A' dèanamh sìoman-fraoich

Date
Track ID 65268
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1966.068

Original Tape ID

SA1966.068

Summary

Making heather rope.

The contributor had to walk two miles to get heather which was suitable for making rope. It had to be long and soft. He took all day to cut the required amount, and took it home on his back. It took two nights to twist the heather. He got eighteen pence when he sold it. That was for one day's and two nights' work. He also made bent-grass ropes.

He explains how the heather was twisted, the length of the rope, and how it was made into a ball. Heather rope was particularly good on corn stacks and thatch.

The heather used for thatching was fifteen inches long. The heather-thatching process is described.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - North Uist

Parish - North Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dr Iain MacAonghuis (IM): Shin e, ma-thà. A-nist, bha sibhse... bhiodh sibh a' snìomh an t-sìomain?

Dòmhnall Dòmhnallach (DD): Ò, bha. Bliadhnaichean 's bliadhnaichean. Agus, ged nach robh sinn a' faighinn mòran air a shon, bha e a' tighinn a-staigh feumail gu leòr dhuinn anns an àm. Bha an t-airgead gann.

IM: Sheadh.


DD: Ach, cha dèanadh e cus dhomh anns an uair no anns an latha na gheibhinn airson eallach fraoich. Dh'fhalbhainn anns a' mhadainn dhan a' mhonadh a-mach, agus bhuaininn dà shopag, ceithir de dhlòintean math anns a h-uile sopag agus chuirinn an dà shopaig còmhla air mo dhruim agus thiginn dhachaigh leis. Agus, faodaidh mi a chantail gum biodh an latha seachad mus fhaighinn clìor 's e.

Cho luath 's a bhathar a' lasadh solas... 's ann anns a' gheamhradh mar bu trice a bha sinn ris, bha... bhithinn an uair sin a' suidhe sìos agus a' sgaoileadh tè dhe na sopagan. Agus, bu mhath an obair dhomh mum biodh àm cadail ann, na ceithir dlòintean a bha san t-sopaig a bh' ann a shineach a shnìomh.

IM: Sheadh.

DD: Agus, bha mi an ath oidhche a' snìomh na tè eile. Agus, bha mi an uair sin... bha e agam ann an dà chuaich. Agus, bha mi an uair sin ga chur air cheirlidh. Agus, bha tomhas againne air... air na ceirlean. Nuair a chuirinn m’ uchd air a' cheirlidh, 's i air an làr, 's gu... 's gun ruigeadh barran mo mheòirean air gach taobh anns an ùrlar, bha i aig an tomhas.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Agus, bhiodh an uair sin ceirle ochd sgillinn deug. Tastan agus sia sgillinn.

IM: Cha robh ach sin?

DD: Cha robh. Cha robh. 'S faodaidh mi chantail gun tug mi an dà oidhche agus an latha air na h-ochd sgillinn deug a bh' ann a shin a dhèanamh.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Ach, bha na h-ochd sgillinn deug, bha iad gann anns an àm, 's gu dearbh, bha iad math nuair a thigeadh iad.

IM: Seadh, bha, tha mi a' creidsinn. 'S a-nist, dè uimhir, dè... dè na tha de... de fhraoch ann an dlòth?

DD: Tha, dìreach, gun togainn mar seo i, dìreach.

IM: Leis an dà làimh?

DD: Leis an dà làimh, agus, ga cur ann an ceangal.

IM: Seadh.

DD: Bha mi a' snìomh ceangal, nam shuidhe anns an fhraoch, mu aitheamh a dh'fhad, 's bha mi a' cur an t-sìomain a bh' ann a shineach air an talamh, agus bha mi a' cur a' chiad dhlòth air. Bha mi an uair sin a' togail na dlòth eile, gun ruiginn orra mar seo dìreach, ga cur cas mu sheach, mar a chanas sinn, na ceithir dlòintean, 's a' ceangal an uair sin an t-sìomain, timcheall air na ceithir a bh' ann a shin, 's an aon rud a-rithist air an tè eile.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Agus, tha mi a' creidsinn gun robh, co-dhiù, mi a' dol dà mhìle a dh'iarraidh fraoch a ghabhadh snìomh.

IM: Seadh.

DD: Ach fraoch a bhiodh againn a' tughadh nan taighean, gheibhinn e na b' fhaisge na sin gu math air làimh.

IM: Seadh. 'S e fraoch fada garbh a bhiodh anns an fhraoch...?

DD: Fraoch... fraoch fada mìn a bhathar a' snìomh.

IM: Ò, fraoch mìn?

DD: Sheadh, mar gum biodh... cho mìn ri... cho grinn ris a' mhuran.

IM: Seadh, dìreach.

DD: 'S e.

