Mar a dh'ionnsaich Tormod Lachlainn seinn nan salm

Contributors
Date
Track ID 75457
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1968.186.A15; B1

Original Tape ID

SA1968.186

Summary

How Norman MacKillop learnt to sing the psalms.

Norman MacKillop learnt much in the psalmody class held by Rev. Norman Morrison, who was a minister in Berneray. He started precenting in the church in 1928.

Item Subject/Person

MacKillop, Norman [Tormod Lachlainn 'ic Iain]

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Tormod MacPhilip (TM): Uill, tha sibh air...

Boireannach neo-ainmichte (B): Laoidhean.

TM: Laoidhean Beurla. Chuir nighean Ailein Dhonnchaidh, nuair a chaidh i, dh'fhalbh i ga cosnadh, 's ann gu ruige Muile a chaidh i, ceann a tuath Mhuile.

B: Chaidh.

Iain Peatarsan (IP): Seadh.

TM: Agus far an robh i ga cosnadh, bha a h-uile duine aca a' dol dhan eaglais Latha na Sàbaid, agus thug iad oirrese a dhol còmhla riutha dhan eaglais, agus nuair a chuala iad an guth brèagha a bh' aice, dh'iarr daoine, an fheadhainn a bha sa... dè an t-ainm a th' air an fheadhainn a bhios a' seinn còmhla riutha?

B: Choir.

IP: Choir.

TM: Eh?

B: Anns a' choir.

IP: Anns a' choir.

TM: Dh'iarr [???], dh'iarr i oirre sin... oirre sin... dh'iarr i oirrese a dhol còmhla riutha.

IP: Seadh.

TM: Dh'iarr iad oirre 's chaidh i ann agus fhuair i leabhar.

B: Fada.

IP: Tha... Bha sibh ag innse mar a bha nighean Ailein Dhonnchaidh ann am Muile, agus bha sibh a' ràdh gun do chuir i thugaibh leabhar laoidhean, an e?

TM: Chuir.

IP: Agus, tha... an e laoidhean Beurla a bh' ann?

TM: 'S iad, 's iad.

IP: Agus bha sibh a' ràdh gun robh sibh gan ionnsachadh às a sin.

TM: Ò, uill, tha... tha... fhios agaibh, 's ann air... air... 's ann air litrichean a tha iad air a... air a...

IP: Ò, seadh. Tha iad air an cur sìos anns an Do Re... Agus cà an do... cò às a dh'ionnsaich sibh...

TM: [???] aonan dhiubh.

IP: Cò aig a dh'ionnsaich sibh an t-seinn an toiseach? An ann aig ur n-athair no...

TM: Eh?

IP: Bha ur n-athair math air seinn, an robh?

TM: Innsidh mise dhuibh far an do dh'ionnsaich mi, far an do dh'ionnsaich mi, tha... iad siud an ionnsachadh. Tormod Moireasdan, ministear a bh' air a' mhachaire thall.

IP: Ò, seadh, seadh.

TM: Bha e a' cumail... bha e a' cumail sgoil... sgoil fhonn.

B: Bha.

TM: Agus...

IP: Seadh? Am biodh sibh a-nise a' dol dhan a...?

TM: Sin am fear a... sin am fear a dh'ionnsaich mise.

IP: 'S e. Agus 's ann a...

TM: Chan e nach robh... chan e nach robh mi... mi ron a sin, ma-thà... bha fios agam... Do re mi fa so la. Do re mi fa so la ti do, do ti la so fa mi re do.

IP: Bha, dìreach. Ach...

TM: Agus dà oidhche bha mi ann nuair a dh'ionnsaich mi an fhear sin. Dà oidhche bha mise san sgoil sheinn nuair a...

IP: Dh'ionnsaich sibh às an leabhar na fuinn.

TM: Sheadh.

IP: Agus an robh sibh a-nise a' dol dhan an sgoil sheinn aig Alasdair Caimbeul? An sgoil fhonn aig Alasdair Caimbeul, miseanaraidh Leò-... às an Eaglais Shaoir. Am biodh sibh a' dol dhan sgoil fhonn aigesan?

TM: Bhitheadh

IP: Ò, bhiodh sibh a' dol an sin cuideachd.

TM: Ò, bha gu dearbh fhèin e.

IP: Bha. Agus... ach dhèanadh sibhse seinn mun tàinig a h-aon seach aon dhiubh sin?

TM: Och, Thì. Chomanaich mise ann an nineteen twenty-eight.

IP: Seadh.

TM: Thug iad orm tòiseachadh air precent-adh.

IP: Thug, dìreach.

TM: Agus... 'S e corra uair a bhios mi an-dràsta ann a chionn, tha...

IP: Ò, ach nach eil sibh aois mhòr. Dè... Tha sibh ceithir fichead 's a h-aon.

TM: Tha na h-uiread ann.

IP: Agus bha ur n-athair math air precent-adh cuideachd, an robh?

TM: Bha, bha.

IP: Lachlann mac Iain, nach e a chanadh iad ri ur n-athair?

TM: 'S e.

IP: Agus dh'ionnsaich sibh, tha mi a' creidsinn, uaithesan nuair a bhiodh e a' gabhail leabhraichean 's rud den t-seòrsa sin a-staigh, an ann?

TM: Ò, bhiodh e a' gabhail leabhraichean.

IP: Agus bhiodh e a' dèanamh precent-adh.

TM: Moch 's anmoch.

IP: Moch 's anmoch.

TM: Moch 's anmoch, bhitheadh.

IP: Agus... agus an robh barrachd buaidh aige sin air an seòrsa seinn a th' agaibh na bh' aig an rud a dh'ionnsaich sibh anns an sgoil fhonn?

TM: Ò, uill, tha, dh'ionnsaich mise cus a bharrachd 's a bh' agam an uair iad.

IP: Seadh, dìreach.

TM: Och, dh'ionnsaich.

IP: Ò, uill, glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good