Prògram Choinnich

Fiosraichean
Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 9308
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 29.04.1997

Geàrr-chunntas

Tha Criosaidh Lawson a' bruidhinn air cuid de na rudan a thachair nuair a chaidh na Gàidheil a-null dhan sgìre ann an Canada ris an canar an Red River Valley.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Criosaidh Lawson a-staigh còmhla rium ann an seo an-diugh a-rithist, agus sinn a' toirt sùil air Canada, na Gàidheil agus na h-Innseanaich, mar a choinnich iad ri chèile anns an linn a chaidh seachad, nuair a thàinig iad air a chèile airson a' chiad uair. Chuala sinn an-dè mu Alasdair MaCoinnich agus a bheachd-san air na h-Innseanaich agus mar a bha e a' dèiligeadh riutha. An-diugh, a Chriosaidh?

Criosaidh Lawson (CL): Uill, an-diugh tha sinn a' dol a bhruidhinn mu dheidhinn àite eile, 's dòcha, a tha tòrr dhaoine a' cluinntinn mu dheidhinn. Red River, a-muigh an iar air Winnipeg. Agus aig toiseach an linn mu dheireadh, dh'fhalbh soitheach à Steòrnabhagh ann an ochd ceud deug 's a h-aon-deug, agus bha ceathrar dhaoine, tha fhios againn, triùir à Leòdhas 's aon duine anns na Hearadh oirre, agus 's e... bha seo a' chiad daoine a chaidh a-mach dhan an àite sa, dhan an Red River, far an robh Lord Selkirk, an dèidh 's fuadachaidhean Dhùthaich MhicAoidh, bha e air a thighinn suas a dh'Alba 's e a' coimhead man a bhathas a' dèiligeadh ri na daoine, agus bha e ag iarraidh àite fhaighinn dha na daoine a bha seo, agus chuir e air falbh na daoine san t-soitheach sa, Edward and Anne an t-ainm a bh' oirre, à Steòrnabhagh leis a' chiad dhaoine a-mach dhan an Red River. Agus ma smaoinicheas tu air mapa Chanada, chaidh iad suas... dh'fhalbh iad... tha mi a' smaoineachadh gur e dìreach deireadh an Ògmhios, dh'fhalbh iad agus chaidh iad suas tron a' Hudson Strait, sìos a Hudson Bay, agus àite gu math fuar, iomallach. Agus tha cuimhn' a'm an-uiridh Greenland a choimhead air a bha sinn a' dol a-null a Chanada, a-mach às a... às a' phlèan, agus bha sin timcheall air – dè a' mhìos a bhiodh ann? – an Dàmhair, agus a' coimhead na h-icebergs 's a h-uile càil air a bha thu a' dol suas am muir ann an sin, agus air a smaoinicheas tu air an t-soitheach bheag a bha seo a' falbh à Steòrnabhagh aig an àm sin, agus gun oirre ach timcheall air ceud gu leth duine, soitheach gu math beag a bhiodh ann, 's a' dol sìos tron a... tron a' Hudson Bay, sìos gu York... àite ris an cante York Factory. Agus an ath bhliadhna a-rithist, dh'fhalbh iad sìos chun an Red River, airson bha an Red River seachd ceud mìle air falbh à sin, agus thug iad leotha air a dh'fhalbh iad... cha robh mòran... cha deach a h-uile duine aca sìos, airson bha iad ri fàs rudeigin tinn le droch dhòigh tron a' gheamhradh, agus thug iad leotha bò agus tarbh, agus 's e Àdhamh agus Eubha an t-ainm a bh' air a' bhò 's a bh' air a... air an tarbh a bha seo, agus bha e nam beachd gun tòisicheadh iad a' faighinn beathaichean bho Àdhamh agus Eubha agus na buffaloes, ach air a chaidh iad sìos, cha robh Àdhamh agus Eubha ag iarraidh ceangal sam bith a bhith aca ri na buffaloes a bha shìos taobh an Red River. Ach chaidh iad sìos ann a shin, agus a' chiad rud a tha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn na h-Innseanaich air a chaidh iad sìos an sin, cha b' e... tha mi duilich, cha b' e na h-Innseanaich ach an treubh ris an cante Métis, agus 's e seo na h-Innseanaich a bha a' pòsadh na Frangaich. 'S e Métis an t-ainm a bh' aca orra, agus cluinnidh tu fhathast a-muigh ann an Canada mun deidhinn. Agus air a chaidh iad sìos, bha am Métis a' coimhead ri na daoine a bha seo a bh' air a thighinn le rudeigin de dh'uabhas, agus ghabh iad riutha, airson bha iad ag ràdh, uill, cha sheas iad fada a-muigh an seo, agus bha am Métis eadar-dhealaichte ri na h-Innseanaich air sgàth agus gun do dh'fhuirich iad ann an aon àite. A-nise, cha robh iad a' falbh 's a' siubhal man a bha na h-Innseanaich idir, agus aig an àm sa, bha am Métis mi an dèidh 's cùl a chur ris a' chultar Innseanach. Cha robh iad ag iarraidh fios a bhith aca gur e... aig daoine gur e Innseanaich a bh' annta, agus tha e coltach gum biodh na seann chailleachan ag ràdh, nam bruidhneadh duine air Innseanaich, gun canadh iad, oh, them Indians, mar nach biodh gnothaich acasan riutha. Ach co-dhiù...

