Eachdraidh-beatha
Rugadh Ailig Màrtainn, Froilig no Fradhlaic, mac Dhòmhnaill Dhupail, aig 58 Cnoc an t-Solais, air a' Bhac, Leòdhas air 12 Samhain, 1903. B' i Peigi NicDhòmhnaill, à 27 Col, bu mhàthair dha agus bha sianar bhalach agus triùir nighean anns an teaghlach.
Chaidh Ailig gu muir goirid an dèidh dha an sgoil fhàgail aig aois 16, agus am measg chompanaidhean eile, bha e ag obair aig an City Line, an New Zealand Shipping Company, agus am Port Line. 'S ann nuair a bha e ag obair don Phort Line a bha e air a' Phort Hardy agus a sgrìobh e an t-òran Òran a' Phort Hardy. Nuair a chaidh an t-òran a chlàradh le Hoddan an toiseach, bha Gazette Steòrnabhaigh a' foillseachadh dè na clàir Ghàidhlig bu mhotha a bha gan reic agus bha Ailig a' dèanamh spòrs dheth gun robh e top of the hit parade. Chaidh e dhan Nèibhidh agus ràinig e ìre lieutenant. Chaidh bàta air an robh e anns a' chogadh a chur fodha le torpedo agus b' fheudar dha beagan ùine a chur seachad ann an ospadal ann an Gibraltar. An dèidh sin bha e na fhear-fastaidh airson seòladairean a thàladh dhan Nèibhidh agus bha deagh chliù aige airson a bhith a' coimhead às dèidh an fheadhainn a bheireadh e dhan Nèibhidh à Leòdhas, na Hearadh, na h-Uibhistean agus Barraigh.
'S ann ann an Lunnainn a choinnich e ri bhean, Ceitidh Màiri Nic a' Mhaoilein, à Griais. Bha a piuthar Anna ag obair ann an Lunnainn cuideachd aig an àm, agus bha bràthair Froilig, Dòmhnall, a' falbh leatha. 'S ann air los sin a choinnich e fhèin agus Ceitidh Màiri. Aig a' cheann thall bha an dithis bhràithrean pòsta aig an dithis pheathraichean. Ann an 1938 bha banais mhòr aig Ailig agus Ceitidh Màiri ann an Lunnainn, oir bha Ceit ag obair aig daoine beairteach, còirnealair 's a bhean, ann an Kensington agus chuir iad cuirm mhòr air dòigh dhaibh. Bha iad a' fuireach ann an Chatham gus an do thòisich an Cogadh. Thill iad air ais do Leòdhas an uair sin agus bha taigh aca air mhàl aig 43, am Bac. Ghluais an teaghlach a Steòrnabhagh ann an 1949, agus bha naoinear cloinne aca.
An dèidh an Nèibhidh fhàgail bha Ailig air tugaichean anns a' Chuan Mheadhanach agus nuair a bha sgeama a' Hydro a' dol aig Beinn Cruachan bha e an urra ris na bàtaichean a bha ag obair air Loch Obha. Bha e ag obair air a' chabhsair a chaidh a thogail aig Eilean na Gobhail ann an Steòrnabhagh, agus an dèidh sin aig companaidh Bain & Morrison anns a' bhaile. Bha e math air obair làimhe agus dhèanadh e tàillearachd, obair greusaiche agus saorsainneachd, agus 's e a rinn a h-uile pìos àirneis a chaidh dhan taigh aige fhèin. 'S e fear-ciùil math a bh' ann cuideachd. Leughadh agus sgrìobhadh e ceòl, agus chluicheadh e a' phìob, am bogsa, an tromb agus an t-organ-beòil agus bha e na dheagh sheinneadair.
Chaochail e air 28 Samhain, 1969.
Clàr sgrìobhaidhean
Òran a' Phort Hardy