Ciad ainm Catrìona
Cinneadh Chaimbeul
Far-ainm Catrìona An Tucsain
Bliadhna breith 1931
Bliadhna bàis 2019

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Barabhas

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Siadar

Àireamh an neach 11019

Eachdraidh-beatha

Thogadh Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsain) ann an Siadar a' Chladaich air taobh siar Leòdhais. B' i an aon nighean san teaghlach agus bha ceathrar bhràithrean aice. Bha i ag obair ann an tè de mhuilnean-chlòithtean Steòrnabhaigh, Muileann Sticky mar a chante rithe, aig aon àm na beatha. Bha i cuideachd na manaidsear ann am factaraidh aodaich a bha shìos faisg air a' Bhataraidh anns a' bhaile, agus bha i greis eile ag obair ann am bùth Hugh Matheson aig a' bhèicearachd.

Thòisich i a' sgrìobhadh laoidhean ri linn an dùsgaidh shoisgeulaich a bha ann an Leòdhas agus na Hearadh eadar 1949 agus 1953. Tha iomradh air an àm seo ri fhaighinn anns an leabhar The Lewis Awakening, a sgrìobh an t-Urr. Donnchadh Caimbeul:

"There was a moving scene, some weeping in sorrow and distress, others, with joy and love filling their hearts, falling upon their knees, conscious only of the presence and power of God who had come with a revival blessing. Within a matter of days the whole (district) was in the grip of a spiritual awakening. Churches became crowded, with services continuing until three o' clock in the morning. Work was largely put aside, as young and old were made to face eternal realities. Soon the fire of blessing spread to the neighbouring (regions)."

Nuair a chaochail an aon nighean, Iseabail, a bh' aig Aonghas MacLeòid (Ease) agus a bhean ann an 1963, sgrìobh Catrìona an laoidh Marbhrann do Ishbel NicLeòid, Marybank, Steòrnabhagh mar chuimhneachan oirre. Ghlas Catrìona i fhèin ann an rùm a' feuchainn rithe fhèin a chur dhan t-suidheachadh uabhasach sin. 'S beag a bha a dhùil aice gum biodh i fhèin san dearbh shuidheachadh bliadhnaichean às dèidh sin. Chaochail nighean leatha aig aois 28 le aillse.

Bha ceathrar a theaghlach aig Catrìona agus an oidhche a sgrìobh i Marbhrann do Ishbel NicLeòid, Marybank, Steòrnabhagh, thug i sùil air a' chlann aice fhèin 's iad nan cadal, agus le cho taingeil agus a bha i gun robh iad slàn, sàbhailte, bhrosnaich e i gu O Mo Chlann a sgrìobhadh. Am measg nan laoidhean eile a sgrìobh i, tha Nach Tig Thu Fhèin 's Nach Dùisg Thu, agus Och, a Shlànaighear Chaomh. Chaidh cruinneachadh de na laoidhean aice, Laoidhean Ghàidhlig, fhoillseachadh le Aonghas MacLeòid.

Lean i oirre a' sgrìobhadh bàrdachd, sa mhòr-chuid rannan goirid èibhinn mu thachartasan làitheil, agus bhiodh i gu tric a' gabhail pàirt ann an cruinneachaidhean teaghlaich.

Chaochail Catrìona ann an 2019. Tha sinn an comain Nan Nic a' Ghobhainn, nighean Chatrìona, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Clàr sgrìobhaidhean

O Mo Chlann