Ciad ainm Iain
Cinneadh MacCaluim
Far-ainm Taigh nam Barr / Bàrd Taobh Loch Èite
Bliadhna breith 1851
Bliadhna bàis 1926

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Àird Chatain is Mucàrna

Baile/Àite - Baile an Deòir

Àireamh an neach 11252

Eachdraidh-beatha

Rugadh Iain MacCaluim am Baile Deòraidh, ann an Sgìre Mhuc-carna, ann an 1851. Bha e de shliochd Chloinn MhicCaluim Ghlinn Èite, agus bha a mhàthair de mhuinntir Chloinn MhicLullaich Loch Obha.

B' e Taigh nam Bàrr tric a chante ris, mar a mhìnich Niall MacIlleSheathanaich ann am prògram Gàidhlig a rinn e mu MhacCaluim don BhBC air 05/11/1959:

"Is comharra fìor shònraichte air neach sam bith a bhios air ainmeachadh air àite còmhnaidh, mar roghainn air ainm baistidh. Tha sin a' dearbhadh gu robh buadhan inntinn thar a' chumantais aige agus, cuide ri sin, uaisle agus ceanaltas. Is ann mar sin a bha ar caraid nach maireann. An uair a bhios sinn aig coinneamhan ag iomradh air bàird is luchd-ciùil is e Taigh nam Bàrr a their sinn ri ar caraid, agus is leòir sin. Bha e, mar an ceudna, aithnichte mar Bhàrd Taobh Loch Èite."

Nuair a bha MacCaluim òg bha an Fhùirneis Iarainn a' dol ann an Taigh an Uillt agus thug Niall MacIlleSheathanaich dealbh dhen àite anns an aon phrògram:

"Bhiodh ceathach dhùinte ag èirigh do na speuran rè an là, agus air an oidhche lasair theine a' sgaoileadh 's a' deàrrsadh gu ruige Cruachan. Bha mòran mhnathan, às na h-Eileanan is à sgìrean Gàidhealach, a' tighinn gu Taigh an Uillt is a' faighinn cosnaidh a' rùsgadh chraobhan daraich, is a' dèanamh sguabagan beithe, gu feum na Fùirneis."

Dh'ionnsaich MacCaluim òg mòran fhonn bho na boireannaich seo agus chuir e iad gu feum na b' fhaide air adhart na bheatha. Dh'ionnsaich e cuideachd san sgoil:

"Bha Iain MacCaluim fortanach an làithean òige e a bhith fo chùram is fo stiùireadh oideachan-foghlaim a bha fo mhòr mheas, mar a bha Dùghall MacIlleRiabhaich an Taigh an Uillt agus Dòmhnall Caimbeul san Rubha Gharbh am Bàrr a' Challtainn. Bha an Caimbeulach cho àrd am foghlam, is gun deach cuid de dh'oileanaich ceum dìreach bhon Rubha Gharbh gu ruige an oilthigh."

Bha a' chiad chosnadh aig Iain anns an Òban, ach aig aois 24 chaidh e a Ghlaschu agus, mar iomadh Gàidheal roimhe is às a dhèidh, dha na poilis. Ràinig Iain MacCaluim àrd-inbhe anns na poilis ach, an dèidh 26 bliadhna, bhris a shlàinte. Leig e dheth a dhreuchd agus thill e a dh'Earra-Ghàidheal. Ann an Glaschu bha e fad bhliadhnaichean na bhall de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Bha e na Cheann-suidhe air a' chòisir agus na fhear-teagaisg Gàidhlig do na buill. Chionns gum b' urrainn dha ceòl a sgrìobhadh agus a leughadh anns an dà rian, bha e na thaic mhòr do Thormod Dòmhnallach a bha, aig an àm, a' stiùireadh na còisir. Bha e cuideachd na Cheann-suidhe air Comann Latharnach Ghlaschu agus na Iar Cheann-suidhe air Cèilidh Àrd-sgoil Ghlaschu.

A bharrachd air a bhith soirbheachail aig Mòdan còmhla ris a' chòisir, bha MacCaluim soirbheachail ann am farpaisean eile air a cheann fhèin:

"Choisinn e duaisean aig a' Mhòd le co-chruinneachaidhean òrain le fuinn nach robh riamh roimhe an clò. Bha anns na co-chruinneachaidhean seo cuid de na h-òrain a chuala e na bhalach, cho math ris na dh’fhoghlaim e bho shean òranaichean eile. Fòghnaidh e aon de na h-òrain sin ainmeachadh; òran a thugadh am follais aig a' Mhòd Nàiseanta agus a tha a-nis caithreamach aig cèilidhean is cuirmean-ciùil, Bidh Fonn Oirre Daonnan, 'S Bidh Aoibh Oirre An-còmhnaidh. B' e ùghdar an òrain seo Seumas MacIlleSheathanaich; a mhuinntir an aon àite ri Taigh nam Bàrr e fhèin agus ris an abradh iad Bàrd Loch nan Eala."

