Ciad ainm Uilleam
Cinneadh Peutan
Bliadhna breith 1852
Bliadhna bàis 1946

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cille Mhoire

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Hearbusta

Àireamh an neach 11078

Eachdraidh-beatha

As t-fhoghar 1886, bha Oifigearan an t-Siorraidh anns an Eilean Sgitheanach a' feuchainn ri toirt air croitearan fiachan a bha orra a thaobh màil is eile a phàigheadh. Bha na h-oifigearan sin fo stiùireadh an t-Siorraidh Uilleam Ivory agus chan eil teagamh nach do leig e le feadhainn den luchd-obrach aige rudan uabhasach a dhèanamh. Mar eisimpleir, thug fear Alasdair Dòmhnallach naoidhean dà mhìos a dh'aois bhon bhean-phòsta NicRàth ann am Peighinn an Easa, a chionn ’s gu robh an teaghlach ann am fiachan. Nuair a dh'fheuch an t-aon Alasdair Dòmhnallach ri sgrìobhainnean-cùirte a thoirt do chroitearan ann an Hearbusta, ruaig iad e, a' tilgeil phlocan air.

Rinneadh a' chiad oidhirp air croitearan Hearbusta a chuir an greim airson seo a dhèanamh air an Dòmhnallach air an 27mh den Dàmhair, 1886, ach cha d' fhuaradh ach dithis. Thug an fheadhainn eile am monadh orra, ach an ceann ùine, agus an dèidh do na poilis ionnsaigh a thoirt air an dachaighean, ghèill a' mhòr-chuid dhiubh. Chaidh seachdnar a toirt mu choinneamh na h-Àird Chùirt an Dùn Èideann air an 3mh den Fhaoilleach, 1887. Fhuaradh iad ciontach agus fhuair Dòmhnall Peutan, Alasdair Mac a' Mhaoilein agus Seonaidh MacAoidhein dà mhìos sa phrìosan an urra. Fhuair Uilleam MacArtair, Teàrlach Mac an Tòisich, Iain MacCoinnich agus Uilleam Peutan mìos prìosain an urra. Tha Uilleam Peutan, a thathar a' smaoineachadh a rinn an t-òran 'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh ga ainmeachadh fhèin ann, mar nach b' e a rinn an t-òran idir.

Clàr sgrìobhaidhean

'S Muladach Mi 'N-diugh 'S Mi 'g Èirigh