A' roinn èisg ris an Donas

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 69892
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1972.048.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1972.048

Geàrr-chunntas

A' roinn èisg ris an Donas.

Chaidh gille a bhreacach aon oidhche Shàbaid agus fhuair e deagh iasgach. Nochd coigreach na làthair agus dh'iarr e roinn dhen iasg. Thòisich an gille ri roinn ach chùm e a' dol ceàrr sa chunntas feuch am briseadh an latha. Dh'fhaighnich e dhan choigreach dè bha a dhìth air. Fhreagair esan gur e am fear mu dheireadh a bha a dhìth air - b' e sin an gille fhèin. Thuig e gur e an Donas a bh' ann ach ghairm an coileach agus chaidh an coigreach às an t-sealladh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Uibhist a Tuath

Paraiste - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Dìreach feuchaibh oirre, a Phàdruig.

Pàdruig Moireasdan (PM): Tog... Cha bhi agad ach a' chorrag a thogail a-rithist.

DE: Right, ma-thà.

PM: Bha... mar a... mar a tha fios aig an fheadhainn a tha aosta, mar a tha mi fhìn an-diugh, bha mòran a chuir seachad ùine anns na taighean-cèilidh nuair a bha sinne òg nach eil ann an-diugh. Agus bha mòran foghlaim cuideachd co-cheangailte ris... nithean a bhiomaid a' cluinnteil aig na seann daoine. Bha feadhainn dhe na sgeulachdan 's dòcha duilich an creidsinn, san latha an-diugh co-dhiù, ged a bhathar a' toir àite gu leòr dhaibh aig an àm a bh' ann a shiud.

Chuala mi oidhche ann an taigh mu dheidhinn fear a dh'fhalbh deireadh oidhche a bhreacach gu locha ann am monadh. Cha robh an latha a' bristeadh mar a bha e an dùil, agus a bharrachd air a sin cha robh an t-uaireadair a' dol, 's cha robh an t-àm a bh' ann ach tuairmse. Agus 's e deireadh oidhche Sàbaid a bh' ann nuair a dh'fhàg e a dhachaigh.

Bha e air cuid mhath èisg fhaighinn, mòran, mòran a bharrachd air na chleachd e. Thàinig duine a-nuas ceum air cheum bruaich an locha far an robh e.

"Tha thu air iasgach math a dhèanamh," ars esan.

"Tha," ars an gille.

Agus:

"Nach fheàrr dhut," ars esan, "an roinn 's feadhainn a thoir dhomh fhìn dhiubh?"

"Ò, tha gu leòr ann airson an roinn," ars an gille. "Faodaidh tu."

Thuig an gille nach bu rud math sam bith a bha a' bruidhinn ris. Agus theann e air roinn an èisg, 's chanadh e: "A h-aon." Chuireadh e a h-aon an siud, chuireadh e a h-aon an siud, chuireadh an ath fhear an siud, 's chuireadh e an ath fhear an siud. Bha e ag atharrachadh a làimhe gus gun robh e a' dol ceàrr sa chunntais. 'S bha e a' ràdh ris fhèin:

"Chan eil innleachd gu bheil mi fada o bhristeadh an latha 's gun gairm an coileach."

Chùm e air an dol a bh' ann a shin, agus dh'fhaighneachd e dhen choigreach a thàinig far an robh e:

"Gu dè na bhios tu ag iarraidh?"

"Ò," ars esan, "'s e a bhios a dhìth ormsa ach am fear mu dheireadh a bhith agam fhìn."

B' e seo an gille fhèin, am fear mu dheireadh.

Chùm an gille a dhol ceàrr sa chunntais agus gan cruinneachadh air ais agus teannadh air an roinn a-mach a-rithist, fear a-null 's a-nall, 's chuireadh e a làmh cheàrr an-dràsta 's a-rithist, nuair a bhiodh e poile air adhart, 's chruinnicheadh e a-rithist iad, gus mu dheireadh thall chuala e coileach na circe-fraoiche air a' chnoc os a chionn a' gairm.

Nuair a sheall e mu chuairt cha robh sealladh aige dhen choigreach a bha ag iarraidh roinn dhen iasg.

DE: Glè mhath gu dearbh, a Phàdruig.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math