Creutairean os-nàdarrach anns an robh daoine a' creidsinn
Contributors
Date
Track ID
75639
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1956.013.B1a-o
Original Tape ID
Summary
Supernatural creatures people believed in.
The contributor gives an account of a variety of wonderful beasts, including their appearance, certain occasions when they would be seen, and an ancient method of protection.
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Skye
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Seo seanchas mu na h-ònrachdain.
A' Bhean-nighe. A rèir coltais, 's ann do theaghlach nan sìthichean a bha a' bhean-nighe, agus bha dreuchd 's obair air leth air earbsa rithe. 'S ann ùine gheàrr mum biodh bàs anns a' bhaile a chìte i, agus gach uair dhiubh sin bhiodh i ri taobh lòn no allt, agus smùid aice air nighe lèine-mhairbh an aoin a bha gu caochladh. Mar a bhiodh i a' nighe an aodaich sheinneadh i marbhrann tùrsach trom. Ta e air aithris nan tachradh don an neach a chitheadh i tighinn air a cùlaibh gun fhios dhi, agus breith oirre gu teann mu a teis-meadhan, gum feumadh i na trì feartan seo a bhuileachadh air: an toiseach, soirbheachadh san t-saoghal; toileachas-inntinn rè a bheatha; saidhbhreas buan. Ach 's e duine ainmeil a fhuair riamh faisg air a' bhean-nighe mar seo. Cho luath 's a chitheadh i neach a' tighinn, rachadh i às an t-sealladh, a' fàgail a teachdaireachd dhuilich agus a crònan tiamhaidh na dèidh.
A' Ghruagach. Mar bu trice, 's ann an àm an fheasgair a bhiodh a' Ghruagach ri faicinn a' ruith 's a' dannsa cho guanach aotrom a-mach anns na buailtean am measg na sprèidhe. Ta còrr 's ceithir fichead bliadhna bhon a chunnacas mu dheireadh i anns an Eilean Sgitheanach. Ach mar a bha seana-bhean ag innse dhomh, bha i ri faicinn an uair sin a h-uile feasgar samhraidh, a' ruith cho beò sunndach suas 's sìos feadh nan raointean agus brèid fhada rìomhach mu a h-amhaich a' crathadh anns a' ghaoith.
Bha e mar chleachdadh aig gach tè a rachadh don bhuaile, nuair a bhleoghnadh i an crodh, tonn math de bhainne a dhòrtadh ann an toll mu uiread soitheach a bha ann an cloich mhòir a chum 's gum faigheadh a' Ghruagach deoch-bhainne. Mura dèanadh iad sin, dh'fhaodadh iad a bhith cinnteach nach biodh deur bainne aig a' chrodh sa mhadainn. 'S aithne dhomh cnoc anns an sgìreachd anns an do rugadh mi anns an Eilean Sgitheanach ris an can iad Cnoc a' Ghruagaich, agus ta clach mhòr den t-seòrsa seo fathast ri bhith air a faicinn am mullach a' chnoic.
Loireag. 'S e bean-shìth a bha ann an Loireag a bhiodh daonnan ri faicinn anns na taighean-luaidh. Bha ùidh mhòr aice ann an calanas agus bu ghnàth leatha a bhith ann an ionad sam bith anns am biodh deilbh no luadh a' dol air adhart. Ach bhon dearbh mhionaid anns an nochdadh Loireag i fèin anns a' chuideachd, dh'fheumadh na mnathan a bhith nan ceart fhaicill gun rachadh an luadh air adhart gu rèidh, òrdail, a rèir nòs na seann aimsir, agus mo thruaighe an tè sin a sheinneadh an aon òran dà uair anns an aon oidhche, no aon sam bith dhiubh nach leanadh na seann riaghailtean. Mar pheanas, bheireadh Loireag air an aodach fàs cho... a cheart cho tana 's a bha e a' tighinn bhon a' bheairt, air chòrr 's gum feumadh na mnathan-luaidh teannadh air a' ghnìomh às ùr. Nuair a dh'èireadh e shuas oirre, bha e air aithris gun toireadh Loireag air uairean droch sgiùrsadh do na mnathan le slait, nam b' e 's gum biodh iad tuilleadh 's rag ann a bhith a' gabhail a comhairle, no mura tachradh gun seinneadh tè dhiubh am fonn mar bu chòir dhi.