IM: Seadh, dìreach. 'S a-nist, sopag, dè... dè th' ann an sopag?

DD: Sopag. Tha, na ceithir...

IM: Còmhla.

DD: Na ceithir dlòintean anns an t-sopaig. Bha ochd dlòintean agam uile.

IM: Seadh. Anns an eallach?

DD: Anns an eallach. Ceithir dlòintean anns a h-uile sopag.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Agus bhiodh e trom gu leòr air an astar.

IM: Seadh. Agus, cha robh uidheam shònraichte sam bith agaibh airson am fraoch a... a shnìomh?

DD: Ò, cha robh ach na dùirn.

IM: Seadh.

DD: Na dùirn.

IM: 'S am b' urrainn dhuibh innse a-nist, dìreach gu mionaideach, ciamar a bha sibh a' snìomh a... an fhraoich?

DD: Bha mi a' faighinn an toiseach geug cho garbh 's a bhiodh anns an dlòith a bh' air mo bheulaibh, agus bha mi a' teannadh air a snìomh. Ga sgapadh o chèile an toiseach, agus tòiseachadh air... air a snìomh an uair sin. A' cur a' char bhuam mar seo, 's [?a' laighe air], agus a' tòiseachadh an uair sin air biathadh na gèige a bh' ann a shineach le geugagan dhe na bha san dlòith 's mo chas oirre air an ùrlar, gus an teirigeadh i.

IM: Agus, an e aona char a bha a' dol... a bha a' dol annta?

DD: Aona char, mar siudach, anns a h-uile taobh dheth.

IM: Seadh. 'S cha robh sibh a' tighinn an aghaidh a' chuir a bha sin idir?

DD: Cha robh. Ò, cha robh.

IM: Seadh, dìreach, dìreach, dìreach.

DD: Bhiodh e mar gum biodh ball.

IM: Seadh. Agus, dè... dè an fhaid, canaibh, a bhiodh anns an... anns an t-sìoman? 'S e an aon... An e an aon t-sìoman a bha anns a... a bha anns a' cheirle, bho... bho thùs gu èis, an e? Dè... Cò mheud aitheamh, saoil sibh, a bhiodh ann?

DD: Ò, tha mi a' smaoineachadh gum biodh... bhiodh mu dhusan aitheamh anns a h-uile dlòth, nuair a bhiodh e air a shnìomh caol. 'S ann caol a bha e math. Ma bha... ma bha mi ga shnìomh garbh, bha e dualach dha gun grodadh am bàrr a bh' air, gun grodadh e an sìoman.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Ach bhiodh sgian againn, ri ar taobh, agus nuair a ruigeadh... mi suas ri bàrr an fhraoich, bha mi ga ghearradh dheth leis an sgithinn, 's a' cumail romham gus an tigeadh bàrr an fhraoich, bàrr nan ath gheugan a-rithist. Ach cha robh mise, cha robh mi ach glè ainneamh ag iùsaigeadh na sgeine ris. Bheirinn dheth mar seothach e le mo... le m' òrdaig. Shriopainn dheth e, nam biodh cnap air bàrr na gèige. Ach, an-còmhnaidh, 's e fraoch stireach a bh' ann. Cha bhiodh cus... cus bàrr air.

IM: Dè thuirt sibh? Fraoch...?

DD: Fraoch stireach.

IM: Stireach.

DD: Sheadh.

IM: Dìreach, dìreach.

DD: Agus...

IM: 'S a-nist, cò bhiodh... cò bhiodh ga cheannach?

DD: Bhitheadh, a h-uile duine nach b' urrainn a dhèanamh, [?dhol] air a shàillibh. 'S e bhiodh againn air na taighean. Cha robh guth an uair ud air wire-net, no air dad, no air guy-rope, ach air sìoman-fraoich. Ach muinntir nam bailtean aig an robh muran, 's e muran a bhiodh aca.

IM: Ò, seadh.

DD: Sìoman-murain.

IM: Seadh. 'S am biodh sibh fhèin a' dèanamh sìoman-murain?

DD: Bhitheadh. An aon rud ris an t-sìoman-fhraoich. Bhitheadh. Ò, bhitheadh, ach gun robh e doirbh dhomh fhaighinn ann a sheo, ann am beul a' mhonaidh, am fraoch... tha, am muran. Dh'fheumainn a dhol dhan a' Bhaile Shear sìos ga iarraidh.

IM: Dìreach.

Boireannach neo-ainmichte (B): Cha mhòr far an robh sibh fhèin.

DD: 'S e.

IM: Dìreach. Ò, chunnaic mi e. Chunnaic mi am muran shìos an sin.

B: Am bi siud air an rud a tha thu a' toirt sìos?

