Eachdraidh-beatha
Rugadh Aonghas Lamont aig Còrnaig Mhòr ann an Tiriodh air an 17mh dhen Ghiblean 1840, do dh’Iain Lamont (1801-1875) agus Catrìona NicDhòmhnaill (1805-1863). Ged a chlàraich e an toiseach mar oileanach leigheis aig Oilthigh Ghlaschu, thagh Aonghas mu dheireadh beatha seòladair agus thàinig e gu bhith na sheòladair malairteach. Às dèidh a phreantasachd air an Hall Line, dh’èirich e mean air mhean sna rangan gus an robh e na chaiptean air grunn shoithichean, nam measg an City of Lahore. Chaochail e gu truagh aig aois òg, dìreach 46 bliadhna, fhad ’s a bha e thall thairis, agus chaidh a thiodhlacadh ann an San Francisco.
Phòs Aonghas Oighrig NicFhionghain (1843-1908) ann an Glaschu ann an 1870, agus bha ceathrar nigheanan agus mac aig a’ chàraid. Ged a thathar ag ràdh gun do rinn Aonghas grunn òran, chan eil coltas ach gun do mhair aon dhiubh – Lagnacruachan – anns an dualchas beòil, agus an uair sin ann an clò. Tha Eachann Camshron, ùghdar Na Bàird Thirisdeach, ag innse dhuinn gun robh bean Aonghais, Oighrig, na piuthar don chaiptean ainmeil Dòmhnall MacFhionghain dhen t-soitheach-clipper tì à Sìona, an Taeping.
Tùsan agus Barrachd Leughaidh:
Camshron, An t-Urr. Eachann, Na Bàird Thirisdeach (Comann Thiriodh, 1932), td. 222-224.
MacIllFhinnein, Ùisdean Dàn, 'Shinty: Some Fact and Fiction in the Nineteenth Century', ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness, leabhar LIX (1994-1996), td. 148-274 (198-99).
Clàr sgrìobhaidhean
Lag Nan Cruachan