'S e creutair glè bheag meanbh ann am bodhaig a bha innte. Bha fìor dhèidh aice air deochan-bainne, agus b' e cleachdadh nam mnathan nuair a bhleoghnadh iad an crodh a-muigh air a' mhòintich, steall de bhainne blàth a thaomadh an toll air mullach cloiche mar a bhiodh iad a' fàgail aig a' ghruagaich. Nam b' e agus gun rachadh dearmad a dhèanamh air an dleastanas seo, dhèanadh Loireag droch dhìoghaltas a dh'aona chuid orra fèin no air an sprèidh.
Chaidh Loireag a-staigh do thaigh ann an sgìreachd àraidh as aithne dhomh air latha fliuch, fuar san earrach. Thachair do bhean an taighe a bhith glè thrang anns a' cheart àm a' fuine. Dh'iarr Loireag cead suidhe aig an teine car tacan airson i fèin a gharadh. A-nise, dh'aithnich bean an taighe anns a' mhionaid nach buineadh a' bhana-choigreach don an t-saoghal seo, agus nuair a thuig i gur i Loireag a bha ann, ghabh i nàdar de chlisgeadh, agus gu mì-fhortanach thuirt i rithe, a' gabhail seòrsa de leisgeil oir bha i coma ach faotainn cuidhteas i, gun robh i cho trang le a h-obair 's nach b' urrainn dhi neach sam bith a leigeil eadar i agus an teine. Nuair a chuala Loireag seo, dh'fhàs i cho feargach agus gun do ghuidh i gum biodh an leanabh a bha air a siubhal a dh'easbhaidh gliocais agus cèille ga bhreith. "Agus," ars an t-seana-bhean a dh'inns dhomh an sgeul, "fhuair Loireag a guidhe. Nuair a rugadh an leanabh, cha robh e coingeis no glic."
Peallag. 'S ann an gnàth dlùth do lòin agus aibhnichean a bhiodh Peallag ri bhith air a faicinn. Chan eil e coltach gun robh fasanan no spaidealachd an latha a' cur mòran dragh oirre. Cha do thog i riamh a falt. Ni motha a bha e na chleachdadh aice a bhith a' gabhail saothair a chìreadh no a chur ann an uidheam, mar a' mhaighdeann-mhara, ged bu dlùth i a ghnàth do dheagh sgàthan nàdair – uchd ciùin glan na linne. A rèir beul-aithris, bhiodh i a' falbh agus a falt sgaoilte, sgràbach mì-òrdail mar gum faiceadh tu gaiste fada rainich ann. Uime sin, b' e beachd nan seann daoine nach robh i uile-gu-lèir toinnte na buadhan.
Caoineag. Chaidh fìor spiorad na taibhseachd a bhuileachadh air Caoineag, mas e 's gun do bhuilicheadh air neach riamh e. 'S ann ùine gheàrr mum biodh bàs anns an nàbachd a bhiodh feadhainn ga cluinntinn a' tuireadh airson an aoin a bha gu falbh. Ach ged a bha gu leòr de dhaoine ann a chuala ioma... a chuala i ioma uair rè am beatha, chan eil cunntas air a thoirt dhuinn gum facas ach glè ainneamh i. Nam b' e agus gun èigheadh an neach a bhiodh ga h-èisteachd, "Cò ta siud?" 's e am freagradh a bheireadh Caoineag seachad gu coitcheann, "Cò ta ach Caoineag bheag a' bhròin," agus an còrr fiosrachaidh cha toireadh i seachad. 'S ann ann an lagan ùdlaidh agus an cois easachan 's uillt ann an glinn uaigneach mar bu trice a bhiodh Caoineag ri cluinntinn, agus bha i na cùis-eagail mhòr do luchd-falbh na h-oidhche gu h-àraidh.
'S e cogadh ainneamh a ghabh àite riamh an Alba nach cualas a caoidh air feadh nan sgìreachdan dom buineadh feadhainn de na saighdearan a bha gu tuiteam air blàr a' chatha. 'S math as aithne dhomh sgìreachd àraidh anns an cuala barrachd agus aon i beagan de gheamhraidhean mun do bhrist an Cogadh Mòr a-mach, a' Chiad Chogadh Mòr. Chaidh a' chùis a thoirt fa chomhair ministear a bh' anns an àite aig an àm, fear-teagaisg cho foghlaimichte agus cho buadhmhor 's a sheas riamh an cùbaid anns a' Ghàidhealtachd. B' e am freagairt a thug e gu tric gun robh eagal air gun robh cogadh no dosgainn chràiteach dlùth, a bheireadh adhbhar guil 's caoidh do dh'iomadh dachaigh anns an tìr. Mar a thuirt, b' fhìor. An ceann beagan bhliadhnaichean a bhrist Cogadh a' Cheusair a-mach, agus ged a bha esan fon fhòd, chaidh mòran de òigridh a cheart ionad a mharbhadh anns an Fhraing.
