Eachdraidh-beatha
Chante Òran Bean Dhòmhnaill Sheumais ris an òran 'Ille Dhuinn on dh'Fhàg Thu Mise an Uibhist, agus b' ise Anna NicÀidh (née NicLeòid) (1866-1936) às a' Bhuaile Dhubh anns an Ìochdar. Bhuineadh i do theaghlach ris an cante Clann Phàdraig agus bha iad iomraiteach a thaobh ciùil. Bha Iain MacLeòid (c.1822-1916) na h-athair agus Màiri Nic a' Phearsain (a rugadh c.1831) na màthair. Phòs iad ann an 1859.
Phòs Anna Dòmhnall Seumas MacÀidh. B' ann à Càrnan an Ìochdair a bha an teaghlach aigesan, Clann Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Dhòmhnaill Òig. Nuair a phòs Dòmhnall agus Anna ghluais iad gu Gèirinis.
Rinn Anna 'Ille Dhuinn on dh'Fhàg Thu Mise nuair a dh'fhalbh a mac, Dòmhnall, air a' Mhetagama, agus tha fhios gun robh i a' smaointinn nach fhaiceadh i e a-chaoidh tuilleadh. Tha i a' cur ann am briathran na smuaintean a bh' aice, na h-aon smuaintean 's a bha aig mòran eile aig an àm. Nuair a tha i ag ainmeachadh gun robh e a' seinn "duanag ghrinn", tha e coltach gur e seo òran air an robh Young Munro, a bha measail aig daoine aig an àm:
Young Munro, bidh Charlie agams',
Young Munro, I do love you!
Young Munro, bidh Charlie agams',
Handsome Charlie, young Munro.
Nuair a dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran an toiseach bha ceathramhan am measg a chèile agus ceathramhan a dhìth:
"Thug mi leam na bh' agam dheth gu tè dham biodh mòran daoine a' dol airson fiosrachadh mu òrain, Ceit Dhonnchaidh Chlachair, piuthar don bhàrd Dòmhnall Iain Dhonnchaidh. Chuir ise air dòigh dhomh e. 'Thalla a-nis,' ars ise, 'gu Màiri Dhòmhnaill Sheumais - sin Màiri a tha air a h-ainmeachadh anns an òran. Gabh an t-òran dhi feuch a bheil e ceart agad.' Agus rinn mise sin."
Dh'ionnsaich Catrìona Garbutt an t-òran seo do ghrunn sheinneadairean, nam measg Mairead NicIllFhialain, a sheinn e ann am Farpais an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta.
Clàr sgrìobhaidhean
Ille Dhuinn On Dh'fhàg Thu Mise