Ainmean-àite agus beul-aithris a tha nan lùib
Contributors
Date
Track ID
79207
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1963.032.A10-A19
Original Tape ID
Summary
Place names and related traditions.
The contributor tells of place names in the area and relates some traditions connected to them. There are stories of buried treasure, a headless horseman, history of the Fletchers, and archaeological finds. He also tells of the villages which were inhabited before the Clearances.
Item Location
County - Argyllshire
Island - Mull
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Elizabeth Sinclair (ES): Seadh, Ceann an Tùir.
Lachlan MacIllEathain (LM): Ceann an Tùir. Bha eachdraidh sa ghleann riamh, tha e coltach, am measg nam bailtean, gun robh bròg, 's e bròg àrd cha chreid mi a bh' aca oirre, air a tiodhlacadh aig Ceann an Tùir an seo. Tha e mu leth-mhìle suas an Gleann Forsa às... bho Pheighinn a' Ghobhainn, agus gun robh a-rithist, gun robh shuas aig àite eile, Corrachaidh a th' aca air, 's e baile beag a bha sin, gun robh ciste eile air a... ciste airgead air a tiodhlacadh an sin.
Agus aig àite far an canadh iad Cnoc a' Bhuntàta, an eachdraidh an sin gur e Cnoc a' Bhuntàta a' chiad àite a chaidh buntàta a thoirt a Mhuile; chaidh a chur air a' chnoc seo le na daoine a bha an Corrachaidh. Agus bhruidhinn mi ri... mi fhìn ri duine - dh'fhaodadh gu bheil e car iongantach, seo - bhruidhinn mi ri duine a bhruidhinn ri seann bhoireannach. Bha i a' fuireach aig baile eile, Tom Slèibhe, agus b' àbhaist dhi nuair a dh'èirich i sa mhadainn, bhiodh i... na caile, chunnaic i trì fichead toit aca air an t-similear, teine madainn a' dol, ann an Corrachaidh. Tha na taighean ann fhathast, ann an coille. Na h-uachdarain, bha fear Colonel Gardyne ann, agus leis na bh' ann de sheann thobhtaidhean, thug e orra gun do chuir iad coille ann. Tha a' choille letheach suas Gleann Forsa fhathast. 'S bha trì fichead taigh... chunnaic mi fhìn trì fichead làrach anns a' choille sin, agus 's e... bha seo gu math anmoch - 's e na taighean-tughaidh a bh' annta. A' chuid as motha dhe na taighean a bh' anns na glinntean, 's e na taighean air an togail de ùir, 's chan eil sgeul orra an-diugh, ach 's e seo taighean...
ES: Tughaidh. Clach.
LM: Clach. Cloiche. Agus air an deagh thogail. Ach bha sin Corrachaidh. Ach co-dhiù, bha stòiridh ann gun robh... gun robh an dà rud seo, gun robh a' bhròg an Ceann an Tùir agus gun robh a' chiste bhreac ann an Cnoc a' Bhuntàta 's anns a' Chorrachaidh. 'S bha aon latha a bha buachaille, buachaille a' chrodh, air Cnoc a' Bhuntàta, 's thàinig e air ciste, 's ruith e dhachaigh suas gu Rhoail a dh'innse dha na daoine dha robh e ag obair gun d' fhuair e a' chiste seo. Thàinig iad air fad a-nuas 's chunnaic iad a' chiste, 's chuir iad am buachaille dhachaigh a dh'iarraidh spaid, 's nuair a bha am buachaille air falbh thog iad fhèin a' chiste a-mach 's dh'fhalamhaich iad i. Nuair a thill am buachaille beag, agus a [?fhuair e a-mach nach robh] a' chiste... bha a' chiste falamh, chaidh e dhachaigh gu math gruamach 's thuirt e riutha gun deachaidh... gun robh a' chiste falamh, 's thuirt a mhàthair, no seann chailleach a bh' ann:
"Ò na gabh thusa cùram sam bith, a bhalaich. Na feadhainn a fhuair an t-airgead, falbhaidh e mar a thàinig e."
