alba, agus seallaidh mi am mapa dhaibh, agus canaidh mi, siud Taigh Iain Ghròt, siud Hiort, gabhaibh ur roghainn.
CM: Ciamar a tha do bheatha air atharrachadh anns na deich bliadhna mu dheireadh?
MD: Uill, tha mi cinnteach gu bheil mi deich bliadhna nas fhaisge air a' bhàs aig m' aois. Bha droch chridhe agam bho chionn dà bhliadhna. Gu fortanach cha robh e cho dona 's a dh'fhaodadh e a bhith, agus tha mi taingeil gun d' fhuair mi deagh aire. Bhithinn an dòchas gun dèanadh sin beagan nas tuigsiche mi, ach tha amharas agam uaireannan nach... nach eil cùisean ag obrachadh mar sin, gur ann as mì-fhoighidniche a tha mi a' fàs uaireannan, 's an uair sin feuchaidh mi ri sin a chasg, a bheil fhios a'd. Ach tha mi an dòchas gun do dh'fhàs mi beagan nas tuigsiche anns an dòigh sin.
CM: Cuin agus càit bu dòigheil a bha thu a-riamh?
MD: Ò, a dhuine. Uill, mar a bhios a h-uile duine eile, bidh thu a' cuimhneachadh air ais air d' òige. 'S dòcha a' bhliadhna às dèidh a' chogaidh, bhithinn mu ochd bliadhna, naoi bliadhna, thill m' athair bhon a' chogadh. Bha e ag obair mar iasgair ann am Port Rìgh, agus bha deagh shamhradh againn, aig a' chlann, am measg na h-iasgairean, a' dol a-mach am measg bhodaich, a bheil fhios a'd, ag èisteachd ri sgeulachdan. A' blabhdaireachd mun cuairt ann am bàtaichean. Bha sin math. Tha mi cinnteach nuair a bha mi eadar 's dòcha dhà thar fhichead, suas gu sia thar fhichead, air ais anns an Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois, nam fhear-naidheachd, mas fhìor nam fhear-naidheachd co-dhiù, ach a' ruagail na h-oidhche ann a shin, a bheil fhios a'd, a' cur eòlas air daoine. Agus, och uill, Obar Dheathain a-rithist airson ceithir bliadhna. Teaghlach òg gan togail. Tha mi a' smaoineachadh gun robh sin math. Ach bha iomadach àm dòigheil ann.
CM: Dè mu do dheidhinn, Màrtainn Dòmhnallach, am fear-naidheachd, a bhios a' sgrìobhadh mu dheidhinn a h-uile càil 's a h-uile duine anns na pàipearan, dè mu do dheidhinn fhèin a chuireadh iongnadh air daoine, 's dòcha?
MD: Tha mi cinnteach gur e cho beag bheachdan 's a th' agam [???], a bheil fhios a'd, ach nuair a chì thu duilleag fhalamh, feumaidh tu a lìonadh le rudeigin, agus feumaidh tu beachdan a lorg à àiteigin, 's uaireannan chan e beachdan ro chruaidh a th' annta. A bharrachd air sin, tha mi a' smaoineachadh uaireannan, bidh cuid a dhaoine co-dhiù, cuid nach eil ro eòlach orm, a' smaoineachadh, a chionn 's gu bheil mi caran mòr tomadach anns a' bhodhaig, gur e duine mòr, làidir a th' annam, a bheil fhios a'd. Nam biodh fhios aca cho mì-chinnteach 's a tha mi, uaireannan, dìreach mar a tha a h-uile duine eile, cha chreid mi nach cuireadh e iongnadh air cuid. Cha chuireadh air an fheadhainn a tha eòlach orm, shaoilinn.
CM: An obair anns a bheil thu an-dràsta, an e sin an obair anns an robh thu ag iarraidh a bhith bho thùs?