Gainnisg. 'S ann am measg fòlach agus luachair fhada mu bhruachan allt agus an oir lochan a bha Gainnisg a' còmhnaidh. 'S e creutair glè bheag ann am meudachd a bha innte, agus 's ann am bitheantas ro stoirm no an-uair a bhiodh i ri cluinntinn a' tuireadh 's a' bròn airson an fheadhainn a bha gu bhith air an call ann am fiadhantas na h-aimsir air muir no tìr. Their iad gainnisg ris an t-seòrsa feur fada garbh a ta a' fàs air tanalaichean nan loch. 'S ann an sin a chluinnte Gainnisg ri bròn gu bitheanta mun èireadh stoirm no droch shìde.
Glaistig. Bha eagal mòr aig daoine ro Ghlaistig anns an t-seann aimsir. Sheachnadh feadhainn a bhiodh a' tighinn dhachaigh anmoch far a' chèilidh sruthan uisge agus lochan aonranach, oir 's ann mu am bruachan a bhiodh Glaistig a' tàmh. Bha com boireannaich air a' chreutair seo agus a' chuid eile na gobhar. Nach bu leòr aon sealladh dhith fhaicinn airson an goistidh bu chruadalaiche a chur à cochall a chridhe leis an eagal. Mar a ta an leth mu dheireadh den an ainm a' toirt fo ar comhair, 's e stìc a bha ann an glaistig anns an robh mòran de dhroch cleasan agus dubh-chuilbheartan. 'S e sin a dh'adhbharaich gun robh a leithid de dh'uabhainn aig luchd-siubhail an anmoich roimhpe. Bha e air fhàgail oirre gum biodh i a' cur snaimeannan air badan de luachair fhada a bhios a' fàs thairis air na ceuman-coise airson a bhith a' leagadh nam bodach chòir a bhiodh a' gabhail an rathaid. Chuala mi mu bhodach sònraichte de na chuir i car fichead uair, ma chaidh aon dheth, mun d' fhuair e fa-dheòidh le mòr-riasladh agus fallas a-steach air gàrradh na croite aige fèin. Ma... ma bha an... ma bha an aimlisg seo a' toirt spòrs 's àbhachdas do Ghlaistig, 's e glè bheag sùgraidh a bha na bodaich bhochda a' toirt às, agus cha bheag an t-iongnadh an dèidh an tàire le dìol bodhaig agus eagail.
An Uraisg. 'S ann mar bu trice mu àird fheasgair a bhiodh cuid a' faicinn na h-Uraisg, 's e ag iasgach ri taobh aibhne. Bha grath oillteil mì-thalmhaidh air aogaisg 's air a phearsa a' lìonadh duine sam bith le geilt 's uabhas. Bha fhalt 's fhiaclan anabarrach fada. Bu mhinig a nochd an Uraisg e fèin ri taobh neach a bhiodh ag iasgach. Thigeadh e am fradharc gu balbh dìomhair agus dhèanadh e seanchas fada ri aon nam b 'e agus gun leigeadh an t-eagal leis fantainn ga èisteachd. Ged a bha an Uraisg cuilbheartach seòlta gu glacadh neach, bha e air a ràdh nan tachradh do dh'aon sam bith a bhith car innleachdach gun robh e na chomas a char a thoirt às an Uraisg 's tàrsainn às à làmhan agus faotainn dhachaigh slàn sàbhailte gun dochann no cron.
An t-each-uisge. Ann am measg nan creutairean mì-chneasta anns an robh ar sinnsearachd a' creidsinn, b' e an t-each-uisge Rìgh nan Uabhas. Dh'fhoillsicheadh se e fèin do dhaoine mar each oillteil fiadhaich air an robh ceann agus guaillean fir. Nuair a thachradh e ri mnathan, agus gu h-àraidh nigheanan òga, rachadh e ann an cruth òganach deas air leth brèagha ann an sealladh, a dhèanadh an grad-thàladh le maise a phearsa agus bòidhchead a shùil gu falbh maille ris a-steach gu a ghainntir fo bhruaich àrd loch a-muigh anns a' mhonadh.