CM: Tha sin gu math coltach rinn fhìn ann an seo, nach eil?

CL: Uill, tha. Dìreach an aon seòrsa dòighean.

CM: Cailleachan Steòrnabhaigh mu dheidhinn... mu dheidhinn... mu dheidhinn muinntir an tuath.

CL: Uill, 's e sin e. Ach, uill, shoirbhich leotha ann an dòigh, airson cha robh. Cha robh dòigh glè mhath orra. Ach timcheall air ceithir bliadhna às dèidh sin, thàinig fear a-mach, Iain MacLeòid, à Steòrnabhagh, agus bha athair na fhear-tac ann an Gàrrabost agus air na Lochan. 'S e Iain... Seoc mac Choinnich 'ic Sheòrais a chante ris, agus ann an ceann a dhà no thrì bhliadhnaichean, bha am Métis a' fàs rudeigin mì-thoilichte gun robh na daoine geala a bha seo a' fuireachd agus a' milleadh an àite orra. Agus 's ann gu math mòr an urra ri buffaloes a bha am Métis. Bha iad beò air an rud ris an cante pemmican, agus bha iad a' dèanamh tòrr pemmican bho fheòil buffalo agus ga chur a-mach gu na daoine a bha ag obair dhan a' Hudson Bay Company agus dhan an North West Company, agus bha na daoine geala a' tighinn... a' tighinn 's a' milleadh an t-àite orra, agus thòisich buairidhean. Agus mu dheireadh, dh'fhalbh a' chuid mhòr à Red River, ach dh'fhuirich Iain MacLeòid a bha seo agus triùir eile. Fear Gilleasbaig MacMhuirich a bh' air aon duine aca. Chan eil mi garbh cinnteach cò às a bha esan, ach 's dòcha gur ann às na h-Uibhistean a bha e. Agus tha e... shàbhail, dh'fhaodadh tu a ràdh, Iain MacLeòid an latha, agus thill iad air ais a-rithist. Bha iad an dèidh 's an t-arbhar a chur 's a h-uile càil, agus thill iad air ais, agus fhuair iad air pàirt dhen an arbhar a shàbhaladh airson a' gheamhraidh.