MD: Chan e. An aon obair a bh' air m' aire-sa, nuair a thòisich mi air smaoineachadh air obair, 's e a bhith na mo mharaiche. Taobh m' athar, 's e... bha cuid dhiubh aig muir gun teagamh, ach 's e cìobairean as motha a bh' annta, ach taobh mo mhàthar 's e màthraichean a bh' annta, agus tha mi a' smaoineachadh nuair a bha mise... nuair a bha mise mu, ò, eadar dusan bliadhna, suas gu còig-deug, sia-deug, cha robh dad a dh'iarr... a dhìth orm ach a dhol gu muir. 'S dòcha gu bheil e cho math nach do rinn mi e, oir cha chreid mi gur e maraiche uabhasach math a bhiodh annam.
CM: Uill, 's dòcha gu bheil sin ga mo thoirt chun an ath cheist. Nam biodh cothrom agad obair chuideigin eile fheuchainn airson latha, dè an obair a bhiodh ann? No a bheil thu air sin a fhreagairt mar-thà?
MD: Uill, chan eil, cha chreid mi. Tha mi a' smaoineachadh nam feumainn aon obair a thaghadh, dìreach airson aon latha, gun còrdadh e rium a bhith na mo income tax inspector. Cha bhodraig mi... chuirinn Gàidhlig air, ach, a bheil fhios agad, tha thu a' faighinn gearradh anns na faclan sin ann am Beurla nach fhaigh thu le fear-sgrùdaidh tuarastal no rudeigin dhen t-seòrsa sin. Tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh sin rium.
CM: Tha iad air a bhith crosta riut, a bheil?
MD: Uill, chan eil. Tha iad air a bhith uabhasach modhail rium uaireannan. Ach 's e daoine a th' annta a bhios a' cur iongnadh orm, a bheil fhios a'd. B' fheàrr leam faicinn, nam bithinn ann fad latha, an dèanainn gàire idir, idir ri cuideigin, no ri àiteigin, no am feumainn fuireach gun d' reighinn dhachaigh, a bheil a'd, airson gàire a dhèanamh. Chan eil fhios a'm.
CM: Nam biodh cothrom agad dà uair a thìde a chur seachad còmhla ri cuideigin beò an-diugh fhèin, no 's dòcha dha robh spèis agad a thaobh eachdraidh, cò a thaghadh tu?
MD: Uill, bha mi a' teabachdainn eadar Edward Dwelly, am fear a sgrìobh am faclair Gàidhlig, agus... a bheil fhios a'd, agus tha faclair Gàidhlig no faclair Beurla dhòmhsa dìreach mar a tha sàbh do shaor, tha mi cinnteach, a bheil fhios a'd, Ach aig deireadh an latha, 's ann a smaoinich mi air Mìcheal Davitt, an t-Èireannach a bha os cionn Land League Èirinn aig... bho chionn ceud bliadhna air ais, agus a ghabh gnothach mòr ri Land League Alba a chur air dòigh aig an aon àm, a bheil fhios a'd, agus bha e cuairt no dhà ann an Alba agus air a' Ghàidhealtachd. Bha còrr 's ceithir mìle croitear ann an Ùige an Eilein Sgitheanaich ga èisteachd, ag èisteachd ris na poilitigs aige, agus dh'fheuch na Sgitheanaich, thug cuid dhiubh fiathachadh dha seasamh airson Siorrachd Inbhir Nis mar Bhall Pàrlamaid. Bha e na Bhall Pàrlamaid an Èirinn aig an àm 's bha e a' faireachadh gur e a' chiad dhleastanas a bh' aige fuireach ann a shin, agus tha mi cinnteach gun robh sin ri thuigsinn. Ach 's e duine a bh' ann aig an robh buaidh mhòr air a' Ghàidhealtachd, agus tha mi a' smaoineachadh buaidh mhòr air croitearachd, agus buaidh mhòr gus an latha an-diugh oirnne, oir tha mi a' smaoineachadh mura b' e an strì a rinn daoine às leth an fhearainn an uair sin, tha amharas agam nach biodh mòran againn air fhàgail a' bruidhinn Gàidhlig, agus nach biodh mòran aca chan eil air fhàgail air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan, ge b' e càit am bitheamaid, oir chuir sin stad air na fuadaichean a bha a' dol aig an àm. Cha do chuir e a h-uile càil ceart idir, ach rinn e cuideachadh mòr dhuinn, agus bha Michael Davitt air ceann a' ghnothaich sin ann an Alba a cheart cho cinnteach 's a bha e ann an Èirinn, agus 's e duine inntinneach a bh' ann. Duine sam bith, Caitligeach à Èirinn a chumadh ceithir mìle croitear anns an Eaglais Shaoir anns an Eilean Sgitheanach a' còmhradh. Agus bha spèis aca dha. Cha do ghabh iad gnothach idir ri creideamh càch a chèile, cha do dh'fheuch iad ri a chèile iompachadh a thaobh creideamh idir. Ach bha spèis aca do phoilitigs càch a chèile, 's tha mi a' smaoineachadh gur e rud mòr a bha sin.
