Ciad ainm Ruairidh
Cinneadh MacAoidh
Far-ainm Am Bàrd Iollaraigh
Bliadhna breith 1872
Bliadhna bàis 1949

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Cnoc an Torrain

Àireamh an neach 11214

Eachdraidh-beatha

Rugadh Ruaraidh MacAoidh, Bàrd Iollaraigh, air an 16mh den t-Samhain, 1872, air Geàrraidh Chnoc an Torrain an Uibhist a Tuath, am mac a bu shine den cheathrar mhac a bha aig Alasdair MacAoidh, Alasdair mac Ruair' 'ic Eachainn, a bha e fhèin na bhàrd. Ghluais an teaghlach gu Àird Iollaraigh sa bhliadhna 1904. Bha e anns na Camshronaich greis co-dhiù aig àm a' Chiad Chogaidh, 's thug e grunn bhliadhnaichean a' siubhal Uibhist dà uair sa bhliadhna a' togail na màil dhan t-seann bhàillidh MacCoinnich. Aig amannan eile, bhiodh e a' cuideachadh a' bhàillidh a' dèanamh pàirt dhen chlèireachd dhan Bhaile Lòin.

Tha a' bhàrdachd agus na h-òrain aig Ruaraidh MacAoidh air an cruinneachadh anns an leabhar Oiteagan à Tìr nan Òg a chaidh fhoillseachadh do Chomann Uibhist is Bharraigh an Glaschu sa bhliadhna 1938. Anns an ro-ràdh tha Seoras MacCoinnich ag ràdh, "Cha robh e ach 13 nuair a ghleus e chruit-chiùil an toiseach agus riamh on uair sin bha e ga gleusadh a-rithist agus a-rithist; 's math dh'fhaodte gu bheil e nas dlùithe air a' ghlan fhìrinn a ràdh gun robh i air ghleus an-còmhnaidh."

Duine eirmseach a bh' ann a rèir coltais. Bha sgeulachd aig Dòmhnall Dòmhnallach à Iollaraigh mu thuras a bha Ruaraidh fada gun tighinn dhachaigh agus bha mhàthair a' gabhail uallach nach robh e a' tighinn. Co-dhiù, 's ann madainn na Sàbaid a ràinig Ruaraidh an taigh agus chàin a mhàthair gu math e, airson nach tàinig e dhachaigh ron a' seo. Ach 's e freagairt a fhuair i, "A mhàthair, cò nis' an latha bu bheannaichte dhen t-seachdain a thaghadh tu fhèin airson tighinn dhachaigh, na Latha na Sàbaid?" 'S e duine tana, meanbh a bh' ann agus bha sgeulachd aig Ùisdean Sheumais mu latha bha e na shìneadh air a' bheingidh agus e a' dèanamh òran agus aig deireadh fear de na ceathramhan bha na facail, "Gus an tèid mo dhinneadh leis na saoir an ciste chaol nan clàr" "O uill, a Ruaraidh," arsa bodach a bha staigh, "'S i bhios caol an latha a dh'fheumas iad thusa a dhinneadh innte!"

Sgrìobh Seòras MacCoinnich mun bhàrdachd aige:

"Tha tuar is dreach na deagh bhàrdachd air òrain Ruaraidh 'icAoidh. Tha smuaintean sòlamaichte na h-inntinn, togradh a' chridhe, fealla-dhà gun ghò, gach aon diubh air an cur an riochd freagarrach, an t-sreath a ruith gu rèidh, agus am bàrd mean air mhean a' tarraing na dealbh a tha na inntinn fhèin gun chearb, gun tuisleadh. Tha an luinneag-ghaoil an seo ... le h-àbhachd 's le h-ionndrainn; agus a chionns gu bheil am bàrd anabarrach beachdail agus air leth eirmseach chan iongnadh gun leughadh e dòigh a choimhearsnaich 's a cho-chreutair gu pongail, agus gun toireadh e cunntais orra ann an ranntachd spòrsail. Tha duanagan san leabhar seo a bheir gàire ort ach chan eil gin dhiubh a dh'adhbhraicheas mìothlachd no ciùrras cridhe. [...] Tha faclan san leabhar seo nach cluinnear ach ainneamh an Uibhist fhèin nar latha-ne. Bu mhòr am beud nan leigte air dì-chuimhne iad. Ged nach dèanadh an leabhar ach fasgadh a thoirt dhaibh on doineann a tha a' sguabadh air falbh na h-uiread dhiubh gu Tìr na Dì-Chuimhne, cha bu shaothair gun tairbhe e."

Cha do phòs Ruaraidh a-riamh. Chaochail e an Àird Iollaraigh air an 7mh den Ghearran, 1949, agus chaidh a thiodhlacadh cuide ri chàirdean an Cladh Chille Mhoire. Air an leac a tha aig a cheann tha rann à Moladh Uibhist:

Tìr mo dhaoine, tìr mo ghràidh
Ged theireadh càch gur duainidh i
Cha do dheàlraich grian air àite
Leth co-àlainn snuadh rithe;
Ged nach fhaicear innte craobh
Gum faicear fraoch is luachair innt'
Is muran dubh-ghorm na raoin
'S iad taobh ri taobh gu cuaileineach.


Clàr sgrìobhaidhean

Comunn Uibhist is Bharraigh
Ionndrainn Phaibil
Moladh Uibhist
Òran an Aithreachais