IM: Och, chan eil e gu diofar. Agus a-nist, am fraoch a bh' agaibh a' tughadh, cha b' ionann gnè dha idir, am b' ionann?

DD: Cha b' ionann. Cha bhiodh e ach a leth cho fada ris an t-sìoman a bha... ris an fhraoch a bha a' dèanamh an t-sìomain.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Fraoch an t-sìomain, nuair a bha duine eòlach air, chan ann na sheasamh anns an talamh a gheibheadh e idir e, ach ann an glinn. Agus a' chuid bu mhotha dhen an fhraoch ann an talamh còinnich. Bhiodh e fon a' chòinnich, 's bhiodh e cheart cho ruighinn ris... ri... ris a' chainb. Fraoch caol, buidhe a bhiodh ann a shineach.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Fraoch cruaidh a bhiodh na sheasamh air a' bhonn, cha robh e math idir. Bha e a' bristeadh. Cha robh e ruighinn gu leòr.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Cha robh.

IM: Seadh. Agus am biodh iad ga chur air cruachan cuideachd, cho math ri...?

DD: Ò, 's e... 's e bha math orra. Bha leithid de dh'ìnean anns an t-sìoman-fhraoich, 's cha charaicheadh e ach far am fàgadh duine e. Chan ionann e 's an ròpa ruadh a th' aca an-diugh, sliobaidh e suas, agus, cha robh dad a' dol air cruaich no air taigh anns an àm a b' fheàrr na sìoman-fraoich.

IM: Seadh.

DD: Cha robh.

IM: Agus an canadh iad ann a sheo a' cur crios, crios, air... air cruaich?

DD: Canaidh, siud e. Bhiodh iad a' cur crios ris an t-sìoman-fhraoich air a' chruaich. Bhitheadh. Agus a' cur fiarag air an taigh leis.

IM: Fiarag?

DD: Fiarag.

IM: Seadh. 'S e sin mar a bha an sìoman air ais 's air adhart air a' cheangal, a' cumail an tughaidh, an e?

DD: Bha dìreach... bha an fhiarag a' dol air nuair a bha an taigh uile air a shìomanachadh. Bha e an toiseach air a thughadh, mar bu trice leis an fhraoch, fraoch goirid, mu chòig òirlich dheug a dh'fhad airson an tughaidh. Agus, tha mi a' smaoineachadh... gun toireadh e mo dhìol dhomh a thughadh ceart, aon deich troighean air gach rathad, ann an latha.

IM: Aidh, aidh.

DD: Cha... cha robh math dhomh a chur air ach na gheugan. Nam faodainn a chur na dhòrnan air, dhèanainn ann an leth na h-ùine e, ach na gheugan, gan snàithealadh ri chèile. Agus, bha an uair sin 's ga shìomanachadh. Agus na taighean-tugha, bha maide nochdte anns an dà cheann aca, ris an canamaid spàrr-feannaig, agus bhathar... am fear a bh' ann am mullach an taighe, bha aige, nuair a ruigeadh e am maide a bh' ann a shineach, rud ris an canamaid [?bàidse] a dhèanamh, mar gum biodh coilear beathach eich, timcheall air a' mhaide a bh' ann a shineach agus bha... bha... bha bioran maide aige na phòcaid, mu shia òirlich a dh'fhad annta, 's bha e gan cur ann. 'S e dealgan a chanamaid ris, a' cumail na [?bàidse] a bh' ann a shineach na h-ionad.

IM: Seadh.

DD: Uill, nuair a bha an uair sin an taigh uile air a shìomanachadh, bha an fhiarag a' tòiseachadh, air na ceithir chòrnairean an taighe. Bha dà... dà fhiaraig a' dol air a h-uile còrnair, ceann na fiaraig air a ceangal ri... aig cùl an stàc, air cùl an t-simileir, agus i air a tarraing fhad 's bu mhath leam a dhol, gu aghaidh an taighe, no gu cùl an taighe, 's ceann sìoman a ghearradh ann a shin, 's an ceann aige a chur fo acaire. 'S e acraichean a chanamaid air na bha a' cumail sin.

IM: Ach a-nis, 's e clachan...

DD: Clachan. Clachan fada caol. Bhitheamaid gan cruinneachadh thall 's a-bhos, mu ochd òirlich a dh'fhad, mar gum biodh size breige, no beagan na bu truime na breige.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Bha tè dhiubh sin ceann ri ceann, o cheann gu ceann dhen taigh, air gach taobh.

IM: Aidh, aidh.

DD: Nam falbhadh e ri gèile, dh'fhalbhadh e còmhla.

IM: Seadh, dìreach.

DD: Dh'fhalbhadh.

IM: Seadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good