Ach bha am Métis aig an àm sa, bha daoine eile ann a-nise ris an cante... 's e na half-breeds a bh' aca air na h-Innseanaich a bha a' pòsadh na... na h-Albannaich 's na Sasannaich. Ach an-diugh, chan e ainm garbh snog a th' ann, half-breed a ràdh, agus 's e am Métis a chanas tu ris a h-uile duine a tha de mheasgachadh fuil. Tha sgeulachd inntinneach ann mu dheidhinn fear a chaidh a-mach a mheasg am Métis anns an linn mu dheireadh, agus tha e a' bruidhinn anns an leabhar a sgrìobh e mu dheidhinn nach robh am Métis garbh dèidheil air a bhith a' bruidhinn air gur e Innseanaich a bh' annta, 's cha robh mòran pròis aca a bhith nan Innseanaich idir, ach dh'atharraich seo beagan, agus tha e a' bruidhinn air fear Andy [?Faris], agus 's e saor a bh' ann dheth, duine òg am measg... am measg am Métis, agus duine a bha gu math dèidheil air feuchainn càil sam bith. 'S ann a smaoinich... smaoinich e gun robh feum aig an treubh aige air borbair, 's dh'fhalbh e a Toronto airson ionnsachadh a bhith na bhorbair, 's air a chaidh e sìos ann a shin, thuirt am fear a bha a' dol ga ionnsachadh ris, uill, tha a leithid seo a dh'innealan agad ri fhaighinn, agus tha e a' dol a chosg còrr air ceud dolair dhut, 's cha robh Andy [?Faris] air smaoineachadh air a seo idir, agus sheall e ri na h-innealan 's thuirt e ris an duine:

"'S e seòrsa treallaich de bhorbair a bha na mo sheanair-sa agus cha robh aige ach aon inneal."

"'S dè an t-inneal?" ars an duine a bha sin.

"Bha," ars esan, "tomahawk."

So dh'atharraich a' chùis air a b' urrainn dhaibh beagan de dh'fhealla-dhà a dhèanamh mu dheidhinn a bhith nan Innseanaich, agus an-diugh tha iad gu math pròiseil dhen an fhuil Innseanach a th' annta.

CM: Man a tha thu ag innse sin mu dheidhinn na h-Innseanaich, saoilidh mise gu bheil e uabhasach coltach ris an seòrsa sgeulachd againn mu dheidhinn na Gàidheil ann an seo fhèin.

CL: Uill, tha, agus air a leughas tu mu dheidhinn...

CM: Co-cheangailte ri bhith a' cur dualchas air chùl, agus an uair sin, a-nis tha sinn a' faicinn ginealach a' fàs a tha ag iarraidh an dualchas sin air ais.

CL: Sin an rud. Tha daoine a' tighinn thugainne, sìos gun a... gun an ionad againn shìos anns an Taobh Tuath a dh'fhaighinn a-mach mu dheidhinn an càirdean, agus 's e Innseanaich a th' ann... a th' ann am feadhainn aca. An-uiridh, bha nighean a-bhos againn, agus bha triùir dhe a... bha dà sheanmhair 's aon sheanair, 's e Innseanaich a bh' annta, agus 's ann à Siabost a bha seanair eile, agus tha na daoine sin an-diugh cho nàdarrach mu dheidhinn. Carson nach bitheadh? Cha robh annta ach daoine fèar man sinn fhìn, agus daoine gu math uasal anns a' bheatha a bh' aca fhèin, gu an deach tòrr dhen a sin a thoirt bhuapa.

CM: Uill, sin e gu dearbha. Chaidh daoine à seo a-steach, cha robh iad a' tuigse a' bheatha, cha robh iad ag iarraidh a bhith a' tuigse an cultar, bha iad a' toirt a-steach an dòigh-beatha agus an cultar againne, agus ag ràdh, feumaidh sibh seo a ghabhail. Dè an t-iongnadh ged a bha buaireadh ann.

