Ciad ainm An T-Urr. Alasdair
Cinneadh Stiùbhart
Bliadhna breith 1829
Bliadhna bàis 1901

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Àireamh an neach 11087

Eachdraidh-beatha

Rugadh an t-Urramach Alasdair Stiùbhart ann am Beinn a' Bhadhla sa bhliadhna 1829. Bha athair na oifigear chìsean anns na h-Eileanan an Iar airson còrr agus fichead bliadhna, ged a ghluais an teaghlach nuair nach robh Alasdair ach òg don Òban. Chaidh e don sgoil anns an Òban agus an uair sin do sgoil Chille Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt mus deach e do dh'Oilthigh Chill Rìmhinn ann an 1843. Cheumnaich e le urram.

Fhuair e cead searmonachaidh bho Chlèir Phàislig sa bhliadhna 1851 agus chaidh e na mhinistear do dh'Eaglais na h-Alba ann am Baile a' Chaolais agus Àird Ghobhar far an do shaothraich e fad leth-cheud bliadhna, gus an do chaochail e. Cha b' e nach robh coitheanal eile ga iarraidh. Roghnaich e fhèin fuireach far an robh e oir bha e air fàs cho dèidheil air na daoine agus air an dùthaich. Fad dà fhichead bliadhna bha e a' sgrìobhadh don phàipear-naidheachd, an Inverness Courier, colbhan anns an robh e a' beachdachadh air farsaingeachd de chuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhealtachd – eachdraidh, dualchas, cleachdaidhean, creideamhan, litreachas agus an àrainneachd. Bhiodh e a' sgrìobhadh fon ainm-pinn Nether Lochaber agus nochd leabhar de a sgrìobhaidhean fon ainm sin ann an 1883. Chaidh leabhar eile, Twixt Ben Nevis and Glencoe, fhoillseachadh ann an 1885. Tha ainm cuideachd ri lorg ann an iomadh iris.

Bhuilich Oilthigh Chill Rìmhinn Ceum LLD air ann an 1884, mar chomharra air an inbhe a bha aige mar sgoilear saidheans agus litreachais. Bha e air a thaghadh mar bhall de dh'iomadh comann ionnsaichte, nàiseanta agus ionadail.

Ann an 1852 phòs e an nighean bu shine aig a' Chaiptean Moireasdan aig an robh Sallachan House ann an Àird Ghobhar, agus bha dithis de theaghlach aca, nighean agus gille. Bhathar ag ullachadh chuirmean, an dùil a leth-cheud bliadhna na mhinistear a chomharrachadh sa Ghiblean 1901, nuair a dh'eug e air 17 Faoilleach, aig aois 72.

Faisg air Omhanaich thogadh carragh-cuimhne dha: crois Cheilteach mu fhichead troigh a dh'àird. Snaighte air tha na facail bho 1 Rìgh 4:33: "Labhair e air craobhan, on chrann-seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruige an hìosop a dh'fhàsas a-mach às a' bhalla; labhair e mar an ceudna air ainmhidhean, agus air eunlaith, agus air nithean a shnàigeas, agus air èisg."

Clàr sgrìobhaidhean

Mo Nighean Donn Òg