Agus na daoine sin, sgaoil iad air feadh Muile air fad, 's cheannaich iad... na daoine a fhuair an t-airgead, ghabh iad cha mhòr a h-uile baile a b' fhiach gabhail feadh na glinn sin, ach ro àm... chunna mi feadhainn dhiubh dh'fhàs iad sean 's dh'fhalbh e mar a thàinig e. Chan eil duine sam bith aca an-diugh, cha chreid mi, chan eil an ainm am Muile cha mhòr ann a-niste. Chan eil. Ach sin agaibh a' Chorrachaidh. Bha sin... baile 's dìreach suas mu leth-mhìle bhuaithe sin, air taobh eile na h-aibhne, tha àite ann far a bheil Gaoideal a th' aca oirre. Bha seo... Gleann Forsa a tha mi a' leantainn air fad, tha seo agaibh Gaoideal, agus ò, bhiodh aon, tha mi a' smaoineachadh gum biodh aon dà fhichead no trì fichead taigh ann an Gaoideal fhèin. Agus bha Gaoideal ainmeil airson bainne agus ìm. Tha fhios a'm gun robh aon òran ann agus 's e Gaoideal Gorm an Ime a chanadh iad ris.
Ach an aon rud a chunna... a chunna mi riamh ann an Gaoideal, bha seann bhodach ann agus suas tron ghleann... Gleann Ghaoideil a th' aca air, tha an gleann sin a' dol suas pìos, bha àite ann ris an abradh iad Achadh Àlainn. 'S bha iad ag ràdh gu bheil sin an t-àite a b' àbhaist na... luchd nan glinntean seo air fad tachairt airson... uill 's e sport a th' aca air, a bheil fhios agad... bidh iad a' cluich, agus bha e an-còmhnaidh ag ràdh rium gur e... gum b' àbhaist iad ag ràdh gur e sin an t-àite trusaidh a bhiodh aca air fad, co-dhiù gur ann gu cogadh no sìth a bhiodh e, gur e sin, gur ann an Achadh Àlainn a bhiodh iad a' trusadh. Agus tha cuimhn' a'm air aon oidhche, bha stoirm uabhasach ann 's bha uisge mòr ann, 's thàinig e far an robh mi 's thuirt e:
"An tigeadh tu a-nuas gu 'm faic thu an rud a fhuair mi a-bhos an seo."
Agus bha abhainn ann, 's chladhaich i air falbh bruach na h-aibhne 's bha trì... ceithir chlachan-cur, fhios agad, clachan-cur, na putting shots a bhiodh aca, ann a shin. Bha, dhen a h-uile meudachd. Bha tè mhòr, 's tè nas lugha gu 'n tàinig e gu tè bheag. Bha na ceithir... bha trì gu h-ìseal 's tè a' suidhe gu h-àrd, agus thuirt mi ris:
"An tog mi a-mach iad 's an cùm sinn iad?"
[???]
"Ò," thuirt e, "tha e fada nas fheàrr leigeil leotha far an robh iad."
'S cha leigeadh e leam a dhol faisg orra, 's tha mi cinnteach a-nist gu bheil iad air falbh leis an t-sruth, ach... dh'fhàg mi... 's e duine... 's e sin am fear a dh'ionnsaich dhomh [?rud] sam bith as aithne dhomh mu dheidhinn na h-àiteannan a tha sin. Ach bha sin an Achadh Àlainn seo.
ES: Agus gu dè... an fhaca tu an seòrsa putting stone a bha seo reimhid? No an e... an robh iad cumanta rim faicinn?
LM: Cha robh. Theirinn... ò dh'fhaodadh e... chan eil fhios a'm an ann a-mach às na cladaichean [???] iad iad, ach bha iad gu math nas cruinne na clachan a gheibheadh tu... bha e car coltach... an tè mhòr car coltach ri cannonball, ach 's ann a-mach à creag chruaidh a chaidh...
ES: Ach bha iad air an dèanamh cruinn?
