Rannsaich
20.10.23

Iseabal Hendry: Adhartas air a' Mhuinntireas

’S e cruth tìre na ceàrnaidh agam fhèin an nì as fheàrr leam buileach, agus air iomadh dòigh ’s e an togail a fhuair mi air an taobh an iar-thuath de dh’Alba a tha a’ comharrachadh cò mi. Tha e cuideachd a’ brosnachadh agus a’ toirt buaidh air an obair agam ann an dòigh a tha mi dìreach air tòiseachadh air faighinn a-mach agus air tuigsinn.

Tron mhuinntireas agam le Atlas Arts agus Tobar an Dualchais (TAD), tha mi tric air a bhith a’ smaoineachadh mun chultar ionadail Gàidhlig agam air an taobh siar. Tha eachdraidh a’ sealltainn dhuinn gu bheil cultar na Gàidhealtachd, mar a tha sinne ga thuigsinn an-diugh, glè thruagh seach mar a bha e. Ach tha na tha air fhàgail dheth prìseil: ’s e seo an ‘sìol’ (faic Remembering The Tuath) no a’ bhunait air am b’ urrainn dhuinn togail.

Tha an obair chruthachail agam air a bhrosnachadh le mòran dhe na criomagan seo a tha air fhàgail: a’ dèanamh bhasgaidean traidiseanta, a’ tughadh thaighean, agus a’ togail bhàtaichean le dèilean nan sùdh, a tha a-nise air ‘liosta dhearg’ de cheàirdean a tha an cunnart a dhol à bith, gu h-àraid ann an Alba. Tron obair agam, tha mi an dòchas gun urrainn dhomh an eachdraidh phrìseil againn a chomharrachadh tro shealladh ùr, agus gun gum faod mi cuideachadh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum mair an eachdraidh seo anns an àm ri teachd.

Chan e ath-chruthachadh de dhòighean-obrach traidiseanta a th’ anns an obair agam, a nì iomadach neach eile gu sgileil agus gu h-eireachdail. An àite sin, bidh mi a’ feuchainn ri iomradh a thoirt air cultar agus eachdraidhean ionadail taobh a-staigh an dreach phearsanta agam fhèin, a tha mi an dòchas a bhios a’ toirt urram dhan àm a dh’fhalbh fhad ’s a bhios mi a’ coimhead air thoiseach.

Dh’fhaodadh na cleachdaidhean traidiseanta againn a bhith air an call air sàillibh an dòigh anns a bheilear gan dèanamh nas sìmplidh do luchd-turais. Tha an cultar againn air a’ Ghàidhealtachd beò agus luachmhor, agus mar thoradh air a’ mhuinntireas seo faodaidh mi a’ cheàrnaidh agamsa a chomharrachadh agus a thuigsinn nas fheàrr buileach.

Anns na seachdainean aig fìor thoiseach a’ mhuinntireis agam, thàinig e a-steach orm gum biodh cus a bharrachd dhe na h-eachdraidhean ionadail againn air an call mura b’ e saothair nan obraichean-raoin, a tha ri fhaicinn air làrach-lìn TAD. Aig an dearbh àm, bha m’ athair a’ faighinn seachad air stròc, agus thuig mi mar a dh’fhaodadh eachdraidh mar seo a bhith air a chall eadhon taobh a-staigh an teaghlaich agam fhèin.

Tha PhD aig m’ athair ann an luibh-eòlas, agus tha PhD aig mo mhàthair ann am bith-cheimigeachd. Air adhbhar air choreigin, cha do lean an ùidh seo ann an gin dhe an cuid cloinne! Ach a dh’aindeoin sin, bha mi riamh a’ cruinneachadh fhlùraichean agus feur. Bu fhìor thoigh leam na cruthan, na dathan agus an dòigh anns am biodh iad a’ toirt atharrachadh air a’ chruth tìre rè nan ràithean. ’S fìor thoigh le mo phiuthar, a tha na sgrìobhadair agus na bàrd, iad cuideachd. Tha gaol againn air nàdar, ged nach eil am mion-eòlas againn mar a th’ aig m’ athair.

Gun fhiosta dhomh, bha mi air mo tharraing gu clàraidhean air làrach-lìn TAD a bha a’ buntainn ri lusan agus beul-aithris, ainmean Gàidhlig, lusan-leighis, luibhean ionadail, mar a bhathar a' dèanamh feum de fhraoch agus muran, agus lusan mar dhòigh air daoine a dhìon. Bha iad a’ gabhail a-staigh an t-uabhas de rudan:

traidiseanan sgìreil, cultar, creideamhan, agus an ceangal a bh’ aig ar sinnsirean ris an talamh ’s an cuid spèis dha. Tha iad a’ faireachdainn dlùth dhomh gu pearsanta air sàillibh mo phàrantan, agus tha iad gam lìonadh le ìomhaighean de chruthan, de dhathan agus de cheàirdean traidiseanta. Bha mi an dùil an toiseach gum bithinn ag amas air dèanamh bhasgaidean anns a’ mhuinntireas seo, ach bha beachd eile aig an tasglainn bheairtich.

Tron mhuinntireas seo tha mi an dòchas ceanglaichean nas dlùithe buileach a dhèanamh ris a’ chultar agam agus ris a’ chruth tìre, airson gun tuig mi mar a bhios an saoghal nàdarrach a’ dìon a chuid sìl – agus mar as urrainn dhomh a leithid eile a dhèanamh, gu litireil agus gu samhlachail, airson na tha air fhàgail de chultar ionadail.