Thachair e uair air caileag Sgitheanach a' buachailleachd agus, leis mar a bhuair a mhaise i, nach ann a dh'aontaich i falbh maille ris. An dèidh dhaibh coiseachd tro mhonadh dubh fada, thàinig iad mu dheireadh am fianais loch. Agus nuair a ràinig iad le chèile an uamh aig an each-uisge, thuig an nighean thruagh, nuair a bha e ro anmoch, cò bha aice. Rinn e a giùlan a-steach maille ris agus ann an sin chuir e clach mhòr, nach gluaiseadh duine beò ach e fèin, a dhùnadh doras na h-uamha.
A-nis, bha e na chleachdadh aig an each-uisge falbh a dh'iasgach gach madainn agus a bhith a-muigh air ceann an iasgaich a' chuid bu mhotha den an latha. Gach madainn a rachadh e a dh'iasgach, bheireadh e a cheart fhaicill gun cuireadh e a' chlach mhòr, nach b' urrainn a' bhean a charachadh, a dhùnadh an dorais.
Chaith Mòr mar sin ioma latha daorsail maille ris an each-uisge agus, a rèir na sgeulachd, rugadh leanabh gille dhaibh cho lurach 's a bha ri fhaicinn. Air do bheagan mhìosan dol seachad, dè thachair ach gun deach an t-each-uisge a-mach a dh'iasgach, agus ge be gu dè a dh'adhbhraich dha dearmad a dhèanamh an latha ud, nach ann a dh'fhalbh e gun a' chlach mhòr a chur mar a b' àbhaist a dhùnadh an dorais. Thug Mòr seo fa-near agus ghabh i an cothrom. Nuair a shaoil i a bha fear an taighe gu dòigheil air bruaich loch a bha trì mìle air falbh, ghrad-rinn i ri baile. Ràinig i gu tèarainte an dachaigh ach, mo thruaighe, cha robh i fad ann an sin nuair a fhuair gràdh na màthar buaidh air eagal an eich-uisge, agus cha robh fois inntinn aice a latha no a dh'oidhche. Bha a cianalas cho fìor... cho mòr, feasgar sònraichte, agus gun tuirt i rithe fèin gum falbhadh i air ais chun na h-uamha agus gun rachadh i gu socair a dh'fhàireachas chun a... thun an dorais air an leanabh, oir bu mhath leatha eadhon aon sealladh fèin dhe fhaicinn.
Nuair a ràinig i, fhuair i an sealladh bu mhiann leatha, oir cha robh a' chlach idir san doras. Dh'èalaidh i a-null agus sheall i a-steach. Dè a chunnaic i ann an sin ach sealladh a thaisicheadh an cridhe bu chruaidhe. Bha an t-each-uisge na shuidhe air cloich agus e gu tùrsach brònach a' tàladh an leanaibh. B' e seo na bri-... b' e seo briathran an òrain cumha a rinn e, agus ta fonn an òrain, mar a chuala mi seana-bhean ga sheinn, a cheart cho tiamhaidh ris na briathran:
A Mhòr, a Mhòr, till ri do mhacan
Gheibh thu an gadan bhreac a-nochd
Mo sheana-chab liath ri do bheul beag maoth
'S mi a' seinn port dhut.
Saoilidh mi fathast gu bheil mi ag èisteachd na seana-bhean ghasta Ghàidhealach ud ag innse na sgeulachd. Agus am feadh 's a bha i a' crìochnachadh na sgeul, theirinn gun robh fada barrachd truais aice ris an each-uisge, ged 's e a bha ann, na bh' aice ri Mòr air dhi a saorsa fhaotainn.