LM: Bha iad air an dèanadh cruinn agus bha iad... ò bha iad [?co rèidh] timcheall orra. Cha robh... ach bha diofar meudachd anns a h-uile one dhiubh, 's diofar cudrom. Tha mi... bha an tè bheag, theireadh tu gur e tè airson balach a bh' ann an sin. Bha sin ann an Achadh Àlainn. Sin an aon rud a chunna mi riamh shuas an sin. Ach a-rithist suas an gleann bha... nas fhaide a' dol... a' leantainn suas Gleann Forsa, air taobh eile na h-aibhne, bha baile eile, ach [???]... chan eil cuimhn' a'm idir dè an t-ainm a th' air an àite sin. Bha rudeigineach Ruadh ann. Chan eil fhios a'm, ruadh... bha ruadh san ainm ach co-dhiù bha seo aig an toiseach no an deireadh, chan eil fhios a'm càit an robh e. Ach an uair sin a' dol suas na b' fhaide, mu leth-mhìle eile, bha baile eile ann, Tom Slèibhe. Chan eil mòran fios agam air eachdraidh an àite sin, Tom Slèibhe. An aon rud a tha fhios a'm, gu bheil e ann an òran, gu bheil tobar èibhinn aig bun Tom Slèibhe. Tha taobh eile na h-aibhne, bho Tom Slèibhe, tha baile, Rhoail a bh' aca air. Agus, ò bha na h-uimhir de thobhtaidhean an sin. Sin agad fear dhe na h-àiteannan a bh' aig Ailean MacEachainn, a bha mi ag innse dhuibh, 's ann an Rhoail seo, ach cò meud duine a bh' ann, chan eil fhios a'm, ach tha fhios a'm gun robh mòran dhaoine ann. Ach...
ES: Agus dè thuirt sibh an toiseach mu dheidhinn Tom Slèibhe, gum b' e sin an t-ainm a bh' air àiteigin?
LM: Beinn Tealladha a th' aca air an-diugh. Beinn Tealladha a th' aca air an-diugh, air an àite sin, ach 's e Tom Slèibhe an t-ainm ceart aige. An uair sin a' leanail tro Ghleann Forsa, gu 'n tig thu gu Gleann Mòr, tha cnoc an sin, 's e Ceann a' Chnocain a th' aca air. Sin far an do... deachaidh fear ri 'n abrar Eòghann a' Chinn Bhig, fear de Chlann 'IllEathain Locha Buidhe, a mharbhadh. Cha chreid mi nach e sin am baiteal mu dheireadh, nach e, a bh' ann am Muile?
Mr MacQuarrie (MM): 'S e, am Muile.
LM: Am muile.
ES: Agus cò a mharbh e?
LM: Bha e... muinntir Dhubhaird. Bha...
MM: A chàirdean fhèin.
LM: A chàirdean fhèin. Cha chreid mi nach e muinntir athar... bha e... bha e... tha lochan aig... tha caisteal... bha e a' fuireach ann an caisteal beag ann an loch anns a' ghleann, Lochan...
Tha làrach a' chaisteil fhathast ann an Loch Sguabain, ach chaidh a mharbhadh aig Ceann a' Chnocain an seo. Agus bha stòiridh gum b' àbhaist, nuair a bhiodh malairt no trioblaid sam bith a' tighinn air muinntir Locha Buidhe, gum biodh esan ri fhaicinn... cha robh ceann... gun cheann, a' macrachd each feadh an oighreachd.
ES: 'S carson a-nist... carson mu chuairt air muinntir Locha Buidhe a bhiodh e a' dol?
LM: [?Uill, 's e seo a bh' ann]... anns an teaghlach acasan, 's e fear dhe muinntir an teaghlach acasan a bh' ann. 'S ann a mhuinntir Locha Buidhe a bha e. Cha chreid mi nach e... càit a bheil mi... tha mi duilich... 's e Iain Òg a bh' aca air Locha Buidhe, air athair. Agus bha dà bhràthair ann. Bha Iain eile ann, Iain Òg eile agus Eòghann. 'S e Eòghann, thog e an caisteal seo ann an Loch Sguabain. Agus 's e an date, fifteen thirty-eight, chaidh a mharbhadh. Agus tha e air a thiodhlacadh an Ì.
ES: Ò a bheil?
