Search

Cunntas air crìonadh nan cladaichean ann an Uibhist a Tuath...

Date December 1958
Track ID 79110
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.171.B4

Original Tape ID

SA1958.171

Summary

An account of sea erosion in North Uist over the centuries.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Ruairidh Dòmhnallach (RD): Tha an t-àite a th' againn ann an seo ann an Uibhist a' Chinn a Tuath, tha e air thuar a bhith air a nighe air falbh leis an làn. Tha na seòlaidean air fàs cho mòr. Tha aon... tha ceithir seòlaidean a' cur a-staigh... a' cur a-staigh an t-sàile. Tha seòlaid Chircebost ann, 's tha seòlaid Eachcamais ann, agus tha seòlaid eile a' tighinn a-staigh on a... o Eabhal, on an taobh an ear, agus tha seòlaid an t-Slugain ann. Tha na ceithir seòlaidean ann an sin a' cur a-staigh an t-sàile.

Agus ann an seann eachdraidhean, cha robh sàl idir ann. 'S e bristeadh a rinn... 's e bristeadh a rinnear air na machraichean nuair a thàinig na seòlaidean ann. Agus tha àite aig Eachcamais shìos, agus tha sgeir ann ris an can iad Sgeir a' Chluidhein, agus sin far an robh an sàl... far an robh an robh an t-uisge a' dol a-mach. Agus bha fear anns an dùthaich, gèidsear a bh' ann, fear Carmichael a mhuinntir Dhùn Èideann, agus 's e antiquarian mòr a bh' ann, agus bha e a' cantail ri m' athair, bha e ag innse na stòiridh a bha seo dha.

"Agus a-nist," arsa m' athair, "a bheil sibh fhèin a' smaoineachadh, an seanchas a tha sibh a' bruidhinn air ann a shin, gun urrainn da a bhith ceart?"

"Tha e mar seo," ars esan. "Siud an làmh," ars esan, "Aonghais," ars esan, "a fhuair an t-saoghal, ann an Sgeir a' Chluidhein a-muigh anns a' chuan," ars esan, "far an robh... far an robh a' chòmhla anns an sgeir a bha a' leigeil a-mach an tuil, Sgeir a' Chluidhein."

Canaidh sibh cluidhein, sin agad maide a bha a' dol ann an glaic a bha a' dùnadh na còmhla gus nach fosgladh i, ach bhiodh a' chòmhla a-mach 's a-steach leis an lìonadh 's leis an tràghadh. Nuair a thigeadh an lìonadh bha i a' dùnadh, nuair a thigeadh an tràghadh bha an tuil a' dol a-mach, agus tha an t-àite ann a shin. 'S dòcha gun tèid thu aon ochd no deich a mhìltean an-diugh, eadar Càirinis, mun cuairt Eilean a' Bhaile Shear, bidh deich no còig mìle deug ann a shin a thràigh air cois, nach ruig sibh a leas seasamh air àite ach tràigh. Agus bha sin aon uair a' chuid bu mhotha dheth na thalamh àitich.

Iain MacAonghuis (IM): Agus saoil sibh an e... an e eagal a bh' orra gun tigeadh an cuan a-staigh a thug orra a' chòmhla a bha sin a chur ann?

RD: Chan e, ach 's ann a bha siud a' leigeil a-mach na tuil. A bheil sibh a' tuigsinn? Siud far an robh tuil an eilein a' dol a-mach. Agus siud far an do bhrist e. Nuair a dh'fhalbh am Baile Siar.

IM: Agus a bheil eachdraidh sam bith agaibh air sin, mar a dh'fhalbh am Baile Siar? Nach robh iad a' ràdh gum faiceadh iad rudan anns a' chuan?

RD: Bha... bha Beveridge, an t-uachdaran a bh' ann am Bhàlaigh, 's e antiquarian mòr a bh' annsan cuideachd, agus thuirt e gun robh rathad a' falbh on Bhaile Siar, ach chaidh a thoir air falbh leis an làn air an taobh an iar a' Bhaile Shear. Agus thuirt e gun robh rathad a' falbh a Haisgeir, agus ri latha ciùin dh'fhalbh e le bàta, agus fhuair e an rathad. Chunnaic e e. Chitheadh tu dubh air a... air a' bhanca e, gus a... ann an àiteachan. Agus a-rithist, a bharrachd air sin, chuala mi seann iasgair a' cantail, Caolas Haisgeir, gun robh e a' dèanamh anns a' mhuir-tràigh, ràmh ochd troigh deug aige, agus bha e a' bualadh a' ghrunna leis, agus a' bhilearaich a' fàs am bàrr an t-sàile. Agus tha a' bhilearaich a' fàs far bota mòintich. Agus tha ochd mìle eadar sin agus tìr an-diugh. Agus am boireannach mu dheireadh a thàinig... an duine mu dheireadh a thàinig a-nall air an fhadhail a bha eadar Haisgeir... Fadhail Haisgeir, 's ann a' tighinn a-nall le laogh a bha i, no laoigh, agus sin am boirea-... Bhàthadh i, agus cha do ghabhadh an fhadhail riamh tuilleadh. Tha ochd mìle caolais ann a shin an-diugh.

IM: Ach bha sin... bha fadhail ann aig aon àm?

RD: Bha fadhail ann an uair sin.

IM: 'S cò mh-... dè cho fad 's a tha sin bhuaithe?

RD: Ò, tha, anns an linn a chaidh... nuair a thugadh am Baile Siar air falbh. Chan urrainn mi... tha mi duilich nach urrainn mi an date a thoir suas. Chaill mi o chionn ghoirid i.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good