Search

Fichead seanfhacal, le mìneachadh air corra fhear dhiubh:

Fieldworkers
Date June 1956
Track ID 71067
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.57.A1(1-19)

Original Tape ID

SA1956.057

Summary

Twenty proverbs, with some explanations:

Latha Fhèill Brìghde bheir na stìdean dhachaigh a' mhòine.

Latha Fhèill Brìghde thèid na stìdean don choille chonnaidh.

Tha e a' suidhe air a' chèill.

Bailc na Bealltainne.

Bròn an t-samhraidh.

Ruig no nach ruig, tha Rigg romhad.

Is i a' bhean mhath a bheir a-nuas an rud nach eil shuas.

Teas an t-sneachda anns an teine.

Nuair as miosa a' mheanbh-chuileag 's ann as fheàrr fàs am buntàta.

Chan eil dùthchas aig mnaoi no aig ministear.

Bàs gun sagart.

Cha togadh e an salann bhon chlàr.

Làmh fhuar bhon chridhe bhlàth.

Is ann air a toradh a dh'aithnichear a' chraobh.

Innis dhòmhsa do chompanach 's innsidh mise an uair sin dhutsa cò thu.

Is i a' mheur ghoirt a gheibh gach buille.

Nam faiceadh tu e le dhà chòta air.

Òlaidh am fitheach a shàth bho mhullach Clach Àrd Ùige.

An t-iasg len àill a bhith a' cluich mun dubhan, thèid e an sàs uaireigin.

Rathad an fhraoich don Òban.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good