LM: Tha. Tha e air a thiodhlacadh an Ì, tha e coltach. Ach 's e sin... bha sin Gleann Forsa. Tha an uair sin, bha sinn... nuair a thilleas sibh air ais aig Tom Slèibhe an seo a-rithist, tha gleann eile a' tighinn a-staigh gu Gleann Forsa... gu Gleann Cainneir. Tha an gleann seo a' tighinn a-staigh gu Gleann Cainneir, agus aig ceann eile a' ghlinne seo, air oighreachd Ghleann Forsa fhathast, tha baile beag eile ri 'n abair iad Bradhadail, agus 's e... 's ann am Bradhadail a bha Clann an Fhlèisteir, nach e sin a th' aca orra... Fletchers. Bha an eachdraidh gun robh na Fletchers, no Clann an Fhlèisteir seo... an e Fhlèisteir? Cha chreid mi nach e Fhlèisteir a bh' aca orra. Bhiodh iad a' dèanadh saigheadan, boghaichean 's saigheadan, airson Dubhaird. Tha e coltach aig aon àm a chaidh... thàinig... cha chreid mi nach e muinntir Earra-Ghàidheal, thàinig iad a Dhubhaird a dh'fheuchainn an gabhadh iad thairis an t-àite. No an e MacDonald of the Isles, Lord of the Isles? Chan eil mi uabhasach cinnteach cò aca, ach co-dhiù shàbhail na Fletchers seo an latha. Chùm iad barrage dhe na saigheadan seo air na bàtaichean 's cha d' fhuair duine air tìr 's bha aca ri slaodadh a-mach, agus thug Dubhaird dhaibh pìos grunnd a-bhos an seo, air cùlaibh Beinn Tealladha, ri 'n abair iad Bradhadail, agus fhuair iad an grunnd seo, gum biodh iad a' dèanadh boghaichean 's saigheadan airson Chlann 'IllEathain Dhubhaird. 'S fhuair iad... dè mar a dh'abair iad, charter dhen a' ghrunnd seo, agus bha sin ann, tha e coltach, airson ceudan bliadhna, gus an do... thàinig an uair sin na gunnachan mòra a-mach, agus an uair sin thuig Dubhaird gun robh e dìreach a' cumail Clann an Fhlèisteir seo an seo gun mòran feum. 'S tha e coltach gun do ruith e triop iad, agus thuirt e riutha gun robh e rèidh dhiubh 's nach robh a dhìth air... gun bodraigeadh leotha tuilleadh 's thuirt e... gum falbhadh iad a-mach, 's thuirt e riutha... thuirt iad:
"Ò chan fhaod thu sin, airson tha e ann an sgrìobhadh againne gum faod sinn sin a bhith againn cho fad 's a bhios Clann an Fhlèisteir am Muile."
Agus thuirt e:
"Ò chan eil e an sgrìobhadh."
"Ò tha," thuirt iad.
"Uill thalla 's seall dhomh am pàipear air a bheil e."
Dh'fhalbh iad 's thug iad dha am pàipear, 's rug e air a' phàipear 's shrac e na dhà leth e 's thilg e san teine e, 's thuirt e riutha:
"Uill faodaidh sibh tarraing air Sàilean... air Mòintich an t-Sàilein," - tha seo sìos air Sàilean, "no gheibh sibh long thairis."
'S chan eil fhios a'm cò mheud dhiubh a chaidh ann, ach tha fhios a'm gun robh feadhainn dhiubh an sin gus o chionn dh'fhaodadh ceud bliadhna air ais. Agus sin an t-àite tiodhlacaidh aca, Gleann Cainneir seo. Tha an cladh an sin fhathast, agus tha... tha aon leac ann co-dhiù le I F... J F ann, no I F, 's e a th' ann - Iain Fletcher - air a chur air an leac. Leac sglèat. Ach dh'fhàg aon teaghlach dhiubh 's chaidh iad dhan t-Sàilean, 's bha iad san t-Sàilean 'son iomadach bliadhna, gus o chionn bliadhna no dhà air ais, dh'fhàg iadsan an t-Sàilean, agus bha feadhainn dhiubh an Tobar Mhoire, tha e coltach. Ach tha dà chraobh... tha aon chraobh, cha chreid mi nach eil ann ach aon chraobh air fhàgail a-niste dhen aon... dhe na seann chraobhan far am b' àbhaist iad toirt na saigheadan às. Ach chì sibh làraichean nan taighean ann an Tom Slèibhe fhathast.
Ach a' dol air ais sìos gu Ceann a' Chnocain a-rithist, air taobh thall an abhainn bho Cheann a' Chnocain, tha àite... a' Chill Bheag. Tha cladh an sin. Bha cladh ann, theirinn, airson 's e faing chaorach a th' ann a-niste, agus bha e fhèin agus Gleann Cainneir, sin an dà àite a chaidh iad... faing chaoraich a thogail orra, air na cladhannan, airson dìreach an spiorad a thoirt bho na daoine anns a' ghleann, gus an clìoradh iad na glinntean, airson chaorach.
