Search

Fiosrachadh mu dheidhinn uisge-òir.

Contributors
Date July 1960
Track ID 53269
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.187.A10

Original Tape ID

SA1960.187

Summary

Information about uisge-òir [golden water].

The contributor has seen uisge-òir [golden water] put on a cow which was thought to have been struck by the evil eye. Uisge-òir was made by putting a gold ring in the water. The evil eye was put on a beast by praising it. This could not be done inadvertently.

A woman praised a child and the child became ill. A traveller woman advised her mother to put uisge-òir on the child and she got better.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Gairloch

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): 'S am biodh iad ga chur air beothaichean, am bitheadh?

Mrs Matheson (MM): Ò, cha chuala mi iad riamh ga chur air beathaichean.

IM: Nach cuala?

MM: Cha chuala. Cha chuala an seo riamh. Chunna mi iad a' cur uisge-òir air beathaichean nan gabhadh sùil neach orra. Nam biodh iad an dùil gun do ghabh sùil neach orra. Chunna mi fhìn sin. Duine a thàinig gun an taigh a dh'iarraidh fàinnte òir no rudeigin. Bha e a' dol dhachaigh le bò, 's char e sìos aig an abhainn, 's peile uisge 's fàinnte òir ann, 's chuir e uisge-òir air a' bhò, 's eagal gun do ghabh sùil oirre.

IM: Dìreach. Agus ciamar a ghabhadh sùil air beothach a-nise. Ciamar a ghabhadh... ciamar a laigheadh droch-shùil air beothach?

MM: Uill, cluinnidh sibh feadhainn an seo ag ràdh, "Tha droch-shùil aig an duine sin," no, "Droch-shùil aig a' bhean sin." Agus bha an duine sin a' coiseachd an rathad agus thàinig boireannach a-mach agus shìn i air moladh a' bhò - cho brèagha 's a bha i, 's cho math 's a bha a' bhò a' coimhead. 'S bha e ri ràdh aig seann fheadhainn gun robh droch-shùil aice.

IM: Dìreach. Agus am faodadh duine seo a dhèanamh, canaibh nan tiginn-sa agus gun mi an droch rùn sam bith dhuibhse 's gun robh mart agaibh, am faodainn a leithid seo a dhèanamh gun a bhith a' minigeadh a dhèanamh idir?

MM: Ò chan fhaodadh. Bha e aig feadhainn coltach ri na h-uile... coltach ri eòlas [???]. Agus tha cuimhn' a'm mo mhàthair a bhith ag innse i a bhith ann an taigh, agus thàinig boireannach a-staigh 's mhol i leanabh, leanabh nach fhaca i roimhe. Agus glè ghoirid an dèidh sin dh'fhàs an leanabh glè thinn, 's thàinig bana-cheàrd gun an doras agus dh'innis a' bhean dhi agus thuirt i... dh'fhaighnich i an robh duine a-staigh, 's thuirt i gun robh a' bhean a bha seo 's gun robh i a' moladh an leanaibh.

"Ò, a bhean," ars ise, "cuiribh uisge-òir air an leanabh."

IM: Ò, uisge-òir air an leanabh?

MM: 'S e.

IM: 'S rinn iad sin?

MM: 'S rinn i sin. 'S char an leanabh nas fheàrr.

IM: Seadh. 'S ciamar a bha iad a' cur an uisge-òir ann an sin? An ann...

MM: Ga chur ann am bobhla uisge agus fàinnte ann. A' cur uisge ann am bobhla 's fàinnte no airgead òir no dad sam bith.

IM: Dìreach. 'S an robh rann aca an uair sin, a bheil fhios agaibh?

MM: Ò, cha d' fhairich mi riamh gum biodh. Cha bhiodh, tha mi a' dèanamh dheth.

IM: 'S ciamar a bhiodh iad a' cur an uisge air? Ga shuathadh orra, an ann?

MM: Ga chrathadh, agus an duine... chunna sinn fhìn an duine a bha seo a' tilgeil an t-uisge às a' pheile air a... air a' bhò.

IM: Dìreach. 'S cò às a thigeadh an t-uisge a bha sin?

MM: Uill, thug an duine às an abhainn e. Às an abhainn a bha...

IM: Cha robh àite sònraichte ann, an robh?

MM: Ò, cha robh. Cha d' fhairich mi riamh gun robh. 'S e an t-òr a bha a' dèanamh an obair anns an uisge a bha a' tighinn [???] a bh' ann.

IM: Dìreach. Dìreach. Agus òir leis fhèin? Cha robh airgead còmhla ris idir?

MM: Cha robh. Dìreach òr. 'S ann mar sin a theireadh iad uisge-òir ris.

IM: Uisge-òir. Cha chanadh iad uisge-airgid uair sam bith? No uisge far airgead?

MM: Chuala mi am facal, uisge òr 's airgead, ach cha chuala mi riamh a bhith a' cur airgead ann.

IM: Seadh. Seadh, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good