Back
An Cat agus An Luch
Lyrics:
Thuirt an luchag às an toll:
Ciod e d' fhonn a chait ghlais?
Càirdeas is comann is gaol:
Faodaidh tusa tighinn a-mach.
Sèist
Falbhan ìl, ìl, ìl,
Falbhan ìl ars an cat.
Falbhan ìl, ìl, ìl,
Falbhan ìl ars an cat.
'S eòlach mi mun dubhan chrom
Tha agad ann am bonn do chois;
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
'S thàrr mi fhìn air èiginn às.
O cha mhise bha sin idir,
Ach cat glas nighean Dhòmhnaill Ruaidh,
Giomanach a' bhaile ud shuas,
'S àbhaist dha bhith ruagadh chearc.
Bheireadh e 'n fheòil às a' chliabh
Bheireadh e 'n t-iasg bhàrr na slait',
Bheireadh e 'n t-sùil às an eun,
'S bheireadh e 'm bian bhàrr na neas.