Aig Mòd 1905, ann an Inbhir Pheofharain, choisinn MacCaluim a' chiad duais airson bàrdachd ri fonn ceòl pìoba, le Cath Gairidheach, a chuir e ris an fhonn Meàrrsadh Dhòmhnaill Bhallaich. Aig a' Mhòd a' bhliadhna ron a sin, an Grianaig, choisinn e a' chiad duais leis an òran Croitearan Thròndairnis a chuir e ri fonn air an robh Gillean Phort Rìgh:

Gur a fada bhon bu chòir dhomh luinneag chuir air seòl
Do na seòid chruaidh ghramail, fhearail, chliùiteach,
A tha chòmhnaidh mar a b' àbhaist an Tròndairnis 's a' Bhràighe,
Na fir dhàna chuir urram air ar dùthaich;

Chaidh an smùid-shoithich Loch Iall air an turas ud an iar
Gu ruig crìoch Eilean Sgitheanach nan stùcan,
'S bha i luchdaichte gun dìth le maraichean 's maoir-sìth
Dol a dhìth-eachadh earrasachd nan diùlnach.

Guma sona cor nan Gàidheal a tha fuireach as a' Bhràigh
Siud na gillean nach robh drionganach no mùigeach;
Nuair bha Uabharaith an t-seilg a' toirt oidhirp leis a' cheilg
Air gach seilbh o na croitearan a spùinneadh.


B' e MacCaluim a sgrìobh na facail agus am fonn aig Ceòl nan Cruinneag agus rinn e grunn òran a' moladh a sgìre fhèin, Bràighe Mhuc-carna, Fàilte Bhun-Atha, agus Fàilte Lathurna nam measg.

Ach a dh'aindeoin a chomasan mar bhàrd, b' ann air sgàth nam fonn a chruthaich e a bha e gu h-àraidh aithnichte na latha. B' e a chuir am fonn ri Ri Guaillibh a Chèile, le Donnchadh Mac Ille Ruaidh, agus anns an dà leabhar a dh'fhoillsich Calum MacLeòid fon ainm Modern Gaelic Bards, tha 25 de dh’fhuinn ùra annta le MacCaluim, a bharrachd air còig fuinn a dh'ath-leasaich e.

Chuir e fuinn ri facail a sgrìobh bàird leithid Iain Caimbeul (Bàrd na Leideig), Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh), Màiri NicEalair, An Lighiche Iain MacLachlainn à Rathuaidh, Niall MacLeòid an Eilein Sgitheanaich, agus Calum Caimbeul MacPhàil.

Mar a dh'innis Niall MacIlleSheathanaich:

"Bha Taigh nam Bàrr na bhall dìleas den Chomann Ghàidhealach agus bha e cho deas a thoirt cuideachaidh do a adhbhar is a bha e gu cuideachadh leis gach deagh adhbhar eile. Cha do dhiùlt e riamh a thàlantan ciùil a riarachadh ri aon air bith aig an robh feum orra."

Ann an Taigh nam Bàrr, fhuair Iain MacCaluim a shlàinte air ais agus cha b' fhada gun robh e trang a-rithist. Bha e na èildeir agus na fhear-togail-fuinn anns an Eaglais Shaoir Aonaichte far an robh a charaid, an t-Urramach Calum Mac an Rothaich, na mhinistear. Chuir e còisir Ghàidhlig air bonn san sgìre agus bha e na bhall de Bhòrd Sgoile Ghlinn Urachaidh agus Innis-Sheilich. Rinn e obair mhòr airson An Laoidheadair a dheasachadh airson clò, a' saothrachadh còmhla ri Mac an Rothaich agus an t-Ollamh Raibeart MacLeòid airson fuinn ùra a chruthachadh far an robh feum agus ag ath-leasachadh fuinn eile.

Chaochail Iain MacCaluim aig aois 75, agus, mar a thuirt Niall MacIlleSheathanaich:

"Dh'fhàg e eisimpleir ionmholta às a dhèidh, agus bu mhath leam na pàrantan a tha gam èisteachd aire shònraichte a thoirt dhi. Bha nighean aige agus b' i a' Ghàidhlig a chleachd iad rithe. Chaidh i na h-àm don oilthigh an Glaschu. Ghabh i Gàidhlig mar aon de na cuspairean, ged nach deach a' chànain sin a theagasg dhi anns an sgoil, agus thog i àrd-dhuaisean san dà bhuidheann Cheilteach. Phòs i agus tha nighean aice. Ghabh ise Gàidhlig an Àrd-Sgoil an Òbain agus chaidh i à sin gu ruige Oilthigh Dhùn Èideann. Lean i ris a' Ghàidhlig an sin agus thog ise cuideachd na duaisean anns an dà bhuidheann Cheilteach."

B' e an dà nighean seo, Màiri, màthair a' Bhrigadier Iain MacPhàrlain, an Taigh an Uillt, agus Anna, a phiuthar. Tha sinn gu mòr na chomain airson an cuideachadh a thug e dhuinn leis an fhiosrachadh seo.

Clàr sgrìobhaidhean

Cath Gairidheach
Ceòl nan Cruinneag