Back

Eilean Mo Chridh'

Lyrics:

Sèist

Hì o hò ro eilean mo chridhe
Brìgh mo bhàrdachd, eilean as àille,
Tìr mo ghaoil an taobh a' Chuain Sgìth
'S tric nam smuaintean d' fhuar-bheann àrda.

Eilean mo bhreith is m' àraich,
Àilleagan uain' a' chuain,
Chluinn mi do ghùth gam thàladh
Dùsgadh no 'n cadal suain.

Eilean do-aithris bhòidhchead,
Cò chuireadh ortsa cùl?
Cò ach am bàrd le òrain
B' airidh bhith seinn do chliù.

'S toigh leam gach sgeulachd dhàna,
Eachdraidh nan sonn bha uair
Sealbhachadh d' fhearann fàsmhor,
Làithean tha 'n-diugh fad' uainn.

Seinnibh gu deas 's gu sunndach,
Togaibh an dàn seo rìs;
Fhad 's a bhios meas an dùthchas
'N t-Eilean bidh blàth nar cridh'.