Prògram Choinnich

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 676
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 21.12.1994

Geàrr-chunntas

Na mhiannaicheadh Fred MacAmhlaigh bho Bhodach na Nollaige.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn an t-seachdain sa air iarraidh air ceathrar inbheach an iarrtasan agus am miannan aig deireadh na bliadhna a lìbhrigeadh ann an litir gu Bodach na Nollaig. Diluain chuala sinn Zena Nicoll, an-dè chuala sinn Sarah NicDhòmhnaill, an-diugh 's e Fred MacAmhlaigh a th' againn.

Fred MacAmhlaigh (FM): Chan ann tric a gheibh duine cothrom facal air Bodach na Nollaig, gu h-àraid aig m' aois-sa. Na mo ghille beag ann an Solas an Uibhist, cha leiginn a leas feuchainn, oir 's ann an dubh na h-oidhche a bha e a' tadhal. Chan e a-mhàin sin, ach nam fanadh tu na do dhùisg, ged a thadhladh e, 's dòcha, chan fhàgadh e dad agad, ach 's mathaid caorann mònach, mar a bha Zena Nicoll ag innse dhuinn. Dh'fheumadh tu bhith na do shuain. Agus gu dearbh, cha robh e fialaidh. Cha robh an stocainn agamsa an uair ud ach glè bheag. Tiugh gun teagamh, agus air a deagh fhighe le clòimh Ghàidhealach nan dubh-cheannach, agus cha ghabhadh i mòran ged a lìonadh tu gu bàrr i. Chan eil cuimhn' a'm riamh i a bhith làn. Ubhal no orainsear, agus bonn sia-sgillinn. 'S e sin a bha clann Sholais a' faighinn mar bu trice.

Ach 's e suim mhòr a bh' ann an sia sgillinn an uair ud, cuimhnich, oir cha robh airgead ri fhaighinn ach aig àm na fèille, dà uair sa bhliadhna, agus cha robh sìon a dh'fhios agamsa nach robh Santa pailt cho gann a dh'airgead ri croitearan Sholais. Chaidh bliadhnaichean mòra seachad mus do thuig mi cho beairteach 's a bha e, agus cho cumhachdach. Gu mì-shealbhach, nuair a ràinig mi an ìre sin, cha robh an stocainn mòran na bu mhotha, agus na rudan a bha mi ag iarraidh, cha toilleadh iad innte. Agus co-dhiù, bha e na dhragh riamh dhomh ciamar a bha an duine còir a' dol a dh'fhaighinn a-nuas an similear ged a dh'fhàgadh e am poca mòr air mullach an taighe. 'S e caoiltear cianail a dh'fheumadh a bhith ann. Ach 's e an dealbh a bh' agamsa air, duine mòr reamhar bronnach agus dubhan air.

Nist, mus tèid sinn nas fhaide, 's dòcha gum bu chòir dhomh ur earalachadh mu gheallaidhean brèige. Tha saoghal na poilitigs gu h-àraid làn dhiubh. Mar a thuirt am bàrd Leòdhasach, cha mhòr:

Càit a bheil a' mhòralachd chiatach b' àbhaist bhith riamh sa chuideachd seo?
Dh'fhalbh i, theich le nàire, 's thàinig na h-àite poilitigs.

Mar sin, cò aig a tha fios an gabh bodach ri m' iarrtasan, ged a bhiodh e mòran na b' onaraiche na na balgairean sin.

Chan eil math dhuinn sealladh a chall air nach eil e ann ach nàdar de white settler co-dhiù, agus nach robh mo sheanair no mo sheanmhair idir eòlach air. Co-dhiù, dh'fhaodadh e bhith gu bheil rud no dhà air am bi mi fhèin 's e fhèin aontaichte. Shaoilinn air a chuairtean feadh na Gàidhealtachd, can, cho eadar-nàiseanta 's gu bheil e, gum bi e na iongnadh dha mar a tha fearann Alba air a roinn. Chan eil mi am beachd gum faigh e dad coltach ris air a thuras san Roinn Eòrpa, eadar seann chinn-feadhna a fhuair còir nach robh idir dligheach air fearann nan cinneadh an dèidh Chùil Lodair, agus na daoine annasach sin a thogadh sa ghainmhich, agus far an robh sinne le tobar fuarain, 's e bh' acasan tobar ola.