CM: A bheil càil ann air am bi thu a' cosg tòrr airgead 's nach bu chòir dhut?
MD: Ist, a dhuine bhochd, chan eil tòrr airgead agam. Tha mi cinnteach gun robh rudan ann air an do chosg mi... cha do chosg mi tòrr orra. An rud a tha mi a' caoidh an-diugh air an do chosg mi cus air, 's e cigarettes na mallachd, agus tha mi fhathast a' faighinn tàire sgur. Tha mi a' sgur gach dàrnacha latha 's an uair sin ceannaichidh mi pacaid de dheich, 's an uair sin tilgidh mi bhuam iad, a bheil fhios a'd. Ach tha mi air sin a cheannsachadh gu ìre. Chan eil e buileach aig an ìre a dh'iarainn. 'S dòcha gun do... gun do chosg mi sgillinn no dhà air drama beag far nach leiginn a leas, mar gun canadh tu. Ach tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as... a' chosgais as motha a th' ormsa, agus an [?triod] as motha a th' agam, 's e pàipearan-naidheachd. Tha mi a' toirt a chreidsinn orm fhìn gum feum mi iad airson m' obair 's tha mi a' ceannach ceithir no còig a h-uile latha, agus an uair sin thèid mi a-staigh do bhùth 's ceannaichidh mi fear ann a shiud 's fear ann a sheo, 's chan eil mi... chan eil mi gan leughadh air fad. Ach tha iad nan deagh leisgeul, tha mi a' smaoineachadh. Cha leig thu leas a bhith a' dèanamh cus obair fhad 's tha thu a' leughadh pàipear-naidheachd. Ach a dh'aindeoin sin, tha mi a' cosg cus orra, tha mi a' smaoineachadh.
CM: Tha mi an dèidh 's ruith a-mach à ùine, Mhàrtainn. Chòrdadh e rium an t-uabhas ùine eile a chaitheamh còmhla riut. Ach cuiridh mi aon cheist ort, agus tha fhios agam gum bi freagairt rudeigin goirid agad. Dè seòrsa cuimhneachan a bu chaomh leat a bhiodh aig daoine ort?
MD: Uill, chan eil fhios a'm. Nan canadh iad, uill, 's dòcha gun robh brùid na bu mhiosa air aghaidh an t-saoghail, bhithinn-sa toilichte gu leòr, shaoilinn. An do dh'obraich thu a-mach cò meud breug a dh'innis mi a-nis anns na deich mionaidean?
CM: Cha do dh'obraich, ach bidh e air obrachadh a-mach agam ro dheireadh a' phrògraim. Tha mi a' smaoineachadh gun robh thu gu math onarach. Ged a bha thu a' toirt a chreidse gur e breugan a bh' agad, chan e. Chan e... tha mi cinnteach nach e idir. A Mhàrtainn, ceud mìle taing dhut airson a thighinn a shuidhe ann an cathair freagairt nan ceist phearsanta an-diugh. Tapadh leatsa gu dearbha.
MD: Tapadh leat, a Choinnich.

Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math