Eachdraidh-beatha
Rugadh Ealasaid Jane Ros air 17 Sultain 1789. Bha a h-athair, Tòmas, a bhuineadh don Ghearasdan, anns an arm agus b' e nighean le MacLeòid Ratharsair a bha ann an Iseabail Rose, a màthair. Bha piuthar òg aig Ealasaid, a bha air a h-ainmeachadh Iseabail Ros, às dèidh a màthar. Chaidh Tòmas a dhroch leòn anns na h-Innseachan agus b' ann an dèidh dha bàsachadh a rugadh piuthar Ealasaid. Chan eil fios dè a thachair do am màthair ach thill an dithis nighean bheag air ais às na h-Innseachan nan dìlleachdain. Ann an 1805, ghabh bràthair am màthar, Seumas MacLeòid, Triath Ratharsair, agus a bhean, Flòraidh, an cùram. Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl agus b' e deagh fhìdhlear a bh' ann fhèin. Chaidh Ealasaid a chur do Sgoil Mary Erskine ann an Dùn Èideann far an d' fhuair i, a rèir coltais, deagh ionnsachadh ann an cèol. Thòisich i a' cruinneachadh fuinn agus òrain agus tha e coltach gum biodh i a' cluich ceòl mòr na pìoba air a' phiàna, ceòl a bha i a' toirt sìos bho Iain mac Ruairidh, Caoidheach, a bha na phìobaire aig teaghlach Mhic Ghille Chaluim. Chluicheadh i a' chlàrsach cuideachd. Tha an làmh-sgrìobhainn aice, leis na fuinn a chruinnich i ach gun fhacail, ann an Sgoil Eòlais na h-Alba.
Ann an 1814, thill an dà phiuthar do na h-Innseachan, math dh'fhaodte ach am faigheadh iad cèile, agus cha b' fhada gus an do phòs an dithis aca. Phòs Iseabail an toiseach, agus phòs Ealasaid Sir Teàrlach D'Oyly ann an 1815. B' i an dàrna bean aige agus bha e mu 18 bliadhna na bu shine na i. Cha robh teaghlach aca ach tha a h-uile coltas gun robh iad sona còmhla fad iomadh bliadhna. Bha Sir Teàrlach na dhealbhadair ealanta agus na bhàrd, agus bha an dachaigh aca ann am Patna na àite-cruinneachaidh do luchd-ealain Eòrpach anns na h-Innseachan. Nuair a leig Sir Teàrlach dheth a dhreuchd thill iad dhan Roinn Eòrpa, a' fuireach an toiseach ann an Sasainn agus an uair sin greis faisg air Livorno anns an Eadailt. Nuair a chaochail a cèile ann an 1845, thill Ealasaid a Shasainn a dh'fhuireach ann an Steepleton House ann am Preston, Dorset.
Tha ceithir de na h-òrain Ghàidhlig a sgrìobh i rin lorg anns an leabhar An t-Òranaiche aig Mac na Ceàrdaich. Chaidh leabhar beag leatha fhèin, le 10 òrain ann, fhoillseachadh an Glaschu ann an 1875. A' bruidhinn mu na h-òrain aice air BBC Radio nan Gàidheal, thuirt an sgoilear Gàidhlig, an t-Ollamh Iain MacAonghuis: "Ged a tha cuid de luchd-sgrùdaidh bàrdachd Ghàidhlig an-diugh a' meas nach eil mòran brìgh anns na h-òrain aice, duine sam bith aig a bheil spèis agus diù dhan t-seann seòrsa bàrdachd, chanadh iad gu bheil rud anabarrach grinn, saoilidh mise, anns na h-òrain aig Lady D'Oyly."
Chaochail Ealasaid Ros, a' Bhaintighearna D'Oyly, ann an Sasainn air 1 Ògmhios, 1875, aig aois 86.
Tha sinn an comain Meg Bateman agus Peter Cooke airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Clàr sgrìobhaidhean
Thàinig an Gille Dubh Raoir don Bhaile Seo