Search

Cluasagan agus itean.

Date 28 April 1977
Track ID 65374
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.063.1d

Original Tape ID

SA1977.063

Summary

Pillows and feathers.

Pillows used to be stuffed with puffin feathers. The fishermen would catch these on islands such as St Kilda. The contributor remembers one being kept as a pet.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Màiri NicRath (MNR): A bheil fhios agaibh cò às a thug pàirt dhe na cluasagan, no dhe na h-itean a bha a' dèanamh nan cluasagan anns an taigh againne? Bha mise cho sgìth dhiubh 's a bha an gobha dhe mhàthair, man tuirt am facal. Na buthaidean a bhiodh a' tighinn às na h-eileanan... nuair a bhiodh iad a' dol a-mach bhiodh iad a' toirt dhachaigh làn an eathair dhe na buthaidean, 's bhite fad seachdain a' spìonadh nam buthaidean sin 's a' dèanamh cluasagan dhiubh.

Mòrag NicLeòid (MNL): Bhiodh sibhse a' dèanamh sin?

MNR: Bhitheadh. Sinne a' dèanamh siud, agus a h-uile duine a bh' anns an àite againn a' dèanamh siud, aig an robh fireannaich a bha a' dol a-mach. Nise, cò às a bha na buthaidean a' tighinn? Chan urrainn mi cuimhneachadh air a sin

MNL: Chan eil... uill, 's dòcha gur ann às na h-eileanan sin? Na h-Eileanan Mòra, 's dòcha?

MNR: Cha b' ann, ach à Hiort no àiteiginich.

MNL: 'S a bheil cuimhn' agaibh a bhith a' cluinntinn ciamar a bha iad a' marbhadh nam buthaidean?

MNR: Ò a ghràidh, chan eil càil... Tha cuimhn' agamsa m' uncail, am fear... am baidsealair a bha a-staigh còmhla rinn, buthaid beò a thoirt dhachaigh airson... chuir e dhan a' chiste chaoil anns am biodh e a' glèidheadh na lìn gus... agus bha, bheil fhios agaibh, bha bìdeag fosgailte dhith mar siud bho cheann gu ceann airson gum biodh an èadhar a' dol a-steach 's gum biodh am blàths a' dol a-steach dha na lìn. Bha aona bhoireannach sònraichte, aon nighean sònraichte a-staigh, anns an àite, bhiodh i a' tighinn a chèilidh a h-uile h-oidhche, agus bhiodh am buthaid a' tighinn agus a' breith air chois oirre.

MNL: Bha e peatach gu leòr?

MNR: Bha. Ò, is math tha cuimhn' agamsa air a' bhuthaid ud. Cha deach am fear ud a mharbhadh idir. Cha leigeadh sinne dhaibh a mharbhadh ann.

MNL: 'S dè... chan eil cuimhn' agaibh dè thachair dha?

MNR: Ò chan eil. 'S mathaid gur e a mharbhadh a rinn iad mu dheireadh. Chan eil càil a chuimhn' a'm dad mu dheidhinn, ach gu bheil cuimhn' a'm gun robh e againn greiseag ann a shiud. 'S bhiodh sinn ga hideaigeadh. Bhitheadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good