Eachdraidh-beatha
A rèir an fhiosrachaidh a chruinnich Mairead Fay Shaw ann an Uibhist a Deas agus a dh'fhoillsich i anns an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist, b' e fear Ailean MacAonghais, a bha a' fuireach ann an Loch a' Chàrnain, a rinn an t-òran O Mo Dhùthaich 'S Tu Th' Air M' Aire.
Ged a tha e ceangailte ri Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas, tha clàran poblach a’ sealltainn gun do rugadh Ailean ann an Dail a' Bhil, Slèite, air an 7mh latha dhen Ghiblean 1833, do dh’Ùisdean (no Eòghann) MacAonghais, sealgair sionnaich, agus Màiri NicMhathain no NicDhòmhnaill. Phòs Ailean Catrìona Nic a’ Phearsain à Griomasaigh ann an 1858, fhad ’s a bha e ag obair na thuathanach ann am Beinn na Faoghla; chaochail Catrìona gu truasach le caitheamh-chruaidh, ge-tà, deich mìosan às dèidh sin, aig aois dìreach 21 bliadhna. Phòs Ailean an uair sin Seonag NicFhearghais, nighean do Mhurchadh MacFhearghais à Lìonacleit, Beinn na Faoghla, an ath bhliadhna. Bha an dithis ri tuathanachas an toiseach ann an Hacklèit, mus tàinig Ailean gu bhith na neach-obrach coitcheann.
Bha cuimhne shoilleir aig Ailean Currie [7545] à Loch a' Chàrnain air an duine; bha e na bhalach òg nuair a chuir Ailean MacAonghais seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige ann an dachaigh an teaghlaich. A’ bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 26/02/1991, thuirt Ailean riutha:
"Tha deagh chuimhne agam air Ailean Morbhairneach. Tha cuimhne agam nuair a bhàsaich e cuideachd a-staigh againne. Shiubhail e an saoghal agus bha e a' gabhail òrain anns gach àite, 's bha e math air seinn. Agus 's e dà uncail a chuala air consairt e ann an Glaschu agus sheinn e dà òran dhe na h-òrain a rinn e fhèin do Bheinn na Faoghla. Agus chaidh iad a bhruidhinn ris an uair sin agus thàinig e còmhla riutha air holidays dhan taigh againn. Dh'fhalbh e còmhla riutha nuair a dh'fhalbh iad a-rithist, agus an ath triop a thàinig e, cha do dh'fhalbh e tuilleadh. 'S bha e dà bhliadhna deug a-staigh againn. Agus bha e ann am Melbourne agus bha e na shnàmhaiche math, math. Agus chaidh fear de mhuinntir Ghlaschu a-mach às a' bhàta air an robh e agus fhuair iad heaving-line a chur chun a' ghille agus chuir esan air dòigh e agus chaidh a thoirt don bhàta. Ach bha an fhairge dona agus mus d' fhuair esan a' heaving-line a chur thuige fhèin chunnaic e cnag a' dol seachad. Chuir e na achlais i 's nuair a fhuair e a-staigh dhan bhàta thuit a' chnag às achlais agus thug e leis a' chnag agus bha i air a' mhantlepiece a-staigh againne 's air a cur air dòigh agus air a glanadh. 'S cha robh a chridhe againne a dhol na còir, mi fhìn 's da chousin 's sinn nar cnapaich bheaga. Bha e riamh airson gun rachadh a' chnag a chur dhan chistidh aige an latha a bhàsaicheadh e agus chaidh sin."
"'S cha robh sìon nach robh e a' sgrìobhadh, agus bha mòran, mòran de leabhraichean aige a bha e a' sgrìobhadh, agus chan eil cuimhne agamsa dè dh'èirich dhaibh. Agus bha cnoc an taobh shuas den taigh againne, agus nuair a bhiodh a' ghrian a' dol fodha, bhiodh e a' dol suas, 's bha e a' sgrìobhadh ghnothaichean ann an sin. Agus 's e cnoc beag Ailean Morbhairneach a bh' aca air chun an latha an-diugh. Bha e a' seinn air consartan an dèidh tighinn dhan taigh againne ann an Creag Ghoraidh agus chuir fear na hotel a bha sin special airson a' ghiùlain aige a thoirt dhan chladh gun sìon a ghabhail air a shon. Agus sin agaibh mar a dh'èirich dha a-staigh againne. Fìor dhuine gasta agus òranaiche math, math. 'S ann ainneamh, ainneamh a tha bàrd ceart suas ri seinn ach bha esan a' seinn anns gach àite. Ghabhadh e dram, ach cha ghabhadh e ach aon dram. 'S bha bràthair dha air an robh Ùisdean. 'S e thug a-null e, 's e air job math fhaighinn dha ann an Ameireagaidh, ach mun do ràinig esan a-null - cha robh an conveyance cho luath an uair sin - bha a bhràthair air bàsachadh 's cha d' fhuair e obair idir. Ach bha e treis ann agus rinn e òrain ann a shin cuideachd. Rinn e òran is chan eil agam ach dìreach aon cheathramh dhet:
Nam faighinn-sa mo shlàinte
Mu latha na Fèill Phàdraig
Dhèanainn beannachd fhàgail
Aig fàsaichean Astràilia.
O 's e mo ghaol-sa an dùthaich
O Gàidhealtachd nan stùcan
Far am biodh na fèidh sa bhùirich
Gam dhùsgadh sa chamhanaich."
Dh'innis Ailean Currie gun robh athair Ailean na gheamair anns a' Mhorbhairne agus cuideachd cò ris a bha Ailean Morbhairneach coltach:
"Bha 15 clach a chuideam ann. Duine mòr brèagha. Agus bha medal no dhà aige airson snàmh. Bha e na shnàmhaiche math. Ò, fìor dhuine gasta. Bha meas mòr air anns gach àite agus bha e a' gabhail òran anns a h-uile àite." Agus dh'innis e mun oidhche a chaochail Ailean Morbhairneach: "Feasgar bha mise dìreach shuas anns an rum, mi fhìn 's an dà chousin dhomh, cnapaich, an oidhche a bhàsaich e. Agus bha e uabhasach fhèin bochd agus dh'fhosgail a dhà shùil, agus bha m' athair [Anthony Currie [4872]] na shuidhe ri thaobh 's thuirt e ris, 'A bheil thu sin, Anthony?' 'Tha,' arsa m' athair. 'Ciamar a tha sibh?' Cha tuirt e guth ach dhùin e a shùilean 's cha do dh'fhosgail e tuilleadh iad."
Clàr sgrìobhaidhean
O Mo Dhùthaich 'S Tu Th' Air M' Aire