Uill, mas e duine ciallach a th' annad, a bhodaich, tha fios gum misnich thu an cleachdadh ùr, far a bheil muinntir an àite a' ceannach an fhearainn agus a' gabhail còir air dhaibh fhèin, agus ga chur gu barrachd feum 's a bha e bho chionn cheudan bliadhna. Sgìre Asainte na dheagh eisimpleir. Agus a-nist tha àite no trì san Eilean Sgitheanach air thuar gluasad iad fhèin anns a' mhodh seo. 'S e a dhùraiginn-sa, a bhodaich chòir, gun sgaoileadh tu an fheallsanachd seo fad 's farsaing, gus gum bi fearann Alba ann an sealbh nan daoine a tha a' fuireach ann, agus a' togail an teaghlaichean ann.

Agus tha sin ga mo thoirt chun an ath cheann, no ma thogras tusa, an dara àite, mar a chanadh iad bho chionn fhada. San dara àite, ma-thà, agus tha fhios a'm nach fhaic thu seo neònach, a bhodaich, 's tu a' siubhal an t-saoghail, an dèidh sluagh na dùthcha còir fhaighinn air an fhearann, nach biodh e ceart gum faigheadh iad còir air an cànan fhèin anns na sgoiltean? A rèir mar a tha mise a' cluinntinn an-dràsta, 's e brochan dha-rìribh a thathar a' dèanamh dhen obair sin, agus 's ann a' searg a tha a' chànan mar thoradh air. Mura bi sinn faiceallach, cha bhi eadhon an amadan agus an t-òinseach air fhàgail.

Nist, a bhodaich, chan eil nì an seo nach gabh leasachadh, agus tha cothrom agadsa nach eil aig càch. Innsidh mise dhut, ma-thà. Dèan thusa mar a bha Cailleach an Deacoin ag iarraidh a dhèanamh air a' Khremlin aig aon àm - duis mhòr a leagail orra san dol seachad. Ach chan ann mar a thugadh e às a' chlosach i. 'S e duis làn gliocas agus carthannas a bhithinn-sa ag iarraidh. Agus a bhodaich chòir, ma tha thu cho dìochuimhneach riumsa, chuirinn na bòidean ort gun mearachd a dhèanamh.

Agus bhon a tha duiseachan an-diugh a chòrr agus a' dol a dholaidh, bheir leat tè eile agus leag i air Comann Telebhisean na Gàidhlig. Anns an duis sin, chan e a-mhàin gun tigeadh gliocas agus carthannas, ach bhiodh batailian dhaoine far na tuath innte a dh'innse dhaibh mun an liuthad roinn dhen achadh nach eil iad a' treabhadh. Far nach bi todhar cha bhi toradh, ged a dh'fhaodar daoine a mhealladh le figrichean bliadhna no dhà fhathast.

Agus dè dhomh fhèin, an tuirt thu? Uill, nan cuireadh tu iad siud fhèin gu buil, tha mi a' smaoineachadh gum bithinn glè riaraichte, agus nach iarrainn an còrr ort am-bliadhna. Agus cha ghabhainn tuilleadh white settler ort. Siuthad, a bhodaich, dèan mìorbhailt.

CM: Ò uill, chan eil Fred ag iarraidh mòran idir air Bodach na Nollaig ann an siud, a bheil? Fred MacAmhlaigh agus litir gu Bodach na Nollaig. Agus bidh an tè bho dheireadh dhe na litrichean gu Santa againn a-màireach.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math