Rannsaich

Mar a chuir sinn-seanmhair an fhiosraiche stad air fear a bh...

Ceann-latha 04 October 1968
Àireamh a’ chlàir 60244
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.247

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.247

Geàrr-chunntas

Mar a chuir sinn-seanmhair an fhiosraiche stad air fear a bha a' goid crodh.

Bha sinn-seanmhair an fhiosraiche na banarach aig Diùc Earra-Ghàidheal aig àm nuair a bha cuideigin a' goid crodh air an tuathanas. Thuirt i gum fanadh i san t-sabhal fad na h-oidhche feuch cò chitheadh i. Nochd dithis fhear. Bha fear dhiubh a' cur a làmh ann am beul nam beathaichean gus an slàinte fheuchainn. Nuair a ràinig iad a' bhanarach, chuir e a chorrag na beul agus thug ise grèim às. Theich na mèirlich. Anns a' mhadainn, sheall i a' chorrag dhan diùc agus fhuair e a-mach gur e tuathanach a bha a' fuireach faisg air a bha a' goid a' chruidh. Phòs i fear à Liosmòr agus thàinig iad a dh'fhuireach a Thiriodh oir bha esan na shearbhanta aig an Dotair MacLabhrainn, a bha na bhàillidh air an eilean. B' e boireannach sgàirteil a bh' inntese agus cha robh eagal oirre ro rud sam bith.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Inbhir Aora

Baile/Àite - Inbhir Aora

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math