CL: Sin e far an do thòisich an trioblaid. Thòisich e aig an àm sin. Agus air a sheallas tu ri rudan man an ceòl, tha cuimhn' a'm bho chionn dà bhliadhna a-muigh ann an Calgary, a' coimhead bhidio de dhà Innseanach a bh' air ionnsachadh... a bh' air... bha an ceòl fìdhlearachd Arcach air a thighinn sìos thuca tro na linntean, agus a' sealltainn riutha, cha robh annta ach dìreach dà Innseanach man Innseanaich sam bith, ach bha fuil nan Arcaich annta, agus bha an ceòl air a thighinn thuca, agus thug iad an dà Innseanach sin a-null a dh'Arcaibh, agus bha iad a' cluiche còmhla ris an orcastra fìdhlearan a th' aca ann an Arcaibh, agus 's e bhidio ainmeil a bh' ann, airson bha an dà Innseanach ann an sin. Agus bha an ceòl air atharrachadh. Bha na puirt aca, ach bha na puirt, bha an dòigh cluich air atharrachadh. Agus bha iad nan suidhe ann an siud a' cluiche, agus thòisicheadh iad a' gàireachdainn a h-uile turas a dheigheadh iad ceàrr – uill, a dheigheadh iad an taobh aca fhèin. Bha iadsan a' tòiseachadh a' gàireachdainn. Ach bha e cho inntinneach a' coimhead na daoine a bha sin 's an toileachas a bha iad a' faighinn às an aon seòrsa ceòl.

CM: A-nise, an Red River Valley. Dè thachair ann an sin? A bheil càil a bheachd againn?

CL: Uill, shoirbhich... shoirbhich e air dòigh. Bha tòrr trioblaidean ann. Bha tòrr trioblaidean aca le cuileagan 's le... le na h-aibhnichean a' tighinn tarsainn air an t-arbhar a bha iad air a chur. Bha trioblaidean aca le na... leis am Métis a' sabaist riutha 's a' feuchainn ri an cur air falbh. Phòs, man a thachras, feadhainn dhe na daoine sin, phòs iad a-steach dhan an treubh Métis 's phòs iad... phòs iad feadhainn dhe na h-Innseanaich, an seòrsa pòsadh a bh' aca, am pòsadh, man a chanadh iad, à la façon du pays, am pòsadh an-diugh, man a chanas iad anns a' Bheurla, bha iad a' gabhail country wives a bhiodh aca orra. Cha b' e pòsadh man a tha fhios againn air, ach bha an dòigh fhèin aca, agus bha feadhainn dhe na daoine sin an uair sin a' falbh agus a' toirt na boireannaich leotha agus gam pòsadh ann an eaglaisean Crìosdail.

Bha an Red River, bha e gu math iomallach airson iomadach bliadhna, ach an t-àite a bh' ann, bha e èiseil dhan North West Company a bhith a' faighinn troimhe, airson... air a bha iad a' dol a-mach gu na h-àiteachan aca fhèin. Ach 's ann dhan a' Hudson Bay Company a bha Lord Selkirk ag obair, agus bha aimhreit mhòr ann an sin eadar an dà thaobh, agus, of course, bha na Gàidheil an uair sin am measg a h-uile càil a bha seo, am measg nan trioblaidean.

CM: Sgeulachd eile am measg an iomadh sgeulachd a th' ann co-cheangailte ris na Gàidheil, na h-Innseanaich, mar a choinnich iad ri chèile. Ceòl. Dè tha thu air a thaghadh an-diugh?

CL: Uill, tha mi a' smaoineachadh, on a bha sinn ri bruidhinn air aibhnichean agus an trioblaid a bh' aca leis na h-uisgeachan a' tighinn tarsainn air an arbhar aca, gun cluich sinn an-diugh Rain Dance, bhon an aon chlàr 's a bh' againn an-dè, Impressions of a Native Land.

CM: Uill, nach fhaod sinn èisteachd ri sin an-dràsta. Tapadh leatsa, a Chriosaidh, agus chì mi a-rithist a-màireach thu.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math