Fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 62058
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.031.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.031

Geàrr-chunntas

Fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh.

Bha fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh agus thuirt athair ris sgrath a chur air toll anns a' bhàthaich. Nuair a chaidh e chun na bàthcha chunnaic e bàta. Chaidh e innte agus thug am bàta e gu Èirinn agus air ais. Bha sgeulachd mu na thachair aige nuair a thill e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT2412B

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall MacIllEathain (DM): Bhathar cruinn anns an taigh a bha seo oidhche air chèilidh mar a bha e na chleachdadh co-dhiù anns a' Ghàidhealtachd. Bhiodh iad a' cur thoimhseachan 's ag innse stòiridhnean. 'S cha robh stòiridh... bha fear òg ann a sheo 's cha robh stòiridh no sìon aige. 'S och, thuirt am bodach ris:

"Thalla," ars esan, "tha bàthach shìos ann a shiud," no àth no rudeigin, 's bha toll air an rud, agus, "thalla," ars esan, "agus cuir sgrath," ars esan, "air an toll a tha sin," ars esan. 'S dòcha gum biodh cearcan no rudeiginich innte no rud, feuch an cumadh e a-staigh iad. "Agus bidh stòiridh agad," ars esan, "nuair a thilleas tu."

Dh'fhalbh an gille sìos agus dè bha shìos anns a' bhàgh fon a... a' bhàthaich a bha seo, an taigh beag a bha seo co-dhiù, dè bh' ann ach geòla bheag. Agus 's ann a chaidh e am broinn na geòla agus 's ann a dh'fhalbh a' gheòla leis. Agus chaidh a' gheòla a dh'Èirinn leis.

Chaidh e air tìr an Èirinn 's chaidh e suas. Agus fhuair e obair aig tuathanach ann an Èirinn. Bha e poile aig an tuathanach. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e suas ri bliadhna aige. 'S bha e anns an stòiridh gun robh dùil aige nighean an tuathanaich a phòsadh. Ach air oidhche bhrèagha, bhrèagha chiùin shìos aig a' chladach a-rithist agus thuirt e ris fhèin:

"Ò, uill, 's bochd a-nist nach robh mi air ais," ars esan, "an t-àite às an do dh'fhalbh mi."

Ach cha robh e ach air sin... a' bhruidhinn sin... cha robh e ach air am facal a leigeil às a bheul nuair a [???] bha a' gheòla a-staigh anns a' bhàgh fon... far an do dh'fhàg i roimhe. Chaidh e sìos dhan gheòla 's chaidh e innte.

Thug a' gheòla air ais e, dìreach an t-àite às an do dh'fhalbh e bhon taigh. Agus chaidh e suas, agus bha na daoine air chèilidh anns an taigh nuair a ràinig e. Agus thuirt e gun robh esan an dèidh a bhith an Èirinn o dh'fhalbh e. 'S thuirt am bodach an uair sin:

"Nach tuirt mi riut," ars esan, "gum biodh stòiridh agad nuair a thilleadh tu."

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S bha esan an uair sin ag innse nan rudan a thachair dha.

DM: Bha. Thachair... dh'innis e na rudan a thachair dha ann an Èirinn. Bha. Bha.

DE: 'S cà an cuala sibh i sin, a Dhòmhnaill?

DM: Ò, fuirich ort a-nis...

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math