'S e daoine beaga sìthe a bha anns na Frìdean a bha a' còmhnaidh ann am broinn nan creag agus anns na bruachan. Bha iad a' tighinn beò air an aon seòrsa bìdh ri daoine inbheach. Bhiodh a' chuid bu mhotha den a' bharail gun robh e daonnan an eisimeil a' chinne-daonna airson trian den lòn. Cha robh nì a bhiodh ri sheachnadh no eadhon an sprùilleach a thuiteadh bhon a' bhòrd nach robh air a ghleidheadh gu cùramach aig bean an taighe. Rachadh sin fhàgail air cnocan gorm bòidheach a chum 's gum faigheadh na Frìdean bochda air an robh an t-acras an sàth an sin. Cha robh e idir ceadaichte gun rachadh uiread agus criomag arain no biadh sam bith a thuiteadh air an talamh a thilgeil san teine. Dh'fheumte fhàgail anns a' bhad anns an do thuit e le àithne an t-seann duine. Ta sinn a' faicinn gun robh fialaidheachd nan Gàidheal a' dol a-mach eadhon gu Frìdean nan creag.
Chuala mi sgeulachd mu dheidhinn boireannach a dh'fhalbh anns an sgìre againn a-null gu ruige Astràilia. Ann an sin shoirbhich leatha gu math. Bha bò shònraichte aice a bha anabarrach math air bainne, 's bha a leithid de bhainne aig a' bhoin agus nach b' urrainn dhi feum a dhèanamh dhen an dàrna leth dheth, agus 's e bha i a' dèanamh ach seo – an àite leigeil leis a' bhainne a' dol am fannachd, bha i a' dol a-mach agus a' sireadh a' chnoic bu ghuirme agus ga dhòrtadh ann an sin. Thàinig sin bhon a' chleachdadh seo a bhith a' fàgail bìdh aig na Frìdean.
Cearbaire. 'S Cearbaire b' ainm don an teachdaire a bha, a rèir beachd nan seann daoine, a' giùlan spioradan nam flath a thuit anns an àrach na charbad a-null do flath-innis. Airson iomadh ceud bliadhna an dèidh don a' chreideamh Chrìosdail a bhith air a chraobh-sgaoileadh air feadh Alba, dh'fhan a' bheachd seo am measg an t-sluaigh. Agus ged a bha iad fathast a' creidsinn ann an Cearbaire, thug iad beagan atharrachaidh air cùrsa a theachdaireachd. Dh'adhbharaich teachd a' chreideimh Chrìosdail seo. An àite e a' leantainn air an t-seann chùrsa, a' treòrachadh nan gaisgeach agus nam flath a-null gu flath-innis, chuireadh air slighe eile e, an uair seo gu bhith a' treòrachadh an aingidh gu ionad am peanas. Lean a' bheachd seo ann an àiteachan cho fada a-nuas ri ceud bliadhna air ais. Chuala mi sgeul mu thaibhsear air an do thachair cearbaire agus a charbad oillteil ann an àite sònraichte air oidhche dhorcha gheamhraidh. Bha an carbad a' siubhal le dian-luaths gu ionad fèin. Air don an taibhsear sùil nuagach a thoirt air, dh'aithnich e feadhainn de na bha na bhroinn.
Cailleach nan Gàg. 'S e fìor bhòcan a bha ann an Cailleach nan Gàg a bhiodh pàrantan a' maoidheadh air feadhainn bheaga a bhiodh a' cur an umhail do am màthair a bhith gan nighe. Nam b' e agus nach nigheadh clann bheaga iad fèin gu riaghailteach, rachadh innse dhaibh gun tigeadh a' chailleach fhiadhaich, chrosta ud thun an taighe agus gun toireadh i air gàgan goirt a bhith a' fàs air a' chraiceann. An ath uair a thigeadh i bhiodh sgian gheur na làimh gu bhith a' sgrìobadh 's a' gearradh nan gàgan air falbh. Bu leòr iomradh a thoirt air an ainm Cailleach nan Gàg airson an leanabh bu chrosta agus bu ghràiniche air e fèin a nighe a thionndadh gu bhith titheach air uisge agus air siabann.
Bodach na Gealaich. 'S tric a chuala mi an t-ainm Bodach na Gealaich. 'S e glè bheag a ta beò an-diugh aig a bheil fios air eachdraidh a' bhodaich mhì-fhortanach ud agus ciamar a thàinig e gu bhith na leithid de shuidheachadh aonranach. Mar a ta fhios againn uile, bha na Gàidheil riamh aithnichte os cionn gach sluagh eile airson an eudmhorachd mu choimhead na Sàbaid. B' aithne dhomh gu leòr aon uair nach gabhadh an saoghal mun iadh a' ghrian 's bad feòir a ghearradh no meanglan a thoirt far craoibhe air an t-Sàbaid. Ma nach eil beachd dhaingnichte sam bith a ta a' tighinn a-nuas gun atharrachadh tro ioma linn, às eugmhais bunachas no adhbhar sònraichte, gheibh sinn a-mach bho sgeul Bodach na Gealaich gu dè bu choireach gun robh cuid cho fìor fhaiceallach agus nach buaineadh iad uiread agus làn an dùirn às an talamh air an latha naomh gun a bhith fo eagal. Chaidh an t-eagal sin a chur annta glè òg.