ES: Rinn iad seo mun deach na daoine a-mach, mun deach na daoine a chur a-mach às a' ghleann?
LM: Rinn iad e aig a' cheart àm. Bha dùil aca gun cuireadh seo dìreach crìoch orra air fad, no gun d' reigheadh e... airson bha seann chleachdaidhean glè làidir sna h-àiteannan sin, gun d' reigheadh na daoine a thiodhlacadh far am buineadh iad. Thàinig e... chan eil e cho niste ach b' àbhaist e bhith gun d' reigheadh iad, ò, bhiodh iad a' dol mìltean gan tiodhlacadh anns na... gun d' reigheadh iad dhan t-seann chladh còmhla ris na sinnsir. Ach an-diugh tha... chan eil duine... mòran a mhuinntir Mhuile air fhàgail co-dhiù. Ach bha dùil aca nan dèanadh iad sin gun dèanadh iad cinnteach gum falbhadh iad, agus chaidh an t-àite a thogail an Gleann Cainneir, tha pìos dhen chladh air fhàgail fhathast. Agus tha fhios a'm sa Chill Bheag, nuair a fhuair mi eòlas ann an toiseach, bha na geataichean anns an fhaing, 's ann air a thogail leis na clachan-laighe a bha iad. Chì sibh na clachan-laighe anns na geataichean. Chì sibh am Baile na h-Aibhne iad fhathast, far an deachaidh am bristeadh suas. Agus an duine a rinn seo, 's e na Craig Sellars, tha e coltach. Bha iadsan nan experts; bha iad an dèidh a dhèanadh na Sutherland Clearances. Chaidh an toirt a-nuas an seo a chuideachadh, a chur crìoch air an obair seo. Bha sin a-staigh an Gleann Cainneir.
ES: Agus dè thuirt sibh mu dheidhinn duine air choreigin a chaidh...
LM: Ò bha. 'S e... 's ann aig muinntir Earra-Ghàidheal a bha na Sellars ag obair. 'S ann aig Earra-Ghàidheal a tha mi a' smaoineachadh - cha chreid mi nach eil mi ceart - aig an Diùc a bha seo air fad, agus 's e Caimbeulaich a bhiodh a' dèanadh obair dhan Diùc. Bha Caimbeulach aige, 's e... bha e a' dèanadh an obair cloiche, agus rinn e a' Chill Bheag 's thàinig e a Ghleann Cainneir. Cha chreid mi nach eil sin ceart. 'S bha e a' cur crìoch air Gleann Cainneir 's tha e coltach gun deachaidh cailleach seachad an latha sin 's thuirt i ris:
"Bidh moit ort an-diugh."
"Ò cha mhòr nach eil mi rèidh," thuirt e. "Chan eil agam ach dà gheata eile a chur air an fhaing."
"Ò uill," thuirt i, "chan eil fhios a'm, a bhalaich, am faic thu an deireadh fhathast."
Agus tha e coltach, chroch e an dàrna tè mu dheireadh agus thuit e marbh, agus an geata mu dheireadh sa, chaidh ùisneachadh ga ghiùlan dhachaigh. Ach bha sin a-staigh... tha seo a' tighinn a-staigh a-nist a Ghleann Cainneir. Dh'fhaodadh gu bheil mi a' falbh tuilleadh 's luath?
ES: Chan eil. Tha e taghta. Agus a bheil iad fhathast nam fangaichean.
LM: Tha iad nam faingichean gus an latha an-diugh. Bha na balaich againne ag obair an-diugh ann an Gleann Cainneir. Ach taobh a-mach an fhaing, an Gleann Cainneir, dh'fhàg iad pìos... cha b' urrainn dhaibh fang a dhèanadh cho mòr. Bha... 's e cladh mòr a bh' ann an Gleann Cainneir, agus cha b' urrainn dhaibh ùisneachadh a' chladh air fad na fhaing, 's tha pìos air fhàgail fhathast ris na clachan, cha chreid mi nach e... chan eil fhios a'm ma tha dealbh agam an àiteigin...

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good