Eachdraidh-beatha
Rugadh an t-Urramach Seòras Leòdhas Moireach, Seòras Dhòmhnaill Sheoc, aig 24 Dail bho Dheas ann an sgìre Nis air 24 Màrt 1896. Nuair a rugadh e, tha e coltach gun tuirt Bean Chràisgein, a' bhean-ghlùine, ri a mhàthair: "Tha mi a' toirt dhut balach, 's bidh e na theachdaire an t-soisgeil."
Bha seachdnar chloinne aig a phàrantan, Annabel NicDhòmhnaill agus Dòmhnall Moireach, dithis nighean agus còignear bhalach.
An dèidh Sgoil Chrois fhàgail thug Seòras greis ag obair aig Ailig Mhurchaidh 'ic Fhearchair aig an robh an taca agus a' mhuilinn an Dail. Thug e greis an uair sin ag obair ann am bùth ann an Steòrnabhagh ach, aig toiseach a' chogaidh ann an 1914, ghabh e dhan arm. Bha e a' mhòr-chuid dhen ùine anns an Fhraing còmhla ri na Sìophortaich. Ged a thàinig e fhèin gu sàbhailte tron chogadh, chaill e a bhràthair Calum ann an 1918. Ghabh e flu 's e a' tilleadh dhachaigh à Canada agus chaochail e aig muir.
Chaidh Seòras iompachadh anns an dùsgadh a bh' ann an sgìre Nis mu 1921, ri linn an Urramaich Ruairidh Iain MacLeòid.
Chan eil teagamh nach tug na chailleadh anns a' Chogadh Mhòr agus ann an call na h-Iolaire buaidh do-thuigsinneach air daoine anns na bliadhnaichean a lean. Bha bochdainn mhòr ann agus dh'fhalbh na ceudan às na h-eileanan air a' Mhetagama ann an 1923 agus air a' Mharloch ann an 1924 gu Canada. Bha iad a' sireadh beatha ùr agus beòshlaint ann an Canada agus nam measg bha Seòras, dithis de bhràithrean agus a phiuthar Iseabail.
Chaidh an ceathrar aca gu Trail, British Columbia, 's cha robh iad fada a' faighinn cosnadh an sin agus a' faighinn air adhart. Bhiodh iad a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann, le Seòras tric a' searmonachadh. Mu dheireadh, chaidh am First Presbyterian Church of Trail a stèidheachadh agus bha Seoras na èildear san eaglais.
Bha e cuideachd a' dol gu clasaichean oidhche agus, ann an 1927, chaidh e an toiseach do dh'Oilthigh McGill agus an uair sin do cholaiste ministrealachd am Montreal. B' ann nuair a bha e an Oilthigh McGill a thug e Leòdhas dhan ainm aige airson aithneachadh bho Sheòras Moireach eile a bh' ann aig an àm.
An dèidh dha a theisteanas mar mhinistear fhaighinn, chaidh Seoras gu Scotstoun, Quebec, baile anns an robh mòran eilthirich à Leòdhas. Phòs e Edith NicLeòid a bha bho thus à Ùig, Leòdhas, ann an 1935 agus bha dithis chloinne aca, George Lewis agus Ora-Annabel.
A' bhliadhna a phòs e fhuair Seòras calla gu eaglais United Presbyterian ann am Boston far an robh e gu 1956. Fo a stiùireadh, mheudaich an coitheanal gu mòr agus rinn Seòras ainm dha fhèin mar sgoilear agus mar sgrìobhaiche, le sreath de leabhraichean an clò bhuaithe mar The Music of the Golden Bells (1942), Songs in the Night (1945) agus Millennium Studies (1948).
Ann an 1948 thug an coitheanal dha mar thiodhlac tiocaidean airson a dhol air saor-làithean air ais a Leòdhas airson a' chiad uair on dh'fhalbh e às. Ann an Cuairt do Leòdhas sgrìobh e:
Ràinig is fhuair mi na cnocan 's na cruachan
Na feadanan luatha 's na fuar-bheannaibh mòr;
Na lochan, na cluaintean, 's na glinn a bha snuadhmhor
Far am bu tric bha mi buachailleachd uain mun a' chrò.
Ach shir mi a' mhuinntir bha dlùth ann an dàimh dhomh
'S a thaisbean dhomh coibhneas nam naoidhean gun treòir
Cha robh iad rim faighinn a-nis anns a' bhaile
Bha 'n àiteachan falamh air talamh nam beò.
Ann an 1956 ghluais Seòras gu eaglais United Presbyterian Mayfair ann am Philadelphia. Cha robh e air a bhith an sin ach mu ochd mìosan nuair a chaochail e aig aois 60. Chaidh adhlacadh ann am Boston air 12 Dùbhlachd, 1956.
Cha robh Seòras Moireach a-riamh ann an Hiort ach sgrìobh e an t-òran Tuireadh nan Hiortach an dèidh do charaid dha, a dh'fhalbh à Hiort, iarraidh air òran a dhèanamh a' cur an cèill smuaintean nan daoine a dh'fhàg an t-eilean.
Clàr sgrìobhaidhean
Mar Mhiannaichinn
Tuireadh nan Hiortach