Ta beul-aithris a' dèanamh luaidh air duine a chaidh air Latha na Sàbaid a-mach don a' choille a bhuain connaidh. Cha b' e idir dearmad a rinn e. Dh'innseadh dha mun do dh'fhàg e am baile dè an latha a bha ann, ach cluas cha toireadh esan do earail no do bhacadh. Thug e leis tuagh co-dhiù. Theann e ri gearradh an fhiodha cho dian 's a b' urrainn dha. Mu dheireadh thall, ta an sgeul ag innse gun do chuir e corraich cho mòr air an uile-chumhachdach 's gun do thog e suas e fèin 's an tuagh do na speuran agus chàirich e ann an cridhe na gealaich e gu bhith na shùileagan 's na rabhadh gu bràth do uile-shluagh na cruinne.
Ma bheachdaicheas neach car tamail air a' ghealaich nuair a bhios i làn, chì e fathast gu ro-shoilleir ìomhaigh an duine agus an tuagh ri thaobh. Ged nach robh an seo ach sgeul saobh-chràbhadh, thug ioma aon làn-chreideas dhi anns na làithean ud.
An Caim. 'S e cleachdadh glè shean ann an saobh-chràbhadh nan Gàidheal a ta anns a' chaim. Ta e a' dol air ais gu toiseach-tòiseachaidh riaghladh nan draoidhean. 'S e cearcall no riomball naomh a bha ann a bhiodh daoine a' cur orra fèin ann an àm gàbhadh no cunnart. Cha robh aig neach ach seasamh anns a' bhad anns an robh e, an uair a chunnart, agus samhla cearcaill a tharraing timcheall air le a bhata air an talamh mar gun dèanadh e le cailc air a' bhòrd-dhubh, agus cha robh droch spiorad no cumhachd olc sam bith a b' urrainn a ruigheachd an taobh a-steach don a' chearcall naomh. Bheir sinn fa-near gun robh na draoidhean a' cur am muinighin gu làidir ann an Dia na Grèine. Ta a' ghrian, a bheir buaidh air cumhachdan an dorchadais, a' ruith a rèis ann an cearcall, agus mar sin, bha na cearcaill nan nì ro-èifeachdach naomha nan creideamh.
Bha bodach a mhuinntir an Eilean Sgitheanach air oidhche shoilleir ghealaich gheamhraidh a' dol dhachaigh far a' chèilidh glè anmoch. Am feadh 's a bha e a' dol thar monadh fiadhaich aonranach, a bha eadar am baile dom buineadh e agus am baile anns an robh e air chèilidh, thachair gun do thog e a shùil gu druim fada a bha beagan astair bhuaithe. Ach ma thog, dè a chunnaic e a' dèanamh air gu dìreach luath ach uile-bhiast oillteil nach faca e riamh roimhe na bheatha. Bhuail eagal agus crith-uabhainn e, 's cha robh sin iongantach. Ach mar a bha fortan an dàn, chuimhnich e air a' chaim. Am mionaid na h-uarach tharraing e caim farsaing an ainm na Trianaid mun cuairt dha fèin leis a' bhata air an raon. Cho luath 's a thog e a shùil, bha an uile-bhiast na deann a' tighinn dlùth. Leum esan gu grad a-null gu teis-meadhan a' chaim, agus shuidh e an sin. Nuair a ràinig an uile-bhiast, bha coltas oirre gun robh i ag iarraidh a reubadh, ach cho luath 's a ràinig i cearcall a' chaim, cha rachadh aice air dol mir no òirleach a-steach air a' chearcall. Lean i air dol timcheall taobh a-muigh a' chearcaill na dian-ruith fad na h-oidhche gu beul an latha, ach bha am bodach tèarainte na theis-meadhan. Nuair a bhrist a' mhadainn, chaidh an uile-bhiast gu luath dìomhair às an t-sealladh agus fhuair am bodach dhachaigh.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good