Mar a chuidich na h-Uibhistich a' chailleach aig àm buain
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
60474
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1970.295.B18
Original Tape ID
Summary
How the Uist people helped the old woman at harvest time.
An old woman in North Uist was harvesting as best she might, out with the scythe in her petticoat, and when she went home she fell asleep in her chair from exhaustion. Waking about five o'clock in the morning, she found all her corn had been cut and stooked by the people of Balmartin.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Berneray
Parish - Harris
Item Location
County - Inverness-shire
Island - North Uist
Parish - North Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Ceit Dix (CD): Bha seann bhoireannach thall ann an Uibhist ris an canadh iad Sorcha nighean Ailein. Agus bhiodh i a' spealadh a com a lèine agus a còta bàn. Bhiodh i a' dol a-mach am beul an latha, 's bhiodh i ag obair leis an speal gu an cuireadh i a-staigh air an oidhche e. Ach bhiodh a h-uile duine a' feuchainn ach cò bhiodh ullamh an toiseach.
Agus an oidhche a bha seo bha oidhche bhrèagha ghealaich ann. Thàinig Sorcha bhochd dhachaigh. Ghabh i balgam, agus cha do rinn i ach cadal anns an t-sèithear leis cho sgìth 's a bha i. 'S nuair a dhùisg i sa mhadainn, mu cheithir no còig uairean – 's ann an uair sin a bha i a' dol dhan leabaidh – 's ann a bha a h-uile grèim dhen arbhar aice air a ghea-... air a ghearradh 's air a cheangal. Agus cha robh fhios aice dè thachradh. 'S nuair a chaidh i dhan leabaidh an latha sin, nuair a dhùisg i bha a h-uile duine... bha i air toiseach air a h-uile duine a bha am Baile Mhàrtainn.
Ach 's e gillean òg a' bhaile, nuair a chaidh Sorcha bhochd a-staigh, a chaidh a-mach le na spealan agus a bhuain an t-iomair aice air fad. Agus bha i gu math lucky airson sin.
Agus bha na gillean uabhasach math dhi. An ceann beagan bhliadhnaichean às dèidh sin 's ann a chaill i a fradharc, agus cha b' urrainn di a bhith a' toir dachaigh an uisge. Cha robh an t-uisge a-staigh aice ann. Agus 's ann a chuir iad maide ri taobh an tobair agus ròp ceangailte ris an ursainn aige. Agus bhiodh i a' falbh 's grèim aice air an ròp gus an ruigeadh i am maide, 's bha i an uair sin a' cur na cuinneig dhan tobar. 'S bha i mar sin gu an do dh'eug i. Rinn i an gnothaich air toir an uisge 's a h-uile sìon dhaibh fhèin.
Ach 's e an obair a bhiodh aca ann a shiud an Uibhist, a h-... an duine air am biodh a' chailleach, nam biodh cailleach a-staigh aige dh'fhalbhadh iad, dh'fheumadh iad falbh, 's chuireadh iad còmhla ris an duine air an robh a' chailleach i. Chan fhòghnadh gum biodh e air deireadh, ach dh'fheumadh e fad a' bhliadhna chun na h-ath bhliadhna a' chailleach a bha sin a bheathachadh.
Agus bhiodh iad a' falbh agus a' cur sguab am mullach an taighe aige. Agus an duine aig an robh a' chailleach an uair sin ga beathachadh fad bliadhna, bhiodh iad a' falbh air a muin agus a' cur na caillich air cuideachd. 'S bha uallach air a h-uile duine nach biodh iad ullamh an toiseach. Agus 's e sin a dh'fhàg gum biodh a' chailleach ort.
Iain Peatarsan (IP): Seadh, dìreach. Agus tha mi a' creidsinn gur e a chionn gum biodh barrachd bàrr aca sin agus gun toireadh iad na b' fhaide air... an ann mar sin, tha mi a' creidsinn, a thòisich...
CD: Ò, chan eil fhios a'm cò às an tàinig iad, ach bha iad a' smaoineachadh gun robh e gu math doirbh dha na daoine bochda a bha cho fad air deireadh leis a' bhuain, mar tha sinne am-bliadhna.
IP: Tha, dìreach, le droch shìde.
CD: Le droch shìde.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good